15.12.2014
Tha amas a thaobh amannan-feitheimh do dh’euslaintich a thèid fhaicinn ann an ùine nas lugha na 4 uairean a thìde ann an 98% den a h-uile turas do dh’ionadan A&E air a thighinn fo cheist aig Comataidh Sgrùdadh Poblach (Public Audit Committee) aig Pàrlamaid na h-Alba.
Tha a’ Chomataidh air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh a bheil an ìre de 98% cothromach iomchaidh ‘s an gabh seo a thoirt a-mach, leis gu bheilear air a chur an cèill gur dòcha gum bi aig cuid de dh’euslaintich ri feitheamh ann an A&E nas fhaide na ceithir uairean ri linn adhbharan meadaigeach.
Chaidh an targaid 4 uairean de 98% de thursan gu A&E aontachadh mar ìre aig Riaghaltas na h-Alba ann an 2008. Ann an Giblean 2013, chaidh targaid eadar-ama de 95% a chur air dòigh, rud a bha ri lìbhrigeadh ro Shultain 2014. Na bu tràithe am-bliadhna, sheall aithisg o Àrd-neach Sgrùdaidh na h-Alba (Auditor General Scotland, AGS) gum biodh e doirbh do ghrunn Bhòrd Slàinte targaid eadar-ama Riaghaltas na h-Alba, 95%, a choileanadh, agus san t-Samhain chaidh dàta fhoillseachadh a sheall gun do choilean Seirbheis na Slàinte amas na bliadhna gu ruige Sultain 2014 le 93.4%, mar a bha nuair a chaidh an targaid a thoirt a-steach an toiseach.
Taobh a-staigh na h-aithisge, cuiridh a’ Chomataidh fàilte air a’ mhaoineachadh a bharrachd a gheibh na Bùird mar thaic is mar fhreagairt do mar a thuit ìre coileanaidh A&È, maoineachadh £27m a thàinig o Riaghaltas na h-Alba thar ama trì bliadhna o Ghearran 2013.
Thuirt Neach-gairm Comataidh Sgrùdadh Poblach, Hugh Henry BPA:
“Tha e car tàmailteach aig a’ char is lugha nach eil 5 de na 14 bùird slàinte a’ coileanadh targaid eadar-ama de 95%, gu h-àraid gun ach 3 bùird NHS a’ coileanadh ìre 98% a chaidh a chur air dòigh le Riaghaltas na h-Alba. “Ach, tha daonnan feum clionaigeach (clinical need) ann cothromachadh a dhèanamh eadar luathas is feabhas cùram, agus tha sinne ag aontachadh ri AGS gum faod amannan-feitheimh aon roinn A&E a bhith mar chomharradh cudromach air an dùbhlan a tha ro shiostam na slàinte san fharsaingeachd. Le seo mar chùl-fhiosrachadh, agus o chionn ‘s nach eil a’ chuid is motha de bhùird a’ coileanadh ìre na h-amais a chaidh a chur air dòigh, tha sinn a’ cur na ceist a bheil an ìre sin fhathast reusanta no an gabh a thoirt a-mach.”
Tha aithisg na Comataidh a’ cur an cèill gum bi feum air atharrachadh-ceuma a thaobh na nì bùird NHS, cho math ri ath-dhealbhadh seirbheise, a chor is gun coilean iad ìre 98% de dh’amannan-feitheimh A&E. Thathar cuideachd a’ cur cuideam air cho cudromach is a tha:
· Dàta daingean ceart mu gach uair is adhbhar a thèid daoine a chur gu roinnean A&E.
· Gun tuig bùird NHS a’ bhuaidh a bhios aig diofar adhbharan gun tèid daoine a chur gus ionadan A&E a fhrithealadh. ’S e seo toiseach-tòiseachaidh a thaobh oidhirp air daoine a stiùireadh a bhios a’ frithealadh roinnean A&E nuair nach bi seo còir no ceart agus a dh’fhaodadh leigheas fhaotainn àiteigin eile no a bhith a’ dol gu àiteachan eile taobh a-staigh seirbheis na slàinte nam b’ e ‘s gun robh na seirbheisean seo ri fhaotainn aig an àm. Dh’fhaodadh seo cuideachd a bhith mar chuideachadh do dh’euslaintich roghainnean eile a dhèanamh.
· Obair le Riaghaltas na h-Alba air na tha bùird NHS a’ dèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil gu leòr a ghoireasan ann an ionadan eile de sheirbheis na slàinte gus taic a thoirt do na h-euslaintich sin a dh’fhaodadh dol a dh’àiteigin eile seachas A&E.
