21.07.2015
Chithear dealbhan a thog cuid de na dealbhadairean-naidheachd as fheàrr bho air feadh an t-saoghail ann an dà thaisbeanadh a thèid a shealltainn as t-samhradh aig Pàrlamaid na h-Alba.
Tha
Taisbeanadh Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail 2015 na fharpais eadar-nàiseanta
airson dealbhadairean-naidheachd sa bheil 130 dealbhan drùidhteach is
smaoineachail a’ nochdadh, a chaidh a thogail ann an 2014. ’S e Pàrlamaid na
h-Alba a-rithist an aon Phàrlamaid air an t-saoghal far an tèid an taisbeanadh
sònraichte seo a shealltainn.
San
taisbeanadh, Mìcheal Peto: Poilitigs fon Phrosbaig, chithear dealbhan-camara le
Mìcheal Peto – an sàr dhealbhadair a rugadh san Ungair agus a bha mar
neach-fianais do chuid de na tachartasan as motha a thachair sna 1950an is
1960an. Tha grunn dhealbhan san taisbeanadh, nach deach a shealltainn gu
poblach riamh roimhe, de dhaoine fìor iomraiteach bho air feadh na cruinne.
Dealbhan de dhaoine a tha air buaidh mhòr a thoirt air an t-saoghal, leithid Nelson
Mandela, Winston Churchill, Indira Ghandi agus Jennie Lee.
Tha
an dà thaisbeanadh an-asgaidh agus thèid an sealltainn sa Phrìomh Thalla is ann
an Seòmar Burns (Seòmar-comataidh 1) aig Pàrlamaid na h-Alba bho Diciadain 22
Iuchar – Disathairne 22 Lùnastal.
Thuirt
an t-Oifigear-riaghlaidh, am Fìor Urramach Tricia Marwick BPA:
“Tha
an dà thaisbeanadh seo a’ sealltainn dhuinn feadhainn de na dealbhan naidheachd
as fheàrr a th’ ann. Ged a chaidh na dealbhan a thogail ann an diofar dheicheadan,
tha gach fear dhiubh fìor iongantach agus a’ toirt oirnn smaoineachadh air na
chì sinn. Tha iad a’ gleidheadh mòmaid ann an tìm agus tha iad a’ toirt oirnn
coimhead oirnn fhìn agus air na nì sinn ann an dòigh eadar-dhealaichte.
“Tha
e na adhbhar moit dhomh gu bheil taisbeanaidhean dhealbhan-camara cho fìor
mhath gu bhith a-rithist air an cumail aig Pàrlamaid na h-Alba agus gum faigh
muinntir na h-Alba cothrom coimhead air na dealbhan seo sa Phàrlamaid aca.”
Thuirt
Brian Cox, cleasaiche ainmeil a tha duaisean a ghleidheadh agus a tha na
Reachdair aig Oilthigh Dhùn Dè agus na Neach-taice do Chruinneachadh Peto:
“Bho
na ciad cheumannan aige mar dhealbhadair-naidheachd thàinig Mìcheal Peto gu
bhith na shàr neach-ealain is dhealbhadair. Tha ùidh glè mhòr aige sna h-eadar-dhealachaidhean
a gheibh thu ann an coltas is dreach dhaoine agus bha liut aige airson a bhith
glacadh ìomhaigh dhaoine ann an suidheachaidhean nàdarra. Tha an cruinneachadh
seo na ghibht anabarrach prìseil, mar sin feuch gun ionnsaich sibh mu dheidhinn
agus gun gabh sibh tlachd ann.”
Cùl-fhiosrachadh
Taisbeanadh Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail 2015
Tha
Farpais Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail air a bhith ga ruith airson 58
bliadhna agus ’s i a’ phrìomh fharpais eadar-nàiseanta air an t-saoghal airson
dealbhadairean-naidheachd agus tha i mar shlat-tomhais don dreuchd. Thèid am
breithneachadh a dhèanamh ann an oifisean Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail san
Òlaind.
Bidh
dealbhadairean-naidheachd, luchd-naidheachd-deilbh agus dealbhadairean-aithris proifeiseanta
bho air feadh an t-saoghail a’ cur dealbhan a-steach don fharpais, agus ghabh 5,692
dealbhadairean bho 131 dùthaich pàirt san fharpais am-bliadhna agus fhuaras 97,912
dealbh.
Roghnaich
an diùraidh dealbh leis an dealbhadair Mads Nissen às an Danmhairg mar Dhealbh
Naidheachd an t-Saoghail airson 2014. Tha an dealbh a’ sealltainn dealbh de Jon
is Alex, càraid ghèidh, agus iad còmhla ann an St Petersburg san Ruis.
Mìchael Peto: Poilitigs fon Phrosbaig
Rugadh Peto ann am Bata san Ungair ann an 1908, agus
chaidh a Lunnainn nuair a thòisich an Dàrna Cogadh ann an 1939, far an d’
fhuair e obair mar sgrìobhadair an-toiseach. Thòisich e air dealbhadaireachd
ann an 1947 agus b’ e bu mhotha a bha fa-near dha dealbhan a thogail airson a
dhol leis an obair sgrìobhaidh aige. Chaidh na dealbhan aige fhoillseachadh
airson a’ chiad uair san Observer sa
Mhàrt 1949. Thòisich an obair aige a’ nochdadh gu cunbhalach ann an uair sin ri
taobh obair le dealbhadairean-naidheachd ainmeil eile leithid Sìne
NicIlleDhuinn, Peadair Keen agus Dàibhidh Sim. Sna 1950an is 1960an, bha Peto
a’ toirt dhuinn seallaidhean air cùisean sòisealta agus prìomh luchd-poilitigs
agus daoine a bha toirt buaidh air cultar.
Thèid an taisbeanadh a chumail ann an com-pàirt ri
Oilthigh Dhùn Dè aig a bheil sealbh air a’ Chruinneachadh.
Barrachd fios mu na taisbeanaidhean
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: