11.03.2015
Ghabh òigridh de 16 is 17 bliadhna a dh’aois an cothrom a bhòtadh anns an reifreann an-uiridh le uidhir de dhealas gum bu chòir do sgoiltean taic a thoirt don ùidh seo nuair a tha taghaidhean eile a’ tighinn dlùth, a rèir moladh Chomataidh aig Pàrlamaid na h-Alba
Tha am moladh - gum bu chòir do dhaoine beachdachadh air mar a nìthear cinnteach gum faod sgoilearan de 16 is 17 bliadhna a dh’aois bruidhinn mu chuspairean poilitigeach anns an ‘àm ron taghadh’—am measg grunn mholaidhean ann an aithisg le Comataidh Fèin-riaghlaidh (Cumhachdan a bharrachd) air an dòigh san deach rianachd nam bhòtaichean a stiùireadh anns an reifreann air neo-eisimeileachd Albannach.
Tha an aithisg a’ toirt meal-a-naidheachd dhaibhsan a bha “a’ stiùireadh agus a’ cur an gnìomh an reifrinn a chionn ’s gun do lìbhrig iad gu soirbheachail an tachartas as cudromaiche ann an eachdraidh phoilitigeach na h-Alba.” Ach tha a’ Chomataidh cuideachd a’ tarraing aire do ghrunn chùisean airson taghaidhean ri thighinn.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Brus Crawford BPA:
“Dh’adhbharaich reifreann an-uiridh iarrtas agus dùil, nach fhacas a leithid riamh roimhe, airson seirbheisean oifigearan an taghaidh, agus tha e soilleir gun do rinn iad an gnothach anns a’ chùis. Tha iad airidh air ar taing.
“Don chiad turas riamh anns an Rìoghachd Aonaichte, bha comas-bhòtaidh aig 110,000 daoine òga de 16 is 17 bliadhna a dh’aois, agus ghabh a’ gharbh chuid dhiubh brath air a’ chothrom seo. Ach fhad ’s a bha sinn a’ tionail fianais, bha e a’ fàs soilleir dhuinn gun do ghabh diofar sgoiltean seasamhan eadar-dhealaichte air cuin agus ciamar a dh’fhaodadh òigridh a bhith a’ togail agus a’ deasbad cheistean ceangailte ris an reifreann.
“Ged a bha a’ mhòr-chuid de dh’ùghdarrasan ionadail a’ brosnachadh an cuid sgoiltean a bhith a’ toirt chothroman mac-meanmnach do na sgoilearan aca gu bhith an sàs ann an cùisean ceangailte ris an referendum, bha cuid dhiubh a’ cumail greim nas teinne air na ceistean a dh’fhaodadh sgoilearan a bhith a’ cur ri tidsearan rè an ‘àm ron taghadh’, na 28 làithean dìreach ron reifreann fhèin.
“Chuala sinn gun robh an t-eadar-dhealachadh seo na adhbhar iomagain agus na mhilleadh-dùil do sgoilearan agus tidsearan maraon. Air an adhbhar sin, tha sinn ag iarraidh gum beachdaich na h-ùghdarrasan freagarrach, còmhla ri Coimisean an Taghaidh, air mar a dh’fhaodadh na riaghailtean a bhith air an socrachadh gus cothroman airson còmhradh saor a thoirt rè an ‘àm ron taghadh’ ann an sgoiltean air feadh Alba.
Am measg nithean eile, tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir fiosrachadh poblach nas fheàrr a bhith ann, airson taghaidhean anns an àm ri thighinn, air an dòigh san tèid na bhòtaichean a chùnntadh; agus, leis an riatanas ùr airson gach neach-bhòtaidh a bhith ga chur fhèin air a’ chlàr-bhòtaidh gu pearsanta, gum bu chòir ceuman a bhith air an gabhail gus cuideachadh a thoirt do bhuidhnean àraid agus do dhaoine àraidh.
Gheibhear leth-bhreac den aithisg gu lèir an seo.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air obair na Comataidh aig
http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/83973.aspx.