Bidh a’ Chomataidh cuideachd a’ toirt sùil gheur air a’ phàirt a bhios aig Pàrlamaid na h-Alba agus Ministearan na h-Alba sna còmhraidhean mun reifreann agus sna còmhraidhean gus ath-leasachaidhean aontachadh.
A’ bruidhinn air an rannsachadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairistìona NicShealbhaich BPA:
“Tha a h-uile coltas ann gun toir an reifreann aig Riaghaltas na RA agus na h-amasan aca a thaobh ath-leasachaidhean Eòrpach buaidh mhòr air an dàimh a bhios aig Alba ris an Aonadh Eòrpach. Tha an Roinn Eòrpa mar chuspair poilitigeach a’ sìor fhàs cudromach, agus tha e deatamach gun gabh Pàrlamaid na h-Alba pàirt bhrìoghmhor san deasbad agus gum bi i mar mheadhan do mhuinntir na h-Alba gus na beachdan aca a chur an cèill.”
Bidh a’ Chomataidh a’ cumail seiseanan fianais san t-Samhain agus san Dùbhlachd gus sùil mhionaideach a thoirt air an reifreann, agus an uair sin thathar an dùil gum bithear a’ rannsachadh nan ath-leasachaidhean Eòrpach sa Bhliadhn’ Ùir. Bidh na BPAan a’ faighneachd, dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh ath-leasachadh an Aonaidh Eòrpaich a thoirt air Alba.
Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Hanzala Malik BPA:
“Tha e buailteach gun toir na còmhraidhean gus ath-leasachaidhean air an Aonadh Eòrpach buaidh air toradh an reifreinn fhèin. Bidh a’ Chomataidh a’ coimhead gu dlùth air na còmhraidhean sin fhad ’s a tha I a’ dol air adhart, ach tha sinn gu h-àraidh a’ sireadh bheachdan bho dhaoine air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aca air Alba.
“Tha sinn cuideachd airson dèanamh cinnteach gun tèid beachdan muinntir na h-Alba a thoirt gu aire dhaoine sa Bhruiseal agus ann an Lunnainn. Bheir sinn sùil air dè na modhan-obrach a th’ ann gus beachdan a shireadh bho Mhinistearan na h-Alba agus bho phàrlamaidich agus gus fios a chumail riutha fhad ’s a tha na còmhraidhean seo gan cumail agus a thaobh chòmhraidhean eile nuair a tha iad a’ buntainn gu dìreach ri poileasaidhean tiomnaichte.”
Cùl-fhiosrachadh
Tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig an reifreann, ath-leasachaidhean agus dàimhean eadar-riaghaltais air Alba. Airson barrachd fiosrachaidh, thoir sùil air a’ ghairm fianais.