Comataidh an Fho-reachdais

Is e raon-ùghdarrais Comataidh an Fho-reachdais beachdachadh agus aithris air -

(a) cuid de -

(i) fho-reachdas sam bith a chaidh a chur fa chomhair na Pàrlamaid;

(ii) ghluasad peinnsean no shochairean sam bith mar a chaidh ainmeachadh ann an Riaghailt 8.11A.1;

agus, gu sònraichte, co-dhùnadh am bu chòir aire na Pàrlamaid a tharraing gu gin de na gnothaichean air an deach iomradh a thoirt ann an Riaghailt 10.3.1;

(b) chumhachdan sam bith rim moladh gus fo-reachdas a dhèanamh ann am Bilean sònraichte no reachdas sam bith eile ri mholadh;

(c) cheistean coitcheann sam bith co-cheangailte ri cumhachdan a dhèanamh a thaobh fo-reachdas;

(d) am bu chòir cumhachdan tiomnaichte rim moladh ann am Bilean sònraichte no reachdas eile a bhith air am mìneachadh mar chumhachd fo-reachdas a dhèanamh;

(e) tuisleadh sam bith mu bhith a’ cur sìos ionnstramaid a rèir earrann 28(2), 30(2) no 31 de Achd 2010; agus

(f) atharrachaidhean rim moladh a thaobh modhan-obrach ris am feum fo-reachdas sam bith a thèid fa chomhair na Pàrlamaid cumail.

(Mar a chaidh aontachadh le gluasad na Pàrlamaid air 1 Ògmhios 2011). (Gnàth-riaghailtean Pàrlamaid na h-Alba, Riaghailt 6.11)