Mun Aithisg Oifigeil

Is e na tha san Aithisg Oifigeil an aithisg sgrìobhte làn is choileanta de dh’imeachdan Pàrlamaid na h-Alba agus nan comataidhean aice.

Nam measg seo tha:

Is ann facal air an fhacal gu ìre mhòir a tha an Aithisg Oifigeil. Gu goirid an dèidh don Phàrlamaid a’ chiad choinneamh aice a chumail ann an 1999, chuir an t-Oifigear-riaghlaidh an cèill gu bheil ‘facal air an fhacal gu ìre mhòir’ a’ ciallachadh gum bu chòir cainnt air a dùblachadh agus anbharra a leigeil às agus mearachdan follaiseach a cheartachadh agus blas na cainnt a chumail aig an aon àm. Mar a bhiodh dùil, feumar beagan de bhreitheanas a thaobh deasachaidh a chumail; mar eisimpleir, is dòcha gun cuir blas no dòigh-labhairt an neach-labhairt no gluasad corporra ris no às do na thuirt e no i, agus feumar seo a chur an cèill san riochd sgrìobhte ann an dòigh air choreigin.

Tha Aithisgean Oifigeil gam foillseachadh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba agus ann am pàipear ro 8m air an latha an dèidh coinneamhan na Pàrlamaid agus air cinn-latha aontaichte airson coinneamhan comataidh. Airson barrachd fiosrachaidh, gheibhear cothrom air an aithisg oifigeil aig official.report@scottish.parliament.uk.

Faodar goireas luirg a chleachdadh gus iomraidhean sònraichte a lorg.

Briog air English gu h-àrd gus Aithisgean Oifigeal de choinneamhan na Pàrlamaid a leughadh.