11.03.2016
Tha rannsachadh le Pàrlamaid na h-Alba air co-dhùnadh nach gabhadh na
lochdan structarail a bh’ air Drochaid Rathaid an Foirthe, agus a thug oirre
dùnadh san Dùbhlachd a chaidh, fhaicinn ro-làimh.
Cho-dhùin a’ Chomataidh Bun-structair is Tasgadh Calpa cuideachd gu robh Ùghdarras Còmhdhala Inbhir an Fhoirthe (FETA) ceart prìomhachasan ùra a stèidheachadh a thaobh phròiseactan anns a’ phlana calpa aca às dèidh an Ath-mheasadh Caitheimh 2011 – a’ gabhail a-steach obair air a’ bheairt truss end link a dh’fhàillig.
Tha an aithisg an-diugh a’ tighinn às dèidh rannsachadh a ghairm a’ Chomataidh a chuala bho ghrunn luchd-fianais san Fhaoilleach agus anns a' Ghearran.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Jim Eadie BPA :
“Dh’adhbharaich dùnadh Drochaid Rathaid an Fhoirthe mòran ùpraid agus thogadh iomadh ceist reusanta mu nàdair an duilgheadais structarail agus an robh dòigh air a bhith ann a sheachnadh.
“Chuala a’ Chomataidh bho ghrunn innleadairean structarail agus riochdairean bho FETA agus Còmhdhail Alba. Bha an luchd-fianais uile den bheachd nach b’ urrainnear fios fhaighinn ro-làimh mun an duilgheadas structarail a thug air an drochaid dùnadh.
“Air an adhbhar sin tha sinn air co-dhùnadh gu robh FETA ceart prìomhachas ùr a stèidheachadh airson obair air na truss end links air sgàth an t-suidheachadh maoineachais agus a’ chomhairle innleachdais a bha ri fhaighinn aig an àm.
“Cho-dhùin a’ Chomataidh gum biodh buaidh aig togail na drochaid ùire air prìomhachasan a thaobh cuid de phròiseactan calpa. Tha a’ Chomataidh den bheachd gun do dhèilig FETA ri bhith a’ sònrachadh phrìomhachasan ùra do na pròiseactan calpa aice ann an dòigh phroifeiseanta agus ciallach.
“Tha a h-uile duine a rinn obair cho cruaidh gus an drochaid a chàradh agus fhosgladh ron àm airidh air moladh. Ach, tuigidh sinn cuideachd gu robh fìor dhroch bhuaidh aig a’ chùis air daoine a’ siubhal agus air companaidhean – gu h-àraidh luchd nan làraidhean.
“Air an adhbhar sin tha a’ Chomataidh airson moladh don Chomataidh a thig às an dèidh ann an seisean ùr na Pàrlamaid gum beachdaich iad air barrachd rannsachaidh a dhèanamh air a’ ghnothach.”