Cuiridh am Bile dleastanas air ùghdarrasan ionadail foghlam a thoirt seachad ann an dòigh leis an amas neo-ionannachd thoraidhean (inequality of outcomes) a lùghdachadh airson clann-sgoile fo aimhleas sòiseo-eaconomach. Bidh am Bile ag iarraidh cuideachd gun tèid aithisgean fhoillseachadh gu cunbhalach a bheir seachad ùrachadh mun obair seo.
Tha fàs is neartachadh foghlam Ghàidhlig gan còmhdach leis a' Bhile cuideachd. Tha e air modh ùr a stèidheachadh far am feum ùghdarrasan-foghlaim freagairt a thoirt air iarrtasan le pàrantan gun tèid measadh a dhèanamh air feum air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na bun-sgoile.
Tha a' Chomataidh air gairm airson bheachdan a chur a-mach an-diugh, agus i ag iarraidh bheachdan mun Bhile air pàrantan, luchd-teagaisg agus a h-uile duine aig a bheil ùidh ann am foghlam.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Stiùbhart MacSuail BPA:
“Tha lùghdachadh air neo-ionannachd (inequality) ann am foghlam na phrìomhachas mar as còir do Riaghaltas na h-Alba agus tha e mar amas aig a' Bhile seo sin fhèin a dhèanamh. Tha leasachadh air cosnadh clann-sgoile na h-Alba, an fheadhainn fo aimhleas sòiseo-eaconomach (socially disadvantaged) gu sònraichte, deatamach chan ann a-mhàin do phàrantan agus do chlann-sgoile fhèin ach cuideachd do luchd-fastaidh.
“Agus sinn a' tòiseachadh air an sgrùdadh againn, tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach dè na leasachaidhean a bheir an reachdas air cosnadh is adhartas (attainment and achievement) anns na sgoiltean agus mar a bheir e lùghdachadh air neo-ionannachd gu buil.
“Tha am Bile cuideachd a' moladh modhan ùra gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig iarraidh agus gus a’ cànain a chur air adhart anns an fharsaingeachd. Tha a' Chomataidh againn airson cluinntinn a bheil na ceuman seo dha-rìribh mar na dòighean as fheàrr gus Gàidhlig a chur air adhart agus taic a chur rithe sna sgoiltean.”
Na bhroinn cuideachd tha ullachaidhean mar a leanas: dearbhadh gu bheil an luchd-teagaisg air fad aig sgoiltean neo-eisimeileach air an clàradh le Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba; leasachadh a thoirt air a' mhodh gus gearanan a thogail le Ministearan na h-Alba agus; post de Phrìomh Oifigear Foghlaim a chruthachadh anns gach ùghdarras ionadail.
Am measg nan ceist eile a tha gan cur ann an gairm na Comataidh airson bheachdan sgrìobhte tha:
Cosnadh
· Is e dleastanas a' Bhile a bhith 'mothachail air a' mhòr-mhiann' (have regard to the desirability) 'Neo-ionannachd thoraidhean a lùghdachadh' (reducing inequalities of outcome). A bheil na briathran seo brìoghmhor gu leòr gus a' bhuaidh a tha a dhìth a thaobh poileasaidh a thoirt a-mach?
· Ciamar a bu chòir dhuinn tuigsinn “neo-ionannachdan ann an toraidhean” (inequalities of outcome), agus ciamar a bu chòir don abairt seo a bhith air a shònrachadh anns a’ Bhile?
· Am bu chòir gum biodh peanasan anns a' Bhile mas e gum fairtlich air Riaghaltas na h-Alba no ùghdarrasan ionadail an rùn a thaobh poileasaidh neo-ionannachd thoraidhean a lùghdachadh a thoirt gu buil? Mas e gum bu chòir, dè na peanasan a bhiodh iomchaidh na do bheachd?
Gàidhlig
· Dè cho cudromach agus a bhios an t-atharrachadh a bheir am Bile air foghlam Gàidhlig sa bhun-sgoil? A bheil thu ag aontachadh gum bu chòir na h-ullachaidhean seo a chumail ri foghlam bun-sgoile a-mhàin?
