29.04.2015
Chaidh gairm a-mach an-diugh bhon Chomataidh Slàinte is Spòrs airson bheachdan air reachdas a stèidhicheas gur e eucoir a th’ ann do dh’inbhich a bhith a’ smocadh ann an carbad rathaid sa bheil leanabh.
Tha am Bile Toirmeasg Smocaidh (Clann ann an Carbadan Rathaid) (Alba) airson clann a dhìon bho cheò thoiteanan dhaoine eile agus chaidh a thoirt a-steach le Jim Hume BPA.
A rèir a’ Bhile, b’ e Poileas na h-Alba a bhiodh an urra ris an lagh a chur an gnìomh. Bhiodh casaid eucoir a’ dol fo ghrad-chùis lagha le càin a’ dol cho àrd ri ìre 3 air a’ sgèile chumanta (£1000 an-dràsta). Bhiodh cead cuideachd aig poileas sanas-càin stèidhichte a thoirt seachad seach casaid a chur an sàs.
Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Bob Doris BPA:
“Tha e follaiseach gur e amas an reachdais dèanamh cinnteach gun tèid clann a thogail ann an àrainneachd glan bho cheò thoiteanan ach ’s e obair na Comataidh seo mion phuingean an reachdais a tha ga mholadh a sgrùdadh.
“Tha a’ Chomataidh againn a’ dèanamh fiughair ri cluinntinn bho dhaoine agus bhuidhnean a thig fo bhuaidh an reachdais agus buidhnean aig a bheil gnothach sa chùis, air èifeachd a’ Bhile seo nan gabhte ris.
“Bheir seo cothrom don Chomataidh beachdachadh air buaidh fharsaing an reachdais seo, a’ gabhail a-steach ciamar a b’ fheàrr a ghabhadh cumhachan a’ bhile a chur an sàs.”
Tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan air na leanas:
- A bheil thu ag aontachadh ris a’ Bhile? Innis carson a tha thu den bheachd seo.
- A bheil thu den bheachd gum biodh am Bile (nan gabhte ris) a’ dìon cloinne bho cheò thoiteanan agus a’ dìon an slàinte?
- A bheil dad sa Bhile a dh’atharraicheadh tu?
- Cò a bu chòir an reachdas a tha ga mholadh a chur an gnìomh agus carson?
- Dè na carbadan a bu chòir saoradh fhaighinn bhon reachdas agus carson?
- Dè do bheachd air a’ chumha sa Bhile gum biodh e na dhìon nach b’ urrainn fios a bhith aig an neach a bha smocadh gu robh daoine eile sa charbad fo aois 18?
Cùl-fhiosrachadh
Tha gairm bheachdan na Comataidh fosgailte gu 27 Cèitean.