23.09.2015
Tha tòrr sgoilearan le duilgheadasan fradhairc is claisneachd ann fhathast nach eil a’ faighinn nan aon chothroman agus a tha sgoilearan eile. Sin dìreach aon de na toraidhean bho aithisg a dh’fhoillsich Comataidh Foghlam is Cultar Pàrlamaid na h-Alba an-diugh.
Tha an aithisg mar thoradh air obair a rinn a’ Chomataidh agus iad a’ toirt sùil air na h-ìrean soirbheachaidh aig sgoilearan le duilgheadasan fradhairc is claisneachd. Fhuair iad a-mach, ma gheibh na sgoilearan seo taic cheart, soirbhichidh iad chun na h-aon ìre agus a tha sgoilearan eile.
Mar phàirt den taic cheart sin bidh tuigse bhunaiteach aig tidsearan a thaobh na tha dhìth le duilgheadasan fradhairc is claisneachd, agus bithear a’ dèanamh cinnteach gu bheil àireamh fhreagarrach de thidsearan ann aig a bheil na teisteanasan as àirde. Tha an aithisg a’ moladh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air mar as urrainnear barrachd thidsearan a bhrosnachadh gu bhith dèanamh trèanadh sònraichte airson a bhith teagasg sgoilearan le duilgheadasan fradhairc is claisneachd. Tha an aithisg cuideachd ag iarraidh gun tèid an ìre, a thaobh theisteanasan, a dh’fheumas tidsearan a ruighinn gus teagasg le BSL a chur suas agus tha i a’ moladh gum chòir don Bhuidheann Chomhairleachaidh airson BSL beachdachadh air a’ chùis.
Tha a’ Chomataidh cuideachd ga dhèanamh soilleir gu bheil tuigse nas fheàrr a dhìth gus dèanamh cinnteach gu bheil sgoilearan le duilgheadasan fradhairc is claisneachd a’ soirbheachadh chun na h-aon ìre agus a tha sgoilearan eile, agus gus dèanamh cinnteach gun tèid sgilean beatha riatanach ionnsachadh dhaibh a bheir misneachd dhaibh agus a bheir cothrom dhaibh barrachd pàirt a ghabhail ann an cùisean sòisealta.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stiùbhart Maxwell BPA:
“Tha e follaiseach dhuinn gum feum piseach tighinn air an fhoghlam a tha sgoilearan le duilgheadasan fradhairc is claisneachd a’ faighinn. Ged a tha obair ionmholta ga dèanamh ann an cuid a sgìrean ann an Alba, chan eil sin fìor ann an tòrr àiteachan.
“Tha taic cheart a dhìth air na sgoilearan sin ann an sgoiltean àbhaisteach. Mar eisimpleir, chan eil e ceart idir gu bheil suidheachaidhean ann far nach eil teicneòlas ag obair no far a bheil teicneòlas a dhìth agus sin a’ ciallachadh nach fhaigh sgoilearan cothrom air stuthan ionnsachaidh.
“Ach a thuilleadh air sin, feumaidh tuigse nas fheàrr a bhith againn air na tha dhìth air gach pàiste gus dèanamh cinnteach gum faigh iad an cothrom na tha comasach dhaibh a choileanadh a choileanadh.”
Cùl-fhiosrachadh
Thòisich rannsachadh na Comataidh sa Mhàrt 2015, agus tha e air coimhead air mar a ghabhadh piseach a thoirt air ìrean soirbheachaidh aig sgoilearan le duilgheadasan fradhairc is claisneachd.
Tha figearan bho Riaghaltas na h-Alba a’ sealltainn gu bheil, sa chumantas, nas lugha theisteanasan aig sgoilearan le duilgheadasan fradhairc no claisneachd nuair a dh’fhàgas iad an sgoil na tha aig sgoilearan aig nach eil feuman taice a bharrachd.
http://www.scottish.parliament.uk/S4_EducationandCultureCommittee/Attainment%20-%20sensory%20impairments/AllanSensImp20150611IN.pdf
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu rannsachadh na Comataidh an seo:
http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/87932.aspx