Poileasaidh Àrainneachd - 2012
Sealladh
Tha rùn aig an SPCB a bhith na shamhla den chleachdadh as fheàrr ann an dèanadas a thaobh na h-àrainneachd agus a bhith ag obair gu seasmhach
Amas
Tha rùn aig an SPCB leasachadh leanmhainneach a thoirt an dèanadas aige a thaobh na h-àrainneachd agus an àrainneachd a dhìon le bhith a’ lùghdachadh truaillidh agus caitheamh-ghoireasan, agus le bhith a’ cur taic ri agus a’ brosnachadh bith-eugsamhlachd.
Cinn-chrìche:
Nì an SPCB mar a leanas:
- Dèanamh cinnteach gun tuig an luchd-obrach, Buill Pàrlamaid na h-Alba agus feadhainn eile a chleachdas an togalach gu h-iomlan mar a chuidicheas iad gus leasachadh a thoirt air dèanadas a thaobh na h-àrainneachd.
- Cuideachadh mi maolachadh air mùthadh na tìde le bhith a’ lùghdachadh lorg-carboin na Pàrlamaid.
- Dealbhadh agus ullachadh airson tìde a’ mùthadh.
- Leasachadh a thoirt air gleidheadh-lùtha an togalaich agus lùth ath-nuadhachaidh a chleachdadh nuair as iomchaidh.
- Uisge a chleachdadh gu h-èifeachdach.
- Goireasan a dhìon le bhith a’ cumail ris an ìre as lugha de thruailleadh agus a’ comharrachadh dhòighean gus stuth a lùghdachadh, ath-chleachdadh, a chàradh agus ath-chuairteachadh.
- Ceannach ann am modh a tha mothachail air an àrainneachd a rèir Poileasaidh agus Ro-innleachd na Pàrlamaid mu Cheannach;
- Lùghdaich feum air siubhal – nuair as iomchaidh – agus cuir air adhart a bhith a’ cur feum air siubhal seasmhach le daoine ag obair anns an togalach agus a’ tadhal air;
- Taic agus brosnachadh a thoirt do bhith-eugsamhlachd an taobh a-staigh fearann na Pàrlamaid;
- Gèilleadh ri – agus, nuair a ghabhas e dèanamh, dol thairis air – na feumalachdan laghail is eile air fad mun àrainneachd;
- Siostam-rianachd àrainneachd a chumail a tha a rèir nan Slatan-tomhais Eadar-nàiseanta mu Rianachd na h-Àrainneachd (ISO 14001) Gabhaidh an Siostam gnothach ri àrainn na Pàrlamaid agus ris an fhearann mu thimcheall oirre.
Fhuair am Poileasaidh seo mun Àrainneachd aonta bhon SPCB agus bho Bhuidheann-ceannais na Pàrlamaid, ach tha a bhith ga chur an gnìomh gu h-èifeachdach an urra ris na h-uile a tha ag obair anns a’ Phàrlamaid no ga cleachdadh.
Tricia Marwick
Oifigear Riaghlaidh
Paul Grice
Prìomh Oifigear
An Dùbhlachd 2012