23.03.2015
Thèid ceistean a chur ri gnothachasan ann an Obar Dheathain an-diugh mun eòlas a th’ aca a thaobh às-mhalairt (export) de bhathar is seirbheisean le còrr an t-saoghail, ceistean a bhios aig BPAan air Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd.
Tha a’ Chomataidh a’ cumail sgrùdadh mu na bacaidhean a thaobh às-malairt a bhios ro ghnìomhachasan ann an Alba ’s a’ faighneachd carson nach bi mòran ghnothachasan an Alba ri às-malairt. Cuideachd, mar phàirt de rannsachadh na Comataidh bidh a’ cheist ga cur a bheil e coltach gun coilean Riaghaltas na h-Alba an targaid às-malairt aca le bhith a’ meudachadh luach bathar às-malairt le 50 a-mach à ceud ro 2017.
Thuirt Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd, Murchadh Frìseil BPA:
“Tha a bhith a’ cruinneachadh beachdan luchd-gnìomhachais ’s a bhith a’ cluinntinn gu dìreach bho chompanaidhean mu na dùbhlain a bhios rompa a thaobh às-mhalairt ro chudromach don sgrùdadh seo agus sinn a’ beachdachadh air dèn taic a bharrachd a ghabhas toirt seachad.
“Tha a’ Chomataidh gu sònraichte airson an ròl a tha aig buidhnean-gnìomha ri leasachadh eaconamach againn – a gheibh maoineachadh bhon sporan phoblach - a thuigsinn, cho math ri bhith ag ainmeachadh dè eile a dh’fhaodas iad dèanamh gus taic a thoirt do chompanaidhean a chor is gum bi iad ri às-mhalairt air neo gus eòlas a roinn a thaobh nam margaidhean thall thairis.”
Bidh an turas, a chaidh a chur air dòigh aig Seòmraichean Malairt Obar Dheathain is nam Monadh Liath, na chothrom do ghnìomhachasan a tha ceangailte ri tionnsgalachd na h-ola na beachdan aca a thoirt seachad a thaobh dè an còrr a ghabhadh dèanamh gus gnìomhachasan a bhrosnachadh a bhith ri às-mhalairt.
Bidh an Seòmar, a tha na Sheòmar RA na Bliadhna, cuideachd ag innse don Chomataidh mar a tha ròl aca ann a bhith a’ toirt taic do na buill aca a chor is gun dèan iad às-mhalairt ’s dol an sàs ann am margaidhean ùra thall thairis.