Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Gàidhlig

Coinneamhan comataidh an-diugh

Drochaid Rathad an Fhoirthe. Dealbh: Douglas McGilviray/iStockphoto

Am measg gnothaichean comataidh an-diugh bidh:

Comataidh Còmhdhail, Bun-structair agus Atharrachadh Clìomaid a’ cluinntinn fianais air adhartas Riaghaltas na h-Alba air leasachadh seasmhach air a leantainn le fianais air Bile Aiseag an Fhoirthe.

Comataidh nan Athchuingean Poblach a’ beachdachadh air athchuingean làthaireach air sreath chuspairean, nam measg còraichean daonna airson tuathanaich crodh-bainne

Comataidh an Ionmhais a’ beachdachadh air Bile Ath-leasachadh Seirbheisean Poblach (Alba) aig Ìre 2.

Comataidh a’ Cheartais a’ beachdachadh air dreachd aithisg Ìre 1 air Bile Seirbheisean Laghail (Alba).

Thoir sùil air an Iris Ghnothaichean airson barrachd fiosrachaidh mu choinneamhan comataidh.

Faigh a-mach barrachd: Tbh Taigh an Ròid | Lorgaire Gnothaichean Comataidh | Gnothaichean làithreach is san àm ri teachd

Anns an t-Seòmar an t-seachdain seo

Cù air iall. Dealbh: iStockphoto

Tòisichidh gnothaichean anns an t-Seòmar Diciadain aig 2f. le Àm-cnuasachaidh air a stiùireadh le Dàibhidh Duncan bho Chomhairle Eadar-chreideimh na h-Alba.

Air a’ ghnothaich diciadain bidh:
Àm-cheistean na Buidhne Corporra
• deasbad tòiseachail air Bile Gluasad-seilbhe is Sgaoileadh Ure Elder
• deasbad Ìre 1 air Bile Smachd air Coin (Alba)
deasbad  Riaghaltas na h-Alba air Òrdugh Ionmhas Riaghaltas Ionadail (Alba) 2010
• Gnothaichean nam Ball bho Ian McKee BPA air Stèisean Rothair a’ dèanamh Dùbhlan Ionadail de Atharrachadh Clìomaid.


Tòisichidh gnothaichean diardaoin aig 9.15m agus nam measg bidh:


• gnothaichean Ìre 3 Bhile Dìon Sealbhadair Dhachaidh is Luchd-fhiach
Àm nan Ceist Cuspaireil  
• Ceistean a’ Phrìomh Mhinisteir  
• deasbad Comataidh Co-ionnanachd Chothrom air a h-aithisg air eucoirich bhoireann ann an siostam a’ cheartais   

Gnothaichean nam Ball Dr Richard Simpson BPA air A' comharrachadh ciad sheachdain GP na h-Alba  

Thoir sùil air an Iris Ghnothaichean airson barrachd fiosrachaidh mu choinneamhan pàrlamaideach san àm ri teachd.

Faigh a-mach barrachd: Tbh Taigh an Ròid | An Seòmar | Gnothacihean làthaireach is san àm ri teachd

Rìgh-chathair Chruithneach ùr aig Taigh an Ròid

Rìgh-chathair Chruithneach ann an Taigh an Ròid Tha a’ chiad Rìgh-chathair Cruinneach a chaidh a thogail bho chionn còrr is mìle bliadhna ri faicinn ann an Taigh an Ròid.

Chaidh an rìgh-chathair a thogail le Adrian McCurdy, neach-dèanamh àirneis às na Crìochan. Bha an dealbhadh aige stèidhichte air dealbhan de dhaoine nan suidhe air rìgh-chathraichean bho charraighean Cruithneach.

Tha e gu math iomchaidh gu bheil an Righ-chathair suidhichte ann an Pàrlamaid na h-Alba a chionn’s gun robh Rìghrean Cruithneach cho cudromach uair ann an riaghladh na h-Alba.

Chaidh an rìgh-chathair, a bhios ri faicinn sa Phàrlamaid gu deireadh a’ Mhàirt, a choimiseanadh Companaidh Glenmorangie agus le Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba gus tuigse a bhrosnachadh air muinntir ro-eachdraidheil na  h-Alba agus an saoghal aca.

