14.10.2015
Gheibh muinntir Thobar na Màthar an cothrom an guthan a bhith air chluinntinn agus Pàrlamaid na h-Alba a’ tighinn don bhaile air Diluain 9 Samhain.
Tha Làithean na Pàrlamaid, a chaidh a thoirt a-steach leis an Oifigear Riaghlaidh an Fhìor Urr. Tricia Marwick BPA, ag amas air a’ Phàrlamaid a thoirt a-mach à Dùn Èideann agus a-steach do choimhearsnachdan air feadh na h-Alba, a’ toirt misneachd do dhaoine ann an coimhearsnachdan ùidh a ghabhail anns a’ Phàrlamaid agus a bhith an sàs anns an obair a tha aice.
Mar phàirt de Latha na Pàrlamaid Thobar na Màthar, bidh Neach-gairm Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh, Cairistìona NicShealbhaich BPA, a’ coinneachadh ri luchd-obrach is sgoilearan bho sgoiltean ionadail agus a’ còmhradh riutha air na leasachaidhean gus fògarraich (refugees) agus luchd-siridh comraich (asylum seekers) a thoirt a-steach do shiostam an fhoghlaim agus do choimhearsnachdan.
Anns an fheasgar, tha cuireadh ga thoirt do dhaoine ionadail a thighinn gu seisean freagairt agus ceist, a bhios gu math neo-fhoirmeil. Bidh an t-Oifigear Riaghlaidh anns a’ chathair agus faodaidh daoine Buill Pàrlamaid na h-Alba a cheasnachadh air mar a tha a’ Phàrlamaid ag obair air an son.
Thathar a’ brosnachadh dhaoine ionadail a thighinn gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn a-mach, agus bidh solar ri fhaotainn.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:
“Tha Pàrlamaid na h-Alba ann gus na coimhearsnachdan uile ann an Alba a riochdachadh, agus tha e cudromach gun cluinn sinn bho na daoine ionadail fhèin mu dheidhinn nan cùisean a tha cudromach dhaibh. Tha mi cinnteach gun toir muinntir Thobar na Màthar an cothrom an guthan a thogail air cuspairean a tha a’ bualadh orra nam beathan làitheil.
“Tha mi a’ brosnachadh a h-uile duine aig a bheil an cothrom a thighinn don Ionad GLO airson còmhradh riumsa, ris a’ cho-luchd obrach agam na BPA agus ri luchd-obrach na Pàrlamaid gus barrachd fiosrachaidh fhaiginn air obair na Pàrlamaid. Tha sinn ag iarraidh a chluinntinn bhuat.”
Thuirt Iain Pentland, BPA airson Tobar na Màthar agus Wishaw:
“Thug Pàrlamaid na h-Alba deamocrasaidh nas fhaisge do dhaoine ann an iomadach dòigh. Tha e furasta don phoball a thadhal air Taigh an Ròid agus tha mòran luchd-taghaidh bhon sgìre-pàrlamaid agam, ann an Tobar na Màthar agus Wishaw agus na bailtean beaga mu thimcheall, air sin a dhèanamh. Tha Pàrlamaid na h-Alba so-ruigsinneach a thaobh conaltradh air leasachadh poileasaidh, agus is urrainn don phoball am beachdan a chur air adhart agus pàirt a ghabhail ann an coinneamhan comataidh agus buidhnean tar-phàrtaidh. A bharrachd air sin, tha siostam againn airson athchuingean a tha glè fhosgailte.
“Tha tadhal na Pàrlamaid air Tobar na Màthar agus Wishaw gar toirt aon cheum a bharrachd nas fhaide air adhart le bhith a’ toirt na Pàrlamaid don t-sluaigh. Tha mi an dòchas gum bi uidhir ’s a ghabhas a’ gabhail pàirt an seo agus gum bi seo a’ cuideachadh ri ùidh a thogail anns na pròiseasan deamocratach againn.
“Tha mi toilichte gum bi Neach-gairm Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh a’ gabhail pàirt ann an Latha na Pàrlamaid agus an sàs ann an còmhradh air ath-shuidheachadh nam fògarrach. Tha seo iomchaidh, gu h-àraid a chionn ’s gum b’ e Tobar na Màthar àite a’ chiad ath-shuidheachadh de dh’fhògarraich ann an Alba, agus an aon fhear gu ruige seo, fo prògram na Rìoghachd Aonaichte airson comraich, a chaidh a chur air bhonn còmhla ri prògram Àrd-choimiseanair nan Dùthchannan Aonaichte airson Fògarraich. Anns na duaisean airson taigheadas anns an Rìoghachd Aonaichte, choisinn Comhairle Lannraig a Tuath duais anns an roinn “a’ cruthachadh choimhearsnachdan amalaichte”, a chionn ’s gun robh a’ Chomhairle an sàs anns a’ phròiseact, le 80 fògarraich air an ath-shuidhicheadh an dèidh dhaibh an cogadh ann an Congo ann an 2007 a theicheadh. Tha mi cinnteach gum bi an an t-eòlas agus an t-ealantas a chaidh a leasachchadh an seo feumail anns an àm ri teachd a thaobh a’ co-fhreagairt ri feumalachdan nam fògarrach ann an coimhearsnachdan air feadh Alba.”
Cùl-fhiosrachadh
Thèid Latha na Pàrlamaid Thobar na Màthar a chumail anns an Ionad GLO, 78 Sràid Muir, Tobar na Màthar, ML1 1BN. Bidh an seisean freagairt agus ceist leis an Oifigear Riaghlaidh fosgailte don h-uile duine bho 5.30f.
Air an cur air bhog san t-Samhain 2012, tha an iomairt Latha na Pàrlamaid a’ toirt gnothach na Pàrlamaid a-mach à Dùn Èideann agus a-steach do choimhearsnachdan air feadh Alba. Le Làithean na Pàrlamaid, chì daoine mar a tha a’ Phàrlamaid ag obair – an dà chuid a thaobh na tha a’ tachairt an lùib ghnothaichean oifigeil na Pàrlamaid le leithid coinneamhan comataidh air an cumail anns na coimhearsnachdan, agus aig ìre nach eil cho foirmeil nuair a gheibh daoine an cothrom coinneachadh ri BPA ionadail is luchd-obrach na Pàrlamaid.
Tha 12 Làithean na Pàrlamaid air a bhith ann air feadh Alba, bho Arcaibh gu Hamhaig, agus bho Steòrnabhagh gu Obar Bhrothaig.