Gàidhlig
|
Taisbeanadh nan ‘Sgeulachdan Siùbhlach’ aig Pàrlamaid na h-Alba ann an Steòrnabhagh |
Tha taisbeanadh-siubhail far a bheil deichnear a-mach air ceanglaichean ri Pàrlamaid na h-Alba ri fhaicinn ann am Museum nan Eilean, Steòrnabhagh, Dimàirt 3 Lùnastal.
Mar phàirt den taisbeanadh tha sgeul Iain MhicLeòid, Gàidheal à Carlabhagh ann an Eilean Leòdhais bho dhùthchas, leis an do shoirbhich an iomairt aige airson tionnsgnaidhean ùra gus taic a chur ris a’ Ghàidhlig don ùine air thoiseach.
Anns an taisbeanadh eadar-ghnìomhach, a tha air 1,000 de mhìltean a shiubhal air feadh na h-Alba mar-thà, tha measgachadh de dhealbhan, mhìrean, stuth-èisteachd is stuth-amhairc. |
| Faigh a-mach barrachd: Leugh fios naidheachd mu Sgeulachdan Siùbhlach |
|
Aithisg bhliadhnail na Pàrlamaid 2009-10 air a foillseachadh |
Chaidh bliadhna thrang airson reachdas is airson gnìomhan com-pàirteachaidh a nochdadh an-diugh nuair a dh’fhoillsich Pàrlamaid na h-Alba a h-aithisg bhliadhnail.
A’ cur an cèill obair na Pàrlamaid bho 9 Cèitean 2009 gu 8 Cèitean 2010, tha an Aithisg a’ toirt sùil air obair làitheil Thaigh an Ròid, nam measg mion-fhiosrachadh mu gach comataidh pàrlamaideach cho math ri fiosrachadh mu phrìomh dheasbadan san t-Seòmar agus reachdas.
Rè na h-ùine sin, fhuair 15 bilean Aonta Rìoghail agus chaidh nan Achdan Pàrlamaid na
h-Alba. Bha tè dhiubh ga cur air adhart le BPA na beinge-cùil, bha tè na Bile Prìobhaideach
agus bha a’ chòrr nam bilean Riaghaltais. |
| Faigh a-mach barrachd: Tbh Taigh an Ròid | An Seòmar | Gnothaichean pàrlamaideach làthaireach is san àm ri teachd |
|
Comataidh gus sùil a thoirt air poileasaidhean ùraichte mu dhìon fiadh-bheatha |
Tha atharrachaidhean air am moladh a thaobh ceadachadh sitheann, reachdas poidsig, stiùireadh fèidh, laghannan ribe agus casg is smachd air seòrsaichean neo-dhùthachasach de bheathaichean buailteach air briseadh a-steach nam measg nan cuspairean air a bheil Comataidh Cùisean Dùthchail is Àrainneachd ag iarraidh beachdan agus i a’ tòiseachadh a sgrùdaidh de Bhile Fiadh-bheatha is Àrainneachd Nàdarra (Alba).
Is e amas a’ Bhile cuid de na laghannan eadar-dhealaichte ùrachadh a thaobh fiadh-bheatha is an àrainneachd nàdarra gus dearbhadh gu bheil iad freagarrach don 21mh linn.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Maureen Watt BPA: "Tha e cudromach gu bheil reachdas gus brosnachadh is dìon fiadh-bheatha agus àrainneachd nàdarra na h-Alba freagarrach don dà chuid, an là-an-diugh agus an t-àm a tha romhainn.”
|
| Faigh a-mach barrachd: Leugh am fios naidheachd |
|
Tursan Treòraichte Gàidhlig an-asgaidh aig Taigh an Ròid
|
Faodaidh muinntir na Gàidhlig turas an-asgaidh a ghabhail mu Thaigh an Ròid a-nis fhad is a bhios iad ag èisteachd ri iùl anns a' chànan aca fhèin.
Faodaidh luchd Gàidhlig a thèid air tursan-iùil innealan-làimhe a chleachdadh gus barrachd ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA: “Tha sinn moiteil mar Phàrlamaid às a bhith fosgailte is follaiseach agus is e adhbhar-gàirdeachais a tha ann an t-seirbheis mu dheireadh le cosgais do luchd-tadhail gu Taigh an Ròid a thoirt air falbh.
“Tha sinn an dòchas gun toir seo air fìù barrachd de luchd-labhairt na Gàidhlig a thighinn is a dh’fhaicinn na Pàrlamaid dhaibh fhèin.”
|
|
Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba |
Bidh sgioba Gàidhlig na Pàrlamaid a’ toirt seachad sheirbheisean Gàidhlig do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, a’ gabhail a-staigh foillseachaidhean. Tha Pàrlamaid na h-Alba air plana Gàidhlig reachdail ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Faodaidh tu sgrìobhadh no fònadh don Phàrlamaid sa Ghàidhlig: 0131 348 5395; gaidhlig@scottish.parliament.uk. |
| |
|