Chaidh deilbheadh Eun eagallach mòr Bherlin a thaisbeanadh ann am Berlin ri linn dha a bhith mar Chathair a’ Chultair ann an 1988 agus aig còrr is ceithir a mheatairean a dh’àirde, bha an coltas air gun robh e a’ sealltainn thar a’ bhalla. Tha Pàrlamaid na h-Alba air riochd nas lugha de dh’Eun Bherlin, cuide ris an deilb?eadh Contemplace, fhaighinn agus thèid a thaisbeanadh cuide ri saothair le Wyllie air iasad bho 19 Màrt.
Bha Seòras Wyllie MBE a chaochail ann an 2012 aig aois 90 air aon den luchd-ealain as cliùitiche is as cumhachdaiche a bha den bheachd gum b’ fheàrr eòlas a chur air an ealain ann an àiteachan poblach seach ann an suidheachadh nan taighean-taisbeanaidh.
’S fheàrr eòlas air Wyllie airson Straw Locomotive leis agus Paper Boat cho math ris an Running Clock a tha na sheasamh an taobh a-muigh stèisean nam busaichean ann an Sràid Bhochanain ann an Glaschu. Ghabh e air an t-saothair aige deil?headh, a’ cur às don ‘b’ ud a dh’aon ghnothach gus cho cudromach agus a tha e a bhith a’ ceasnachadh a chomharrachadh.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:
“Tha mi cho toilichte agus uasal gum bi Pàrlamaid na h-Alba na dachaigh gu buan do shaothair le Seòras Wyllie.
“Bha gaol aig muinntir na h-Alba air saothair Sheòrais Wyllie na bheatha. A-nis thèid a dhìleab a chomharrachadh agus a mhealtainn fad bhliadhnaichean ann am Pàrlamaid na h-Alba.”
Thuirt nighean Sheòrais Wyllie, Louise Wyllie:
“Seach gur h-e Pàrlamaid na h-Alba an suidhe air an cluinnear guth na rìoghachd, tha ceannach na saothrach seo le m’ athair na rud leis an robh e air a bhith gu math toilichte.
“Nuair a rinn Eun Bherlin aige dìdearachd thar Bhalla Bherlin, sgaoil e brath fada is farsaing mu amaideas balla a bhith a’ sgaradh baile gun tighinn air mòr-roinn. Bha fios aig m’ athair gun tèid aig ealain air nithean mòra a chur an cèill agus ceangal a dhèanamh ris an fhear san t-sreath aig ìre nas doimhne agus mar theaghlach tha sinn cho uasal gu bheil a dhìleab ga chomharrachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba.”
Cùl-fhiosrachadh
Sna còig bliadhna deug is a chaidh, tha Pàrlamaid na h-Alba air cruinneachadh beag de shaothair-ealain fhaighinn le rùn obair luchd-ealain na h-Alba a nochdadh agus a sgaoileadh. Is ann ainneamh a cheannaichear saothair ùr, leis a’ chuid as motha de na thathar a’ cur ris ga fhaighinn tro iasadan.
Is e a’ chosgais a tha ann gus an t-saothair fhaighinn airson Cruinneachadh-ealain Pàrlamaid na h-Alba £20,000. Is e na chaidh a cheannach:
1. Contemplace, cruaidh gun smal agus clach. Tha an t-saothair a’ toirt tarraing air Lia àrsaidh Fàil agus Teàrlach Rennie Mac an Tòisich, a chaidh an t-saothair a nochdadh ann an Taigh a’ Chnuic aige roimhe, agus is e a tha ann beachd an fhir-ealain mu chathair-rìoghail na h-Alba.
2. Berlin Burd, deilbheadh beag ann an cruaidh agus dà shaothair air pàipear.
Tha muinntir Wyllie agus Bunait Wyllie air saothair a bharrachd a thoirt air iasad gu coibhneil. Is iad seo Berlin 1988 (scul?ture); Maquette airson Berlin Burd agus trì obraichean-tarraing air a bheil Ein Vogel Ist Kein Stein.
Bha taisbeanadh sealach de thaghadh de shaothair-ealain le Seòras Wyllie MBE (1921-2012) ann an gàrradh Pàrlamaid na h-Alba mar chuid de dh’Fhèis Phoilitigs 2012.