Comataidh an Ionmhais

Beachdachadh agus aithris air -

1. (a) aithisg no pàipear sam bith a chaidh a chur fa chomhair na Pàrlamaid le buill Riaghaltas na h-Alba anns a bheil molaidhean airson, no buidseitean de, ionmhas poblach no molaidhean airson gluasad atharrachadh-chìs, a’ gabhail suim de dh’aithisg no molaidhean sam bith a thaobh an leithid de phàipearan a fhuair iad bho chomataidh sam bith aig a bheil cumhachd beachdeachadh air an leithid de phàipearan no pàirtean dhiubh;

(b) aithisg sam bith a thàinig bho chomataidh a’ suidheachadh mholaidhean co-cheangailte ri cosgaisean poblach;

(c) Bilean Buidseit; agus

(d) gnothach sam bith eile co-cheangailte ri no a bheir buaidh air cosgaisean Rianachd na h-Alba no cosgaisean sam bith eile pàighte a-mach à Ionmhas Co-dhaingnichte na h-Alba.

2. Faodaidh a’ Chomataidh cuideachd beachdachadh air, agus, far am faic iad iomchaidh, aithisg a chur chun Phàrlamaid a thaobh clàr-ama airson Ìrean Bhilean Buidseit agus a thaobh làimhseachadh gnothaichean ionmhais.

3. Anns na Riaghailtean sin, tha "cosgaisean poblach" a’ ciallachadh cosgaisean Rianachd na h-Alba, cosgaisean eile pàighte a-mach à Ionmhas Co-dhaingnichte na h-Alba agus cosgaisean sam bith eile pàighte a-mach à cìsean, prìsean agus ionmhas poblach eile.