· Dè na dòighean as iomchaidh a tha ann do dh'ùghdarrasan foghlaim, gu sònraichte an fheadhainn le ìrean ìseal de chleachdadh Gàidhlig, gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh a chur air adhart agus a chuideachadh? Dè a' bhuaidh a bheireadh an obair adhartachaidh (promotional work) seo air a’ Ghàidhlig agus àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig?
Taic a bharrachd airson Ionnsachadh
· Dè na buaidhean a bheir leudachadh chòraichean fo Achd Foghlam (Taic a Bharrachd airson Ionnsachadh) air clann-sgoile aig aois 12 agus nas sine aig a bheil comas? Thoir eisimpleirean practaigeach mas e do thoil e.
· A bheil thu ag aontachadh leis a’ mholadh nach bu chòir gum bi na còraichean uile anns an reachdas ASL a bhith air a leudachadh don chloinn (faic earrannan 49 is 50 den Mheòrachan Phoileasaidh)?
· Dè do bheachdan air an t-seirbheis-taice airson clann a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh a chur ann an reachdas?
Prìomh Oifigear Foghlaim
· Dè na buannachdan agus na mì-bhuannachdan a dh’fhaodadh tighinn bho reachdachadh airson Prìomh Oifigear Foghlaim anns gach ùghdarras foghlaim ann an Alba? A bheil eisimpleirean eile ann, anns an do dh’fheuch Riaghaltas na h-Alba òrduighean a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail gum feum iad cuideigin fhastadh ann an dreuchd àraid? Ma tha, am faodar leasanan ionnsachadh bho mar a dh'obraich sin?
· Dè an obair shònraichte a dhèanadh am Prìomh Oifigear Foghlaim, agus dè an ìre dham bheil an obair sin air a dèanamh ann an ùghdarrasan foghlaim cheana?
Clàradh Luchd-teagaisg
· Dè a’ bhuannachd a thigeadh gu sgoiltean neo-eisimeileach, gu sgoiltean air an cumail le tabhartasan agus gu na sgoilearan aca bhon riatanas gum feum an luchd-teagaisg aca a bhith air an clàradh le Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba? Dè na sgilean ùra no eadar-dhealaichte a gheibheadh an luchd-teagaisg seo bhon chlàradh? A bheil e coltach gum biodh cosnadh foghlaim nas fheàrr anns na sgoiltean seo?
Cùl-fhiosrachadh
Agus e air a thoirt a-steach anns a' Mhàrt 2015, tha am Bile Foghlam a' feuchainn ri Alba a dhèanamh mar “an t-àite as fheàrr gus fàs suas agus dol a sgoil” agus far am bi foghlam aig gach pàiste “a bhios gam brosnachadh gus a bhith cho soirbheachail agus as urrainn dhaibh agus an comas aca a thoirt a-mach”.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun Bhile an seo:
http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/Bills/87330.aspx
Thèid beachdachadh na Comataidh air a' Bhile a chumail fhad is a bhios i a' beachdadh air cosnadh foghlaim anns an fharsaingeachd. Tha a' Chomataidh air trì seiseanan a chumail air:
· a' bhuaidh a bheireadh an aithisg leis a' Choimisean gus Luchd-obrach Òg na h-Alba (air a bheil ‘Coimisean Wood’) air sgoiltean, luchd-teagaisg agus clann-sgoile
· àite nan roinnean prìobhaideach is poblach gus cosnadh àrdachadh
· mar a dh'fhaodas pàrantan obrachadh le sgoiltean gus leasachadh a thoirt air cosnadh.
Tha a' Chomataidh air tòiseachadh cuideachd air sgrùdadh geàrr air cosnadh clann-sgoile air a bheil ciorram a thaobh mothachaidh a' cur.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu obair na Comataidh air cosnadh anns na duilleagan-lìn aice:
http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/85486.aspx
Is e an ceann-latha deireannach a tha gus beachdan a chur a-steach Diluain 18 Cèitean 2015. Bu chòir freagairtean a chur gu:
Clàrc Chomataidh Foghlam agus Cultar
Seòmar T3.40
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP
No mar phost-dealain gu:
[email protected]
Tha sinn a' cur fàilte air fianais sgrìobhte sa Bheurla, sa Ghàidhlig no ann an cànain sam bith eile.