A' tadhal air a' Phàrlamaid

Debating Chamber

Na ghabhas dèanamh

Gèarr-chunntas de na rudan as urrainn dhut dèanamh ann am Pàrlamaid na h-Alba. Faigh a-mach na tha a’ dol air latha sònraichte den t-seachdain no faigh a-mach mu thursan no mu bhith a’ coimhead air gnothaichean na Pàrlamaid.

VisitorServicesIISE20091214

Tursan Treòraichte An-asgaidh

Tha tursan an-asgaidh agus uair a thìde de dh’fhaid. Agus gu h-àbhaisteach bidh cuairt gu urlar an t-Seòmair Dheasbaid, Lobaidh a’ Ghàrraidh agus gu Seòmar Comataidh mar phàirt den turas.

Debating Chamber from behind

Tiocaidean airson Deasbadan Pàrlamaideach

Mar a chuireas tu tiocaidean air dòigh airson deasbad san t-Seòmar

Committee Room

Tiogaidean airson Coinneamhan Comataidh

Tha comataidhean nam buidhnean beaga de BhPA a bhios a’ coinneachadh gus bruidhinn air agus beachdachadh air reachdas is cùisean eile. Faodaidh luchd-tadhal a bhith san amharc aig na coinneamhan seo saor is an asgaidh.

Public Gallery of Debating Chamber

Fiosrachadh So-ruigsinneachd

Tha Pàrlamaid na h-Alba air leabhar-iùil mu sho-ruigsinneachd agus Pàrlamaid na h-Alba a dhèanamh gus cuideachd a thoirt do dhaoine aig a bheil ciorram a tha a' tadhal air togalach Taigh an Ròid.

Parliament Café

Biadhlann na Pàrlamaid

Tha Biadhlann na Pàrlamaid stèidhichte aig cùl Thalla a’ Phobaill. Tha cathraichean innte airson mu thuairim 60 duine agus bidh biadh is deochannan rin reic don phoball an-sin nuair a bhios Taigh an Ròid fosgailte.

Public entrance of the Parliament

Uairean Fosglaidh

Tha Pàrlamaid na h-Alba fosgailte do Luchd-tadhail Diluain gu Disathairne. Atharrachaidh amannan fosglaidh a rèir àm na bliadhna agus seiseanan na Pàrlamaid.

MSP building and Queensberry House at night

Càite bheil sinn?

Mar a ruigear Pàrlamaid na h-Alba air chois, air an rathad no air an trèana

The Creche at the Scottish Parliament

Crèche

Is e an crèche poblach aig Pàrlamaid na h-Alba an t-aon ghoireas de leithid anns an Roinn-Eòrpa agus tha e ga mheasadh le Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba na phàirt cudromach de chruthachadh Pàrlamaid a tha fosgailte agus air am faighear cothrom.

Presiding Officer

Còd giùlain do luchd-tadhail

Ma bhios tu a’ tadhal air a’ Phàrlamaid gus a bhith ann airson gnothaichean anns an t-Seòmar no aig coinneamh comataidh, tha còd giùlain ann a dh’fheumas tu leantainn, fo òrdugh an Oifigeir Riaghlaidh.

Leabhar-iùil oifigeil

Guide Book

Tha leabhar-iùil ri fhaighinn.