Gluasadan, Atharrachaidhean is Freagairtean

Ceistean Pàrlamaideach

Faodaidh BPA ceist a chur air Riaghaltas na h-Alba no Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba. Tha na ceistean nan dòigh gus fiosrachadh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba no bho Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba.

Faodaidh ceistean Phàrlamaideach a bhith ann an cruth sgrìobhte no beòil. Bithear a’ freagairt ceistean beòil aig Àm nan Ceistean agus aig Ceistean don Phrìomh Mhinistear. Ann an suidheachaidhean air leth, is urrainn ceist èiginneach a ghabhail anns an t-Seòmar.

Thèid ceistean a fhreagairt ann an Aithisg nam Freagairtean Sgrìobhte.

For Riaghailt 13.5.2 anns na Gnàth Riaghailtean, feumar ceistean pàrlamaideach a fhreagairt taobh a-staigh 10 làithean-obrach (20 latha obrach rè fosadh na Pàrlamaid). Chaidh inneal-rannsachaidh nan ceistean pàrlamaideach ùrachadh bho chionn goirid gus an urrainn dhut ceistean a lorg a chaidh a chur ach nach deach a fhreagairt fhathast.

Gheibhear fiosrachadh mu a h-uile ceist a thèid a chur anns an Iris Ghnothaichean.

 

Gluasadan

Tha gluasadan gan cleachdadh le Buill mar innleachd gus deasbad a thòiseachadh no gnìomh sònraichte a mholadh.

Faodar gluasadan a chur a-steach gus an deasbad anns a’ Phàrlamaid mar phàirt de ghnothach na Pàrlamaid, gus an deasbad mar chuid de Ghnothach nam Ball, a mholadh gun tèid reachdas aontachadh no dìreach gus taic a thogail. Faodaidh Buill eile ainm a chur sìos mar thaic ri gluasadan air an cur a-steach.

Tha atharrachaidhean air gluasadan gan cur a-steach le Buill cuideachd, gus beachdan a nochdadh is a dheasbad.

Tha inneal-rannsachaidh nan gluasad  a’ leigeil leibh rannsachadh a dhèanamh airson ghluasadan air an cur a-steach. Faodar seo a dhèanamh le Ball, àireamh a’ ghluasaid no cuspairean farsaing.

 

Bhòtadh

Faigh a-mach mar a tha BPA fa leth air bhòtadh ann an Lorg Bhòtaichean.

Stiùireadh air Gluasadan is Ceistean