An Taisbeanadh 'Lìbhrigeadh Sònraichte: Litrichean Uilleim Uallais' aig Taigh an Ròid

10.08.2012

Thathar air an dà litir thùsail a-mhàin aig a bheil ceangal dìreach ri Uilleam Uallas a nochdadh aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh aig taisbeanadh ùr.

Air an nochdadh gu poblach tha litir 700 bliadhna dh’aois mu Uilleam Uallas bho Rìgh na Frainge Filip a Ceithir agus Litir ainmeil Lübeck, a sgaoil Uallas is Anndra Moireach mar Luchd-gleidhidh na h-Alba an dèidh Cath Dhrochaid Shruighlea ann an 1297.

Thèid an taisbeanadh, air a bheil ‘Lìbhrigeadh Sònraichte: Litrichean Uilleim Uallais', a chumail gu Disathairne 8 Sultain oir tha aois is brisgealachd nan litrichean a' fàgail nach fhaodar an sealltainn ach fad ùine gu math goirid.

Tha sgàilenan claisneachd-is-lèirsinn agus pannalan anns an taisbeanadh a' cuideachadh gus eachdraidh Uilleim Uallais agus na strì airson cumhachd a bha ann air feadh na h-Eòrpa aig toiseach nan 1300an aithris. Tha saothair ann le seachd clasaichean-sgoile à Alba agus dà obair-ghrèisidh le Dovecot Studios.

Agus e a’ labhairt nuair a dh’fhosgail an taisbeanadh, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

“Ged a tha na linntean air a dhol seachad bho chaidh na litrichean a sgrìobhadh, tha an ìre seo den eachdraidh na togail-inntinn is na brosnachadh agus a' cumail fios ri daoine an-diugh. Tha a bhith a' cur an dà mhìr seo den eachdraidh ann an suidheachadh an latha an-diugh mar Thaigh an Ròid a' cuideachadh gus beatha a thoirt do dh’eachdraidh na h-Alba. “’S e cothrom ainneamh, triop ann an linn, a tha ann a bhith gam faicinn còmhla mar seo, agus tha mi an dòchas gun còrd e ris na mìltean de luchd-tadhail a tha againn."

Thuirt am Ministear airson Cultar is Cùisean air an Taobh A-muigh, Fiona Hyslop:

“Tha an taisbeanadh seo air leth cudromach agus tha mi cho toilichte gum bi an cothrom aig muinntir na h-Alba a-rithist sgeul gaisgeach na h-Alba a chluinntinn.

“Tha an dà sgrìobhainn ainneamh bhrisg seo air a' bheagan stuth a tha fhathast air mhaireann aig a bheil ceangal dìreach ri Uilleam Uallas agus tha iad nam bloigh annasach de dh’eachdraidh na dùthcha againn.

“Tha mi gu math toilichte gum fuirich litir Uallais fad ùine fhada ann an Alba a-nis agus tha e na thogail-inntinn gu mòr gu bheil an taisbeanadh aig an aon àm ris a’ chiad Chruinneachadh Chultair Eadar-nàiseanta riamh, rud a bheir an cothrom do Mhinistearan ri Cultar is riochdairean às gach ceàrnaidh den t-saoghal litrichean Uallais fhaicinn agus lèirsinn fhaighinn air cultar is dualchas saidhbhir na h-Alba."

Thuirt Seòras MacCoinnich, Fear-gleidhidh nan Clàran:

“Chan eil ach dà sgrìobhainn air mhaireann aig a bheil ceangal dìreach ri gaisgeach na h-Alba Uilleam Uallas agus chan eil tè seach tè dhiubh ga cumail ann an Alba. Tha e na thogail-inntinn gu mòr a bhith gan taisbeanadh còmhla ann am Pàrlamaid na h-Alba agus leigeil le daoine eòlas a chur air na cuspairean air leth seo 700 bliadhna dh'aois.

Thuirt Oliver Morley, Fear-gleidhidh is Ceannard nan Tasgaidhean Nàiseanta ann an Kew:

“Tha sinn air leth toilichte gun robh sinn ag obair cho dlùth le Clàran Nàiseanta na h-Alba gus iasad eile den sgrìobhainn air leth seo a bhith ga taisbeanadh còmhla ri litir Lübeck anns an taisbeanadh seo a chur air chomas, rud a bheir cothrom eile don phoball an dà sgrìobhainn seo ceangailte ri Uilleam Ualas fhaicinn còmhla.

Thuirt an t-Oll. Jan Lokers, Stiùiriche Thasgaidhean Cathair Lübeck :

“Tha baile Hanse Lübeck glè thoilichte is uasal iasad a thoirt de 'litir Lübeck’ mar a tha oirre do thaisbeanadh Uallais aig Pàrlamaid na h-Alba airson muinntir na h-Alba. Mar thè den aon dà sgrìobhainn a tha fhathast ann a tha ceangailte gu dìreach ri Uilleam Uallas, tha an litir seo air aonan de na h-ulaidhean as fheàrr ann an cruinneachaidhean Tasgaidhean Lübeck. Tha i cuideachd a’ cur eachdraidh fhada nan ceanglaichean eaconamach Eòrpach aig àm an ‘Hanse’ nar cuimhne.”

