Cànanan

Tha Pàrlamaid na h-Alba airson a bhith cho so-ruigsinneach sa ghabhas dhan a h-uile duine ann an Alba agus airson 's gun gabh muinntir na h-Alba pàirt san obair aice.

Tha fiosrachadh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba ann an roghainn de chànanan airson an dà chuid daoine a tha a' fuireach ann an Alba agus airson daoine a tha a' tadhal air Alba.

Tha cleachdadh nan cànanan ann am Pàrlamaid na h-Alba air a stìureadh le Poileasaidh Cànain Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (63.2KB pdf)

Plana Gàidhlig

Tha am plana a’ mìneachadh mar a chleachdas Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ Ghàidhlig na seirbheisean, mar a chuireas i cleachdadh na Gàidhlig air chomas ann an conaltradh agus mar a bhios i ag ag àrdachadh is a leasachadh na Gàidhlig.

Taic cànain

Tha Pàrlamaid na h-Alba airson a bhith cho so-ruigsinneach sa ghabhas dhan a h-uile duine ann an Alba agus airson 's gun gabh muinntir na h-Alba pàirt san obair aice.