28.08.2012
Chaidh Ionad-rothaireachd an Ridire Chris Hoy, Àrainn a’ Cho-fhlaitheis agus Baile nan Lùth-chleasaichean far an tèid Gèamannan a’ Cho-fhlaitheis a chumail ann an 2014 a shealltainn an-diugh do bhuill Chomataidh Slàinte agus Spòrs.
Chaidh a' chuairt a chumail agus a' Chomataidh air tòiseachadh air ullachadh gus an rannsachadh aice mun àite a tha aig spòrs-coimhearsnachd an ath sheachdain a ghluasad air adhart.
Thuirt Neach-gairm Chomataidh Slàinte agus Spòrs, Donnchadh MacNèill BPA:
“An ath sheachdain, tòisichidh sinn a' sealltainn air an àite a tha aig spòrs anns a' choimhearsnachd againn. Tha seo gu sònraichte cudromach gus cuideachadh a chur ri soirbheachadh Sgioba na Rìoghachd Aonaichte aig Geamannan Oilimpigeach 2012 ann an Lunnainn agus ris a’ bhuaidh bhrosnachail a thug lùth-chleasaichean às gach ceàrn den t-saoghal.
“Tha a h-uile duine a’ sealltainn a-nis air Glaschu ro Gheamannan a' Cho-fhlaitheis ann an 2014. Ri linn an rannsachaidh againn, nì sinn sgrùdadh air an àite a tha aig spòrs anns a h-uile rud bho chasg air galar gu dol an sàs ann an giùlan neo-shòisealta. Bheir a bhith a' cluinntinn mar a thèid na goireasan barraichte seo a chleachdadh anns a' choimhearsnachd an dà chuid ro na Gèamannan is nan dhèidh cuideachadh dhuinn gus a' bhuaidh a dh'fhaodadh na Geamannan fhàgail air Alba a mheas."
Thuirt Neach-gairm Chomataidh Slàinte agus Spòrs, Bob Doris BPA:
"Ged a bhuineas Gèamannan a' Cho-fhlaitheis ri lùth-chleasaichean a' dèanamh a rèir àirde an comais, buinidh an dìleab a shocraich Riaghaltas na h-Alba cuideachd ri mar a bhrosnaicheas na Geamannan coimhearsnachdan air feadh na dùthcha.
“Tha e mar chuid den dìleab seo gum fàs ionadan-spòrs sna coimhearsnachdan air feadh na dùthcha mar ionad gus goireasan spòrs-coimhearsnachd a thoirt do dhaoine aig gach aois is ìre de dh’fhallaineachd. Agus i an ceannas air na Geamannan, tha cothrom air leth aig Alba beachd às ùr a ghabhail air a' chàirdeas a tha againn ri spòrs."
Fhuair buill na comataidh taisbeanadh prìobhaideach de na goireasan ann am Baile nan Lùth-chleasaichean, san Ionad-rothaireachd agus san Àrainn a thathar ri fhosgladh anns an Dàmhair.
Thuirt Dàibhidh Grevemberg, Ceannard Ghlaschu 2014:
"Bha Glaschu 2014 toilichte fàilte a chur air Comataidh Slàinte agus Spòrs gu Taigh a' Cho-fhlaitheis agus fiosrachadh às ùr a thoirt do bhuill mun adhartas againn gus Gèamannan barraichte a lìbhrigeadh do Ghlaschu, do dh’Alba agus don Cho-fhlaitheas.
“Is e Geamannan a’ Cho-fhlaitheis an tachartas spòrs is cultarail as motha riamh a thachair ann an Alba agus tha e de chomas aca cothroman nach beag a chruthachadh ann an spòrs agus altachadh corporra do dhaoine fa leth agus do choimhearsnachdan air feadh na dùthcha.”
Cùl-fhiosrachadh
Thèid ìomhaighean den chuairt a chur gu luchd-deasachaidh dhealbhan.
Chuir Comataidh Slàinte agus Spòrs rannsachadh mu spòrs-coimhearsnachd air bhog air 2 Iuchar 2012 agus tha i air 53 beachdan ann an sgrìobhadh fhaighinn a chuidicheas rithe gus cruth a chur air an rannsachadh. Aig a’ chiad choinneamh den Chomataidh an dèidh fosadh an t-samhraidh, èistidh i ri beachdan bho eagrachaidhean nam measg Sportscotland, NHS na h-Alba agus Comann Spòrs na h-Alba.
Feuchaidh an rannsachadh ri aghaidh a chur air na cuspairean a leanas:
Mar a chuidicheas daoine – a’ sealltainn air an obair aig feadhainn saor-thoileach – agus a' sealltainn air mar a nithear cinnteach gum bi na cothroman agus an taic a tha a dhìth orra gus an taic as fheàrr a chur ri spòrs aig ìre ionadail
A’ bhuannachd do chomainn-spòrs ionadail an dà chuid a thaobh (i) slàinte chasgach agus (ii) an cuid choimhearsnachdan
Cho cudromach agus a tha ionadan-spòrs, a thaobh cothrom, ruigsinneachd, cosgais agus càileachd nan goireasan.
Fios conaltraidh
Meadhannan
Comataidhean
Fiosrachadh a' phobail
- Fòn: 0800 092 7500
- Fòn teacsa: 0800 092 7100
- Fàite ro text releay
- Teacsa: 07786 209888
- [email protected]
Lean air twitter sin @ParlAlba