· Taic o Riaghaltas na h-Alba a thaobh feabhas a thoirt air mar a thèid euslaintich tro ionadan A&E, a’ gabhail a-steach mar a chumar taic ri ospadalan gluasad air falbh on chleachdadh chumanta air feadh na seachdain ann a bhith ag obair ann am pàirtean àraid de sheirbheis ospadail. Tha a’ Chomataidh cuideachd air soilleireachadh iarraidh o Riaghaltas na h-Alba air mar a tha e san amharc aca tuigse nas fheàrr fhaotainn air na h-adhbharan a bhios euslaintich gan cur fhèin air adhart a fhrithealadh ionadan A&E, agus cuiridh a’ Chomataidh fàilte air comhairle fhaighinn cho luath ‘s a ghabhas o luchd-meadaigeach eòlach.
Lean Neach-gairm na Comataidh Hugh Henry BPA air:
“Aig an àm-sa den bhliadhna gu sònraichte, feumaidh roinnean A&E a bhith comasach fòcas air an adhbhar a tha iad ann – tubaistean is èiginn. Feumaidh bùird NHS tuigse nas fheàrr a bhith aca air carson a tha daoine a’ tighinn gu A&E, nuair dh’fhaodadh euslaintich a bhith air an ath-threòrachadh gu roinnean eile de sheirbheis na slàinte far am faigheadh iad leigheas a tha a cheart cho èifeachdach.
“Tha cuid de bhùird a’ dèanamh sàr-obair san raon seo agus tha fhios againn gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ri seo. Ach eadar ‘s gu bheil seirbheisean eile ann nuair a thig feum orra, agus eadar ‘s gu bheil gu leòr a dh’fhiosrachadh aig daoine air na ghabhas dèanamh seach frithealadh air A&E, feumar sgrùdadh nas doimhne a dhèanamh air a’ chùis. Tha sinn air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba rudeigin a dhèanamh a chor is gun cuirear tuigse am meud san raon seo agus gun leasaichear an dòigh san tèid dàta a chruinneachadh. Cha ghabh duilgheadas sam bith a leasachadh gu h-iomchaidh ach tro thuigse.”
Taobh a-staigh na h-aithisge, tha a’ Chomataidh cuideachd a’ toirt beachd air fastadh is cumail luchd-obrach sna roinnean A&E agus tha iad ag iarraidh:
· Soilleireachadh o Riaghaltas na h-Alba mu mar a chuireas cur-an-gnìomh Ath-sgrùdadh Greenaway feabhas air mar a dh’fhastaichear is a chumar iadsan a bhios fo thrèanadh – agus a fhuair ceum - ann an ionadan A&E.
· Fiosrachadh o Riaghaltas na h-Alba a thaobh dè cho fada ‘s a thuigeas iad gu bheil an cùmhnant nàiseanta a’ toirt gu leòr a dh’aitheantas gu bheil cor-obrach luchd-comhairleachaidh, gu h-àraid iadsan ann an A&E, ag atharrachadh, agus dè an taic a chumas an Riaghaltas ri ath-dhealbhadh sheirbheisean le bhith ga chur an comas gun tèid cleachdaidhean obrach ùr-ghnàthaichte aithneachadh le duais iomchaidh.
Cùl-fhiosrachadh
Ann an Alba tha 31 roinn A&E a bheir seachad seirbheisean deatamach taobh a-staigh NHS, mar is trice a’ measadh is a’ leigheas nan euslainteach aig a bheil cor-slàinte fìor dhona neo cunnartach. Dh’aithris AGS gun do fhritheil mu 1.35m neach na roinnean seo ri linn 2012/13 air chosgais £163m. Cuideachd tha 64 ionad leòn beaga (Minor Injury Units) ann an Alba a bheir leigheas do 266,439 neach gach bliadhna air chosgais £25m.
Ann an 2004 chuir Riaghaltas na h-Alba targaid air dòigh gum bu chòir, le teachd deireadh 2007, ‘s nach biodh aig euslaintich ri feitheamh na b’ fhaide na ceithir uairean a thìde on àm a thigeadh iad ‘s gun rachadh gabhail riutha gu ruige an t-àm a rachadh iad a chur a dh’àiteigin eile neo a leigeil ma sgaoil. Bhuin seo ri A&E cho math ri MIU. Am Màrt 2008 b’ i an targaid seo ìre àbhaisteach leigheis, leigeil ma sgaoil no gabhail ri 98% de dh’euslaintich taobh a-staigh ceithir uairean a thìde on àm a nochdadh iad an toiseach aig A&E. Sna trì mìosan gu ruige deireadh Màrt 2010, chaidh dèiligeadh ri 98% (365,949 neach) taobh a-staigh ceithir uairean a thìde, an taca ri 88% (334,907 neach) sna trì mìosan gu ruige deireadh Ògmhios 2006.
