Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach

1. Is e raon-ùghdarrais Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach beachdachadh agus aithris air -

(a) cleachdadh agus modhan-obrach na Pàrlamaid a thaobh na gnothaichean aice;

(b) a bheil no nach eil dol-a-mach bhall a rèir nan Riaghailtean sin agus Còd Giùlain sam bith dha buill, gnothaichean co-cheangailte ri foillseachaidh com-pàirt nam buill, agus gnothaichean sam bith eile co-cheangailte ri dol-a-mach nam ball ann a bhith a’ coileanadh an dleastanasan Pàrlamaideach;

(c) gabhail ri, atharrachadh no cur an-gnìomh Còd Giùlain sam bith airson buill; agus

(d) gnothaichean co-cheangailte ri dreuchdan poblach ann an Alba.

2. Far a bheil a’ Chomataidh den bheachd gu bheil e iomchaidh, faodaidh i ann an gluasad moladh gun tèid còirichean agus sochairean ball a thoirt air falbh chun ìre agus airson an leithid a dh’ùine a bhios air ainmeachadh anns a’ ghluasad.