19.01.2015
Thèid guthan dhaoine aonranach iomallach a chluinntinn aig Taigh an Ròid agus Comataidh Co-ionannachd Chothroman aig Pàrlamaid na h-Alba a’ cur a sgrùdadh mu iomallachas sòisealta (social isolation) air bhog.
Tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan bho dhaoine nas òige ’s nas sine* a tha aonranach agus o na buidhnean a bheir taic dhaibh. Tha seo a’ tighinn am bàrr agus rannsachadh làithreach air iomallachas sòisealta is aonranachd air an fhìor dhroch bhuaidh a dh’fhaodadh iad toirt air slàinte fhiosaigeach is inntinne a chur an cèill, gu sònraichte a thaobh dhaoine nas òige ’s nas sine. Tha sgrùdaidhean a rinneadh o chionn ghoirid a’ sealltainn:
- Gum faod aonranachd a dhà uiread a chur ri buaidh reamhrachd (obesity), agus gum faod dian-aonranachd cur ris a’ chothrom gun caochail duine aosta ron àm le 14%
- Gun can 59% de dh’inbhich a tha os cionn 52 bliadhna a dh’aois agus a chuireas an cèill nach eil an slàinte ro mhath gum fairich iad aonranach cuid den ùine air neo gu tric
- Gum faod a bhith gun cheangal sòisealta a cheart cho dona do shlàinte neach ’s a’ smòcadh 15 toitean san latha
Thuirt Neach-gairm Comataidh Co-ionannachd Chothroman, Mairead NicUlaich BPA:
“Mas duine nas òige no nas sine thu a tha a’ fuireach an Alba ’s a tha aonranach, tha sinne a’ tuigsinn gum faod fìor dhroch bhuaidh a bhith aige seo. Tha sinn airson ceangal a dhèanamh riut, do bheachd a thuigsinn agus gnìomh deimhinneach a bhrosnachadh às do leth.
“Rud a tha glè chudromach, tha sinn gus an cleachdadh as fheàrr a bhrosnachadh a thaobh dèiligeadh ri buadhan aonranachd agus sin a bhith ga roinn cho fad is farsaing ’s a ghabhas. Tha sinn titheach gun cluinn sinn bho bhuidhnean a chleachdas dòighean ùr-ghnàthaichte gus daoine aonranach ann an Alba a chuideachadh a thaobh grèim fhaotainn air na cothroman sòisealta a gheibh mòran againn gun smaoineachadh orra.”
Lean a’ Bh. NicUlaich oirre:
“’S iad na prìomh cheistean aig a’ Chomataidh ach: dè a’ bhuaidh a bheir aonranachd is iomallachas sòisealta, a bheil an duilgheadas seo a’ fàs nas miosa agus ciamar a ghabhas dèiligeadh ris a’ chùis gu h-èifeachdach?”
’S e an latha mu dheireadh airson fianais a chur gu Comataidh Co-ionannachd Chothroman Dihaoine 13 Màrt 2015. Cuiridh a’ Chomataidh aithisg air dòigh mu na gheibh i a-mach mu dheidhinn meud is buaidh iomallachas sòisealta air daoine nas òige ’s nas sine a tha a’ fuireach ann an Alba, a’ gabhail a-steach molaidhean a thaobh poileasaidh, as t-samhradh 2015.
Tha Comataidh Co-ionannachd Chothroman aig Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh bheachdan air aois is iomallachas sòisealta o dhaoine fa leth, luchd-obrach taice ann an seirbheisean slàinte is sòisealta, ùghdarrasan ionadaile agus on earrainn shaor-thoileach mu na ceistean seo a leanas:
- Cumantas iomallachas sòisealta ann am bailtean agus ann an sgìrean dùthchail
- Buaidh iomallachas sòisealta, leithid aonarachd is droch-shlàinte
- An cleachdadh agus na smaointean as fheàrr a ghabhas a roinn air feadh na h-Alba, nam measg eisimpleirean de thaic chuimsichte (targeted) no ro-innleachdan. (Faodaidh seo a bhith a’ gabhail a-steach taigheadas, slàinte is pròiseactan san treas earrainn)
- Smaointean a dh’fhaodadh feabhas a chur air, agus buaidh a thoirt air, poileasaidhean
- Dòighean èifeachdach gus aire a thogail air ceistean iomallachas sòisealta taobh a-staigh choimhearsnachdan
Airson barrachd fiosrachaidh mu mar a chuirear fianais an cèill, rach gu
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear fios mu sgrùdaidhean-cùise agus dealbhan-camara nan cois le iarraidh.
*Thathar a’ mìneachadh ‘daoine nas òige ’s nas sine’ gu coitcheann mar iadsan a bhios fo aois 25 agus os cionn 50 bliadhna dh’aois. Ach mar phàirt den iarrtas aice airson beachdan, bidh Comataidh Co-ionannachd Chothroman ag amas air mìneachadh-obrach iomchaidh a stèidheachadh a thaobh ‘daoine nas òige ’s nas sine’.
A rèir rannsachadh a rinneadh leis a’ bhuidhinn Age UK (2014):
- Thuirt còrr is 80,000 neach a bha os cionn 65 bliadhna dh’aois ’s a bha a’ fuireach ann an Alba gur ann daonnan neo gu tric a dh’fhairich iad aonranach. Air feadh na RA bha am fiogair seo a’ ruigsinn còrr ’s millean neach
- Canaidh mu dhithis a-mach à còignear de dhaoine nas sine (39% no mu 350,000) ann an Alba gur h-e an TBh am prìomh chompanach aca
- Canaidh mu aonan a-mach à sianair (16%) dhiubhsan a tha os cionn 65 bliadhna a dh’aois ann an Alba gu bheil iad a’ faireachdainn gu bheil sgaradh eadar iad fhèin agus an comann sòisealta, le cairteal dhiubh (mu 230,000) ag ràdh gum bu mhath leotha faighinn a-mach às an taigh na bu trice
Rinn Comann Nàiseanta Dìon Chloinne (CNDC) rannsachadh air aonranachd am measg nam pàistean a bhios a’ fònadh Childline, seirbheis phrìobhaideach dhìomhair do phàistean is do dhaoine òga fo aois naoi bliadhna deug. ’S e na fhuair iad a-mach ach:
- Eadar Giblean 2008 agus Màrt 2009, thug Childline comhairle do 5,525 pàiste mu aonranachd, mu bhròn is mu iomallachas mar am prìomh dhuilgheadas aca
- A thuilleadh air seo, chaidh comhairle a thoirt do 4,399 pàiste mu aonranachd mar dhuilgheadas a bharrachd
- B’ iad trioblaidean caidreimh san teaghlach, burraidheachd is droch-dhìol fiosaigeach na prìomh dhuilgheadasan a bha ceangailte ri aonranachd (mar phrìomh dhuilgheadas neo duilgheadas a bharrachd). Cuideachd, tha ceangal aig trom-inntinn is duilgheadasan inntinn, duilgheadasan san sgoil agus bàs ri aonranachd.