Càite bheil sinn?

Tha togalach Pàrlamaid na h-Alba ann an sgìre Holyrood ann am meadhan Dhùn Èideann aig bonn na Mìle Rìoghail faisg air Lùchairt Taigh an Ròid.

Mapaichean

Seallaidh am mapa gu h-ìosal far a bheil Pàrlamaid na h-Alba. Ma thaghas tu 'View Larger Map', fosglaidh seo Google Maps aig a bheil an roghainn stiùireadh fhaighinn bhon àite far a bheil thu don Phàrlamaid.


View Larger Map

 

A' dol gu Taigh an Ròid air a' bhus

Is urrainn luchd-tadhail na seribheisean bus 35 (stad as fhaisg: Canongate) agus 36 (stad as fhaisg: Horse Wynd) aig Lothian Buses fhaighinn.

Tha grunn slighean bus eile a tha meadhanach faisg air làimh. Gheibhear fiosrachadh mu na seirbheisean bus ionadail uile bho Traveline.

A' dol gu Taigh an Ròid air an trèana

Tha togalach na Pàrlamaid beagan is 1.5 km (no mu mhìle) bho stèisean rèile Waverley Dhùn Èideann. Tha fios mu sheirbheisean rèile gu/bho Dhùn Èideann ri fhaighinn bho làrach-lìn National Rail.

A' dol gu Taigh an Ròid air an rathad

’S e Cnoc Naomh Eòin (inntrigeadh bho Rathad Holyrood) no am fear faisg air stèisean rèile Dùn Èideann Waverley (inntrigeadh tro New Street) na pàirceanchàraichean as fhaisge air a’ Phàrlamaid.

Tha beagan àiteachan pàircidh poblach, air an cumail don fheadhainn aig a bheil bràistean gorma, rim faighinn air Caigeann nan Each (Horse Wynd) airson luchd-tadhail air Sgìre Holyrood. Thèid àite pàircidh eile a chur air dòigh faisg air làimh nuair nach fhaighear gu na h-àiteachan pàircidh sin.

Feumaidh draibhearan còidse an cearcall-tionndaidh air beulaibh Our Dynamic Earth air Rathad an Ròid (Holyrood Road) a chleachadh airson daoine a leigeil a-mach/a-steach. Faodaidh còidseachan fuireach an seo airson suas ri 15 mìonaidean. Tha pàrcadh do chòidseachan ri fhaighinn aig Rathad an Leas-rìgh (Regent Road). Bu chòir daoine coiseachd bho thaobh a-muigh Our Dynamic Earth. Bu chòir dhaoine tionndadh air an làimh dheas air an t-slighe a-mach à Our Dynamic Earth agus coiseachd tro ghàraidhean na Pàrlamaid gus an dòras poblach air Caigeann nan Each (Horse Whynd).

A' dol gu Taigh an Ròid air baidheagal

Tha stòrsan-rothair poblach rim faighinn ri taobh Ionad Fiosrachaidh Taigh an Ròid air Caigeann nan Each.