09.10.2015
Dè an dreuchd, na goireasan agus an
ìre de neo-eisimeileachd a bhios aig a’ bhuidhinn air am bi an t-uallach airson sgrùdadh nan
ro-aithrisean air cìsean a thèid fhoillsicheadh le Riaghaltas na h-Alba? ’S e
sin cuspair an rannsachaidh air an do thòisich Comataidh an Ionmhais ann am
Pàrlamaid na h-Alba an-diugh.
Tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan air a’ Bhile Coimisean Fiosgail na h-Alba.
Dh’fhoillsich a’ Chomataidh aithisg air Lìonra Fiosgail na h-Alba nas tràithe am bliadhna, anns an do mhol a’ Chomataidh gum bu chòir an dreachd den Bhile a bhith air atharrachadh air chor ’s gum biodh raon-ùghdarras aig a’ Choimisean a bhith a’ dèanamh ro-aithrisean fiosgail air a shon fhèin, an àite a bhith, mar a bhathar a’ moladh, dìreach a’ measadh dè cho reusanta ’s a bha ro-aithrisean chìsean aig Riaghaltas na h-Alba.
Cha deach am moladh sin a ghabhail ris, ge-tà, anns a’ Bhile a thugadh a-steach do Phàrlamaid na h-Alba sa mhìos a chaidh. Tha a’ Chomataidh togarrach air beachdan a chluinntinn, gu h-àraid air dè an dreuchd a bhios aig an SFC agus dè cho comasach ’s a bhios e a bhith a’ toirt sgrùdadh neo-eisimeileach air ro-aithrisean Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Coinneach Gibson BPA:
“Bha a’ Chomataidh ag iarraidh cumhachd a bhith aig Coimisean Fiosgail na h-Alba a bhith a’ dèanamh ro-aithrisean air a shon fhèin. Cha deach an cumhachd sin a chur anns an reachdas, agus tha ùidh againn air beachdan dhaoine a chluinntinn air dè an dreuchd a bu chòir a bhith aig a’ Choimisean. Tha e cudromach gum bithear a’ beachdachadh air fianais air sin mus tèid am Bile tron Phàrlamaid.
“Chuir luchd-fianais cudrom air an fheum airson neo-eisimeileachd agus airson trìd-shoilleireachd ann an obair a’ Choimisein. Chuala sinn cuideachd mu dheidhinn an riatanais airson goireasan gu leòr a bhith aig a’ Choimisean, agus bhiomaid a’ cur fàilte air beachdan air a’ phuing sin cuideachd.”
Tha a’ Chomataidh a’ gairm airson fianais air solaran a’ Bhile, leithid:
· a’ ro-aithris air teachd-a-steach bho chìsean;
· dè an dreuchd a bhios aig an SFC ro fhoillsicheadh nan ro-aithrisean le Riaghaltas na h-Alba;
· dreuchdan eile a’ Choimisein a dh’fhaodas a bhith a’ leantainn air cur an gnìomh a’ Bhile na h-Alba air a bheilear a’ beachdachadh aig Westminster an-dràsta;
· a’ chòir a thaobh cothrom air fiosrachadh;
· a’ cur an dreuchd buill agus luchd-obrach;
· goireasan.
Cùl-fhiosrachadh
Tha an Coimisean air a bhith ag obrachadh air stèidh neo-reachdail bho Ògmhios 2014, a’ toirt sgrùdadh agus anailis air ro-aithrisean a thaobh teachd-a-steach agus ro-mheasaidhean fiosgail eile a chaidh a dhèanamh leis an Riaghaltas is e a’ deisealachadh airson a’ Bhuidseat aige.
Gu ruige seo, b’ e fòcas obair a’ Choimisein na cumhachdan air cìsean is iasad a chaidh a thiomnachadh fo Achd na h-Alba 2012. Tha seo a’ toirt a-steach a’ sgrùdadh nan ro-aithrisean a rinneadh le Riaghaltas na h-Alba air teachd-a-steach bho Chìs-malairt Fearainn agus Thogalaichean (LBTT), Cìs Lìonadh-talmhainn agus reataichean gnothachais.