16.01.2015
Air sgàth’s
gu bheil os-dèanamh domhanta (global
overproduction) de bhainne a’ lùghdachadh prìs cartan 2 liotair de bhainne sìos gu £1 agus gu
bheil an companaidh bainne as motha First Milk a’ cur dàil ann am pàighidhean
gu tuathanaich tha Comataidh
Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus Àrainneachd aig Pàrlamaid na
h-Alba a’ tòischeadh air sgrùdadh èiginneach
air prìs a’ bhainne.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Rob Gibson BPA:
“Chan eil ann an gniomhan First Milk ach aon bhuille sgriosail eile airson nan tuathanach crodh-bainne. Bho 2002, bha crìonadh mòr ann an àireamh de thuathanaich crodh-bainne ann an Alba. Tha sinn air tuathanaich a chall mar thoradh air prìsean a tha cho ìosal ri ìosal agus cosgaisean a tha ag èirigh.
“Tha a’ Chomataidh airson dèiligeadh ri cor nan tuathanach crodh-bainne againn. Tha e deatamach gun obraich sinn gus dòigh a lorg anns am faod sinn bainne a sholarachadh aig cosgais reusanta gus an gnìomhachas a dhèanamh seasmhach. Anns na seachdainean a tha romhainn, bidh sinn a’ gabhail fianais bho na dearbh dhaoine a bhios a’ fulang fon bhuaidh sin: na tuathanaich fhèin.”
Lean Mgr Gibson air:
“Tha bainne na bhiadh bunasach airson na mòr-chuid de theaghlaichean ann an Alba. Ach feumaidh mòran thuathanach am bainne aca a reic do luchd-solarachaidh aig prìs a tha fo chosgais a dhèanamh fhèin, fhad’s a tha na bùithtean mòra a’ reic bainne aig prìsean neo-seasmhach.
“Tha sinn airson gun tèid e gu math leis a’ ghnìomhachas san ùine fhada, agus mar sin bidh sinn a’ sireadh mìneachaidhean bhon luchd-solarachaidh agus bho na bùithtean mòra air dè na ceuman a tha iad a’ gabhail air chor ’s gum bithear a’ dèiligeadh ri suidheachadh a tha iomagaineach airson na dùthcha, airson a’ ghnìomhachais agus airson nan tuathanach fa leth.”
Cùl-fhiosrachadh
Tòisichidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus Àrainneachd air a sgrùdadh air prìs a’ bhainne le seiseanan fianais air 28 Faoilleach 2015. Cuirear fiosrachadh a bharrachd do na meadhan anns na seachdainean ri thighinn air cò na daoine a bheir fianais.
Bidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus Àrainneachd (RACCE) a’ sgrùdadh molaidhean airson poileasaidhean a bhuineas ri cùisean dùthchail, atharrachadh clìomaid agus an àrainneachd. Thig a’ Chomataidh gu co-dhùnadh an dèidh fianais fharsaing a ghabhail bho, agus an dèidh bruidhinn ri, taghadh farsaing de luchd-ùidhe (stakeholders) a tha gu dlùth an sàs anns a’ chùis. Nì a’ Chomataidh sgrùdadh ùghdarrasach, fiosrach, èifeachdach buadhach air poileasaidhean.