Tha Fèis Phoilitigs 2014 a’ nochdadh bheachdan fiosrachail agus deasbaireachd ann an cothromachadh bho eòlaichean agus luchd-foghlaim agus iad an sàs ann an ceistean bunaiteach an Reifrinn. Agus i air a bhith ann fad deich bliadhna a-nis, thèid Fèis Phoilitigs a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba bho Dhihaoine 15 Lùnastal gu Didòmhnaich 17 Lùnastal.
Agus i a’ bruidhinn air Fèis Phoilitigs na bliadhna seo, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh am Fìor Urr Tricia Marwick BPA:
“Nuair a dh’fhosglas an Fhèis, cha bhi ach beagan a bharrachd air mìos ri dhol gus am bi an Reifreann ann. Tha e ceart is iomchaidh gun dèan sinn feum den Fhèis gus àite a thoirt do dhaoine far an cruinnich iad agus an dèan iad deasbad air a’ bhuaidh a bheir an co-dhùnadh cudromach a thathar a’ dèanamh. Bho ola gu airgeadra, an Roinn Eòrpa don eaconamaidh agus an imrich-a-steach gu bochdainn, tha sinn a’ tairgse trì latha de sheiseanan nan togail-inntinn am broinn an togalaich shònraichte againn.”
Agus i a’ fosgladh Dihaoine 15 Lùnastal, tha Fèis Phoilitigs a’ ruith gu Didòmhnaich 17 Lùnastal agus am measg nan seiseanan tha:
· Sealltainn air ‘One Humanity’ ag innse sgeulachd deireadh apartheid ann an Africa a Deas.
· Polly Toynbee a’ sealltainn air bochdainn agus a’ bhuaidh a bheir i air dùil-beatha.
· An rannsachadh agus na toraidhean as ùire bho Chomhairle Rannsachaidh Eaconamaich is Shòisealta air beachdan sòisealta / ìomhaigh ann an Alba.
· James Naughtie agus pannal eòlaichean a’ sgrùdadh cò ris a bhios an dùthaich coltach an ceann sia bliadhna eile le toradh seach toradh.
· Alan Cochrane agus George Kerevan a’ bruidhinn mu na beachdan aca agus a’ cur an ainmean ri leabhar Scottish independence ‘Yes or No’ aca.
· Gary Christie bho Chomhairle Luchd-tèarmainn na h-Alba a-mach air an imrich-a-steach.
· Riochdachadh Tèatar Nàiseanta na h-Alba de ‘In Time o’ Strife’ le Joe Corrie, air atharrachadh, air a dhealbhadh agus air a stiùireadh le Graham McLaren, agus deasbad an dèidh làimhe leis an stiùiriche.
Nì Lobaidh a’ Ghàrraidh Bàr Cafaidh na Fèise uair a-rithist eile agus thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:
“An-uiridh dh’fhosgail sinn Bàr Cafaidh na Fèise a’ chiad uair. Shoirbhich cho math leis gu bheil e air ais a-rithist, le farsaingeachd de bhiadh, de dheoch agus de dh’oirfideas, cho math ri àite gus deasbadan an latha a chumail a’ dol. Bhitheamaid cho toilichte fàilte a chur air daoine an seo gus na beachdan aca a nochdadh agus na ceistean mòra mu na tha air fàire do dh’Alba a dheasbad.”
Thèid Lobaidh a’ Ghàrraidh aig Pàrlamaid na h-Alba, far am bi mar as trice Buill, luchd-obrach agus luchd-aoigheachd, a chruthachadh mar Ionad-bidhe-is-dibhe na Fèise ri linn Fèis Phoilitigs. Sa chothlamadh shuaicheanta de luchd-ciùil tha còignear a’ chiùil ghuirm Blueflint, Ceòladair Òg Traidiseanta BBC Radio Alba Robyn Stapleton. The Banjo Lounge air tighinn air ais, agus seinnidh The Gramophone Jass Band ceòl New Orleans.
Cluichidh GrownUps DJs clàran poilitigeach cuideachd, am measg nan cartùn poilitigeach le Frank Boyle bho Edinburgh Evening News. Air nòs nan cruinneachaidhean poilitigeach bho shean, nì bàird agus luchd-oirfideis, Liz Lochhead, Kieran Hurley agus Rachel Amey nam measg, sgrùdadh air deasbad poilitigeach ann am bàrdachd.