Select here to go directly to the document text
 
  
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

 

COMATAIDH AN FHOGHLAIM A’ GAIRM AIRSON FIANAIS AIR BILE CO-SGRÙDAIDHEAN AIR SEIRBHEISEAN CLOINNE AGUS SGRÙDADH AIR SEIRBHEISEAN OBAIR SHÒISEALTA (ALBA).

CED006/2005 | 10 Samhain 2005

Tha Comataidh Foghlaim Pàrlamaid na h-Alba air gairm fianais fhoillseachadh agus iad a’ sireadh bheachdan bho dhaoine fa leth agus bho bhuidhnean aig a bheil ùidh ann am bun-phrionnsabalan Bile Co-sgrùdaidhean air Seirbheisean Cloinne agus Sgrùdadh air Seirbheisean Obair Shòisealta (Alba), a thugadh a-steach air 28 Dàmhair 2005.

Is e amas Pàirt 1 a' Bhile buidhnean-sgrùdaidh agus buidhnean-gnìomha le cumhachdan laghail a chur an dreuchd gus seirbheisean cloinne a cho-sgrùdadh. Bidh Pàirt 2 den Bhile a’ toirt cumhachdan soilleir don Bhuidhinn Sgrùdaidh air Obair Shòisealta gus sgrùdadh a thoirt air na seirbheisean obair shòisealta air fad.

Tha iarrtas air luchd-freagairt a chur an cèill:

• co-dhiù a bheil no nach eil iad ag aontachadh ri bun-phrionnsabalan a’ Bhile;

• dè na buannachdan agus mì-bhuannachdan a  tha anns an reachdas ùr;

• an do rinn Riaghaltas na h-Alba pròiseas co-chomhairleachaidh gu h-èifeachdach air a’ Bhile mus tugadh a-steach don Phàrlamaid e;

• eileamaidean sam bith anns a’ Bhile a dh’fhaodar a’ gabhail gnothach riutha agus molaidhean air mar a dh’fhaodar leasachadh a thoirt orra;

agus

 • a bheil cuspairean sònraichte anns a’ Bhile air nach cuirear aghaidh gu h-iomchaidh.

Tha Bile Co-sgrùdaidhean air Seirbheisean Cloinne agus Sgrùdadh air Seirbheisean Obair Shòisealta (Alba) ga foillseachadh mar Bhile SP 49 agus tha e ri fhaighinn bho làraich-lìn na Pàrlamaid aig:

http://www.scottish.parliament.uk/bills/index.htm cho math ri Meòrachan Poileasaidh a’ Bhile, Notaichean Fiosrachaidh agus Meòrachan Ionmhasail.

Faodar gun tèid na gheibhear de dh’fhianais sgrìobhte fhoillseachadh leis a’ Phàrlamaid agus dèiligear rithe mar sgrìobhainn-phoblach mura sònraichear a chaochladh.Thèid na freagairtean sgrìobhte air fad a sgaoileadh do bhuill Comataidh an Fhoghlaim.

Bu chòir fianais sgrìobhte a bhith air a cur a-steach ro Dihaoine 18 Samhain. Cha chuirear sìneadh ris an ùine seo ach a-mhàin le iarrtas sgrìobhte do neach-gairm na Comataidh.   

NOTAICHEAN

Mar a dh’fhaodar an fhianais fhoillseachadh, b’fheàrr leinn freagairtean a bhith gan cur a-steach tro phost-dealain gu education.committee@scottish.parliament.uk le “Joint Inspections Bill’ air a sgrìobhadh anns an loidhne chuspair.

Ma tha coimpiutair agaibh, ach gun chomas phost dealain, faodaidh sibh ur freagairt a chur a-steach thugainn air diosga 3½", b’fheàrr leinn ann an cruth MS Word. Is ann le Pàrlamaid na h-Alba a tha na freagairtean air fad agus chan urrainn dhuinn sgrìobhainnean a chur air ais.

Bu chòir freagairtean air pàipear a chur a-steach gu:

Paul Howell
Comataidh an Fhoghlaim
Seòmar T3.40
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP

Bu chòir do na freagairtean gun a bhith nas fhaide na ceithir taobhan A4.

Faodaidh sibh an sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig.

Dh’fhaodadh gum bu toigh leibh sùil a thoirt air an Iùl air Bilean Poblach a tha ri fhaighinn bho:

http://www.scottish.parliament.uk/business/bills/billguidance/gpb-c.htm.

Airson fiosrachadh do na meadhanan anns a' Bheurla, cuiribh fios gu:

Richard Holligan Fòn: 0131 348 5605 Fònaichean Text Relay dì-beathte

Post-d: richard.holligan@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachadh sònraichte mun chomataidh, cuir fios gu:

Eugene Windsor, Clàrc na Comataidh: 0131 348 5204

Post-d: eugene.windsor@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachadh do na meadhanan anns a' Ghàidhlig, cuiribh fios gu:
Alasdair MacCaluim: 0131 3485395

Post-d: alasdair.maccaluim@scottish.parliament.uk

Airson  cheistean air fiosrachadh poblach/cheistean anns an fharsaingeachd, cuiribh fios gu: 0131 348 5000 or 0845 278 1999 (ìre ionadail)

Post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk


Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.scottish.parliament.uk/gaidhlig