Chaidh an taisbeanadh air leth seo a chur ri chèile le Clàran Nàiseanta na h-Alba ann an com-pàirteachas ri Pàrlamaid na h-Alba, na Tasgaidhean Nàiseanta, Kew agus Tasgaidhean Cathair Lübeck.

Tha an taisbeanadh ann an Talla a’ Phobaill aig Pàrlamaid na h-Alba fosgailte gu Disathairne 8 Sultain. (Thoiribh fa-near: tha a’ Phàrlamaid dùinte don phoball bho Dhidòmhnaich 12 gu Dimàirt 14 Lùnastal, an dà cheann-latha sin san àireamh).

Tha tachartasan sònraichte cuideachd gan cumail aig a’ Phàrlamaid, nam measg dà sheisean eachdraidheil ann am Fèis Phoilitigs bhliadhnail na Pàrlamaid, seisean Glow (acfhainn-oideachaidh Lìn airson sgoiltean ann an Alba) agus buidhnean-foghlaim airson sgoiltean a’ tadhal air an taisbeanadh.

Cùl-fhiosrachadh

Tha litir Uallais air a bhith air a gleidheadh ann an Sasainn bho chaidh a lorg ann an Tùr Lunnainn sna 1830an. Tha i air iasad fada do Chlàran Nàiseanta na h-Alba a-nis an dèidh aonta a dhèanamh leis na Tasgaidhean Nàiseanta ann an Kew. Tha litir Lübeck air iasad bho thasgaidhean Cathair Lübeck, le aonta bhon Àrd-bhàillidh is bhon Chomhairle. Chaidh a taisbeanadh an turas mu dheireadh ann an Alba ann an 2005, ri linn taisbeanadh ‘Dìreach Airson na Saorsa’ aig Pàrlamaid na h-Alba.

San taisbeanadh cuideachd tha aithrisean-naidheachd mar stuth-èisteachd is stuth-lèirsinneach, saothair-ealain is bàrdachd bho chlasaichean ann am Bliadhna a Còig sa Bhun-sgoil agus Bliadhnaichean a h-Aon is a Dhà san Àrd-sgoil.

  • Acadamaidh John Paul, Glaschu
  • Sgoil Craigholme, Glaschu
  • Bun-sgoil Sealladh an Fheadain, Dùn Èideann
  • Bun-sgoil Croftmalloch, An t-Allt Geal, Lodainn an Iar
  • Bun-sgoil John Logie Baird, Baile Eilidh
  • Ionad-foghlaim Hailes an Iar, Dùn Èideann
  • Acadamaidh Dhrochaid an Easpaig, Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear

Bu chòir don fheadhainn a tha ag iarraidh beachdan a nochdadh no naidheachdan a leantainn tron Truitrich hashtag #wallaceletters a chleachdadh.

Fèis Phoilitigs

Tha tachrtasan ceangailte ris an taisbeanadh gan cumail ri linn Fèis Phoilitigs na Pàrlamaid Dihaoine 24 Lùnastal.

10:00-11:00, Seòmar Comataidh 1, AN-ASGAIDH
Oidhirp air Aiseag:
Taic Uallais ris an Rìgh Iain, 1299-1302
Ann an co-bhoinn ri Clàran Nàiseanta na h-Alba.

San òraid seo leis an Oll. Amanda Beam-Frazier bho Oilthigh Ghlaschu, thèid sùil a thoirt air oidhirpean leis na h-Albannaich, Uilleam Uallas nam measg, gus Iain Balliol a thoirt air ais mar Rìgh na h-Alba an dèidh dha trèigsinn ann an 1296. Gabhaidh i beachd cuideachd air miann Bhalliol fhèin tilleadh gu crùn na h-Alba, agus an suidheachadh poilitigeach is seòltaireachd bho 1299 gu 1302.

11:30-12:30, Seòmar Deasbaid, AN-ASGAIDH
An Ridir
e Uilleam Uallas agus an saoghal-mòr
Ann an co-bhoinn ri Clàran Nàiseanta na h-Alba.

Thig is gabh pàirt anns an deasbad seo eadar ceathrar eachdraichean teòma mu Eòrpa nan Linntean Meadhanach, an t-Oll. Fiona NicBhàtair, an t-Àrd-ollamh Mìcheal Prestwich, an t-Oll. Dàibhidh Ditchburn agus an t-Oll. Sandy Grannd. Tha an cothrom aig an luchd-èisteachd ceistean a chur air a' phannal mu Ualas is na bliadhnaichean cudromach airson na h-Alba mu 1286 gu 1306. Sa chathair air an deasbad bidh an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA.

Airson barrachd fiosrachaidh, tadhlaibh air www.fèisphoilitigs.org.ra

Is e a tha ann an Clàran Nàiseanta na h-Alba Roinn gun Mhinistear aig Riaghaltas na h-Alba. Bidh e a' gleidheadh is a' nochdadh tasgaidhean na dùthcha, a' stiùireadh clàradh breith, phòsaidhean is bàis, a' sgaoileadh fios mu shluagh na h-Alba agus a' cumail Cunntas-sluaigh na h-Alba. Is e ionad-teòmachd a tha ann mu làimhseachadh-fiosrachaidh agus ghleidheadh chlàran is thasgaidhean.