A’ gairm Latha na Pàrlamaid, an Gearasdan, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA:
“Is e adhbhar Làithean na Pàrlamaid a bhith a’ toirt obair na Pàrlamaid a-steach do chridhe coimhearsnachd. Ach tha iad cuideachd airson gu faigh na daoine a tha ag obair agus a’ fuireach sna coimhearsnachdan cothrom beachd a thoirt seachad air cùisean a bhuineas riutha.
“Tha an Gearasdan ainmeil airson a bhith a’ toirt aoigheachd don iomadh duine sgìth a tha thighinn thuige air slighe fhada Taobh Siar na Gàidhealtachd. Tha mi cinnteach gum bi fàilte a cheart cho blàth ron Phàrlamaid nuair a ruigeas i am baile.”
A’ bruidhinn ro thuras na Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh don Ghearasdan, thuirt an Neach-gairm Caoimhin Stiùbhart BPA:
“Bidh sinn sa Ghearasdan airson faighinn a-mach ciamar a tha daoine a’ gabhail pàirt anns na coimhearsnachdan aca agus airson faighneachd am buannaich iad bhon Bhile Sgaoileadh Cumhachd gu Coimhearsnachdan.
“Tha mi air leth toilichte gu bheil a’ Chomataidh againne a’ tadhal air a’ Ghearasdan. Seo an aon dòigh a nì sinn cinnteach gu faigh coimhearsnachdan na h-Alba èisteachd agus gun tèid na beachdan aca a chur an gnìomh.”
Air an aon latha, bidh a’ Chomataidh Tiomnadh Cumhachd (Cumhachdan a Bharrachd) a’ cumail choinneamhan le òigridh aois 16 is 17 a chluinntinn mar a chaidh leotha nuair a bhòt iad ann an Reifreinn neo-eisimeileachd eachdraidheil an t-Sultain.
Thuirt Brus Crawford BPA, Neach-gairm na Comataidh Tiomnadh Cumhachd (Cumhachdan a Bharrachd):
“Nuair a chumadh an Reifreinn am-bliadhna sgaoileadh còir-bhòtaidh do mu 120,000 daoine aois 16 is 17 a’ fuireach an Alba. Tha sinne sa Chomataidh ag iarraidh beachdan dhaoine òga a chluinntinn air a h-uile pàirt den phròiseas, agus far an b’ urrainnear a leasachadh.
“Bidh sinn a’ tadhal air grunn àiteachan an Alba a dh’èisteachd ri beachdan òigridh agus ’s e an Gearastan a’ chiad àite don tèid sinn. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri èisteachd ri daoine òga an sin is ionnsachadh bhuapa.”
Is e seo an siathamh Latha na Pàrlamaid a th’ air a bhith ann. Tha tachartasan soirbheachail air a bhith aig a’ Phàrlamaid mar-thà ann an Hawick, Steòrnabhagh, Sruighlea, Obar Bhrothaig agus Dùn Breatann.
Thèid tuilleadh fiosrachaidh mu Latha na Pàrlamaid – An Gearasdan innse anns na seachdainean ri thighinn, a’ gabhail a-steach fiosrachadh air coinneamh fhoirmeil na Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh; turasan na Comataidh gu buidhnean ionadail; agus prògram nan tachartasan sam bi an t-Oifigear Riaghlaidh a’ gabhail pàirt.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh a’ Bhile Sgaoileadh Cumhachd gu Coimhearsnachdan (Alba) a thoirt a-steach san Ògmhios 2014. Tha meòrachan poileasaidh na Bile ag ràdh gu bheil a’ Bhile a’ riochdachadh phrionnsapalan poileasaidh Riaghaltas na h-Alba a thaobh cumhachd a thoirt nas fhaisge air daoine, cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan agus piseach a thoirt air buil obrach.
Fhuair gairm fianais na Comataidh 160 freagairt, a tha uile rin lorg an seo:
http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/79891.aspx
Barrachd fiosrachaidh mun Bhile an seo:
http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/Bills/77926.aspx
B’ àbhaist gur e Comataidh Bile an Reifreinn (Alba) a bh’ air a’ Chomataidh Tiomnadh Cumhachd (Cumhachdan a Bharrachd). Ghabh a’ Phàrlamaid ris an atharrachadh ainm air 30 Dàmhair, agus ri leudachadh raon-ùghdarrais na Comataidh a ghabhail a-steach sgrùdadh air obair Coimisean Mhic a’ Ghobhainn