Dh’aithris AGS gun do thuit – on àm a dh’fhoillsicheadh aithisg mu dheireadh na h-oifise sin ann an 2010 (fon tiotail Roinnean Èiginn) – ìre coileanaidh fa chòir targaid 98% o 97.2% ann an Dùbhlachd 2009 gu 93.5% ann an Dùbhlachd 2013, ged a bha rud beag de dh’fheabhas ann ri linn 2013. Ann am fiosrachadh-fianaise, thug Riaghaltas na h-Alba fa-near... “gu bheil am figear de 94% air a bhith air a luaidh mu choinneamh an dàta a chaidh fhoillseachadh gu ruige Ògmhios 2014”.
Dh’aithris AGS nach eil – ri linn cho diofraichte is a tha seirbheisean a thèid a thoirt seachad ann an roinnean A&E thar na dùthcha – aon rud singilte ann a mhìnicheas carson a chrìon coileanadh amannan-feitheimh o 2008/09. Faodaidh na leanas buaidh a thoirt air coileanadh amannan-feitheimh--
· Cuideam a thaobh na tha ri fhaotainn de leabannan-ospadail ri linn ‘s gun gabhar ri tuilleadh is tuilleadh euslainteach air bhonn èiginn cho math ri dàil ann a bhith a’ leigeil euslainteach ma sgaoil
· Iom-fhillteachd cùram a’ dol am meud
· Poileasaidhean ionadaile a thaobh nan daoine a ghabhar a-steach mar luchd-èiginn
· Poileasaidhean ionadaile a thaobh fios a thoirt do dh’euslaintich A&E mu sheirbheisean eile a tha ann
· An t-àm den latha a leigear euslaintich ma sgaoil o sheòmraichean-ospadail
· Cuideam a thaobh na th’ ann de luchd-obrach.
Cuideachd, dh’èist a’ Chomataidh ri fianais gum faod gum bi coileanadh amannan-feitheimh a’ tighinn fo bhuaidh na th’ ann de chùram-dachaigh is de dh’àiteachan ann an ionadan-cùraim ann an cuid a sgìrean, rud a dh’fhaodas dàil a chur ann a bhith a’ leigeil euslainteach on ospadal fhad ‘s a bhios iad a’ feitheamh air cùram iomchaidh taobh a-muigh den ospadal. A bharrachd, dh’aithris AGS gun robh an t-iarrtas san fharsaingeachd air ionadan A&E agus Ionadan Leòn Mòra (Major Injury Units) air a dhol am meud o 1.57m a thaobh frithealaidh ann an 2008/09 gu ruige 1.62m ann an 2012/13.
An Giblean 2013, thug Riaghaltas na h-Alba a-steach targaid eadar-ama ùr de 95% de dh’euslaintich a gheibh leigheas taobh a-staigh ceithir uairean a thìde gu ruige deireadh na bliadhna ann an Sultain 2014.
Aig an àm a dh’èist a’ Chomataidh ri fianais (ann an Dàmhair 2014) mu aithisg A&E, cha robh e an comas Riaghaltas na h-Alba comhairle a thoirt eadar ‘s gun rachadh aca air an targaid seo a ruigsinn no nach rachadh ri linn ‘s nach biodh na fiogairean mu choinneamh Sultain 2014 air an toirt am follais gu ruige Samhain 2014. Ach dh’aithris AGS gum biodh e doirbh do ghrunn bhòrd an targaid eadar-ama de 95% a choileanadh ro Shultain 2014.
Air 25 Samhain 2014, dh’aithris Roinn Seirbheisean Fiosrachaidh (RSF) na h-Alba gura h-e coileanadh NHS ann an Alba a thaobh targaid eadar-ama 95% mu choinneamh na bliadhna gu ruige Sultain 2014 ach 93.4%, dìreach mar a bha aig àm-tòiseachaidh na targaid eadar-ama de 95% ann an Giblean 2013. A-mach às 14 bùird NHS, dh’aithris RSF gun do choilean 9 bùird clach-mhìle na targaid de 95% (NHS nan Crìochan, NHS Dhùn Phris is Gall-ghaidhealaibh, NHS Fìobha, NHS Roinn a’ Mhonaidh, NHS na Gàidhealtachd, NHS Arcaibh, NHS Shealltainn, NHS Taobh Tatha agus NHS nan Eilean Siar).
Tha Ath-sgrùdadh Greenaway a’ toirt iomradh air: Securing the future of excellent patient care - final report of the independent review led by Professor David Greenaway (http://www.shapeoftraining.co.uk/static/documents/content/Shape_of_training_FINAL_Report.pdf_53977887.pdf)