Faigh a-mach barrachd: Tbh Taigh an Ròid | An Seòmar | Gnothaichean pàrlamaideach làthaireach is san àm ri teachd

Cùrsa A-staigh Pàrlamaid airson tìdsearan

tìdsearan aig a' PhàrlamaidTha an t-Seirbheis Foghlaim aig a’ Phàrlamaid a’ ruith cùrsa ùr airson tìdsearan air a bheil A-staigh Pàrlamaid.

Tha an cùrsa, a bhios ga cumail bho Chèitean 4-7 2010, na chothrom leasachadh proifeiseanta anns am faighear sealladh bhon taobh a-staigh air mar a tha a’ Phàrlamaid ag obair, cho math ri toirt a-steach cothrom goireasan ùr clas-sgoile a chruthachadh agus lìonrachadh le tìdsearan eile bho air feadh na h-Alba.     

Is dòcha gum bi A-staigh Pàrlamaid as fhreagarraiche do thìdsearan Rannsachaidhean Sòisealta, Foghlam Creideamh is Moralta no Na h-Ealain Cur-an-cèill ach thèid beachdachadh air tìdsear sam bith. Dùinidh am pròiseas iarrtais Dihaoine 5 Màrt.

Faigh a-mach barrachd: Foghlam aig a' Phàrlamaid | A' leantainn ort le Leasachadh Proifeiseanta

Seiseanan Foghlaim an-diugh

sgoilearan air turas Tha prògram foghlaim againn airson sgoiltean, colaistean agus buidhnean foghlaim eile a tha airson faighinn a-mach mu na tha dol ann an Taigh an Ròid. An-diugh, bidh sinn a’ cur fàite air buidhnean às na sgoiltean a leanas:  


• Bun-sgoil Uachdar Bhaile an t-Saoir ann an Siorrachd Lannraig a Deas
• Àrd-sgoil Chaitligeach Naoimh Mhungo anns an Eaglais Bhric

A bharrachd air seo, bidh luchd-obrach na Pàrlamaid a’ tadhal air:

• Sgoil Choimhearsnachd Shiabost, Eilean Leòdhais
• Sgoil Beaconhurst Drochaid Ailein faisg air Sruighlea
• Bun-sgoil ann am Farrais, Moireibh

Airson barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ tighinn don Phàrlamaid, coimhead air na duilleagan foghlaim far am faigh thu goireasan teagaisg airson cuideachd le obair na sgoile agus geamaichean foghlaim.

Faigh a-mach barrachd: duilleagan foghlaim

Tursan Treòraichte Gàidhlig an-asgaidh aig Taigh an Ròid

inneal-làimheFaodaidh muinntir na Gàidhlig turas an-asgaidh a ghabhail mu Thaigh an Ròid a-nis fhad is a bhios iad ag èisteachd ri iùl anns a' chànan aca fhèin.

Faodaidh luchd Gàidhlig a thèid air tursan-iùil innealan-làimhe a chleachdadh gus barrachd ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA: “Tha sinn moiteil mar Phàrlamaid às a bhith fosgailte is follaiseach agus is e adhbhar-gàirdeachais a tha ann an t-seirbheis mu dheireadh le cosgais do luchd-tadhail gu Taigh an Ròid a thoirt air falbh.

“Tha sinn an dòchas gun toir seo air fìù barrachd de luchd-labhairt na Gàidhlig a thighinn is a dh’fhaicinn na Pàrlamaid dhaibh fhèin.”

Faigh a-mach barrachd: Leugh am fios naidheachd | A' tadhal air Taigh an Ròid | Pàrlamaid na h-Alba

Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba

faclairean GàidhligBidh sgioba Gàidhlig na Pàrlamaid a’ toirt seachad sheirbheisean Gàidhlig do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, a’ gabhail a-staigh foillseachaidhean. Tha Pàrlamaid na h-Alba air plana Gàidhlig reachdail ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Faodaidh tu sgrìobhadh no fònadh don Phàrlamaid sa Ghàidhlig: 0131 348 5395; gaidhlig@scottish.parliament.uk.

Faigh a-mach barrachd: Seirbheis na Gàidhlig I Goireasan Gàidhlig (faclairean, ainmean-àite 7c.) | Foillseachaidhean Gàidhlig I Co-chomhairlean | Plana Gàidhlig | Gaelic in the Scottish Parliament