Turas nam BPAan a dh'Arcaibh 's a Ghallaibh a dh'fhaicinn obair lùths ath-nuadhaichte

11.06.2012

'S e leasachadh ann an gnìomhachas lùths ath-nuadhaichte ann an Arcaibh 's an Gallaibh fòcas turas BPAan o Chomataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd.

 

Bidh seo mar fhiosrachadh do rannsachadh na Comataidh a thaobh an gabh targaidean Riaghaltas na h-Alba mu iarrtas 100% den dealain againn o stuthan ath-nuadhaichte mu 2020 a choileanadh.

Thuirt Leas Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh, Iomairt is Turasachd, John Wilson BPA:

"Ma tha Alba a' dol a choileanadh dùbhlan targaidean Riaghaltas na h-Alba a thaobh lùths ath-nuadhaichte, 's e sgìrean mar a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan prìomh chnag na cùise. Tha an sgìre seo a' faighinn buannachd às an adhartas a thathar a' dèanamh ann an raon lùths ath-nuadhaichte le teicneolas a' fàs gu luath ann an leasachadh cumhachd gaoithe 's mara.

"An-diugh tha sinn air fhaicinn mar a tha gnìomhachas lùths ath-nuadhaichte air atharrachadh a thoirt air aghaidh na tìre, agus cuideachd fhuair sinn a-mach mu bhuaidh meud leasachadh a' ghnìomhachais. Tha sinn air tuilleadh ionnsachadh mu na dùbhlain a tha ro roinn na mara den ghnìomhachas, roinn a tha ùr.

"Bidh seo mar chuideachadh a thaobh fiosrachaidh don Rannsachadh againn agus cuidichidh e sinn measadh a dhèanamh air na tha a dhìth de chur-an-seilbh a chors gun coileanar na targaidean."

Thadhail a' Chomataidh air Cidhe Hatston gus coimhead air leasachadh ann an cumhachd na mara, chaidh iad air iteig a chors gum faigheadh iad sealladh on adhar air prìomh làraichean lùths ath-nuadhaichte an dà chuid air tìr 's aig muir, agus cuideachd thadhail iad air Ionad Lùths Mara na h-Eòrpa (EMEC) ann an Sromnis. A-màireach, thèid a' Chomataidh a Ghallaibh airson turas timcheall air Ionad ùr Innleadaireachd, Teicneolas agus Lùths a th' aig Colaiste Gàidhealtachd an Taobh Tuath, cho math ris an Ionad Rannsachadh Àrainneachd aca.

Thuirt Calum Davidson, Stiùiriche Lùths is Ìsleachd Gualain le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE):

"Tha An Cuan Arcach mar shàr-àite sam faighear lùths ath-nuadhaichte, ach chan eil sin ach pàirt dheth. Tuigidh HIE gum feum Alba barrachd a dhèanamh seach lùths a chur air falbh mar bhathar ma tha sinn gu bhith a' faighinn a h-uile buannachd eaconamach a ghabhas fhaotainn ann an lùths ath-nuadhaichte. 'S e sin an adhbhar a tha sinn fhèin agus ar com-pàirtichean air airgead a chur an seilbh a chors gun cruthaichear ionad-rannsachaidh a tha air thoiseach air ionadan eile an t-saoghail aig EMEC, gum bi cothroman rannsachaidh is leasachaidh ann tro Cholaiste Gàidhealtachd an Taobh Tuath OGE, gun cruthaichear bun-structairean ùra leithid na h-ionadan ùra gnìomhachais aig Hatston, agus gun neartaichear seirbheisean solarachaidh ionadaile lùths."

Cùl-sgeul

Ann an Arcaibh, thadhail a' Chomataidh air:

·         Cidhe Hatston gus coimhead air leasachadh ann an cumhachd na mara;

·         Prìomh-oifis Seirbheisean Mara Comhairle Eileanan Arcaibh ann an Scapa;

·         Eitealan a chors gum faigheadh iad sùil on adhar air prìomh làraichean lùths ath-nuadhaichte an dà chuid air tìr 's aig muir ann an Arcaibh;

·         Ionad Lùths Mara na h-Eòrpa – a' chiad ionad-deuchainn neo-eisimeileach - 's an aon fhear air an t-saoghal - a chaidh a dhealbh gus làn-chumhachd na mara a chur fo dheuchainn; 

Ann an Gallaibh, tadhailidh a' Chomataidh air:

·         Caladh Sgrabastail

·         Ionad Innleadaireachd, Teicneolas agus Lùths agus Ionad Rannsachadh Àrainneachd Colaiste Gàidhealtachd an Taobh Tuath 

·         Caladh Inbhir Ùige

Chuir a' Chomataidh air bhog an rannsachadh aca a thaobh an gabh na targaidean ath-leasaichte a tha ri fhaotainn ann an Mapa-slighe Riaghaltas na h-Alba 2020 chun Lùths Ath-Nuadhaichte a choileanadh; agus gu sònraichte dùbhlan targaid na h-Alba gun gintear uiread 's 100% de dhealain o stuthan ath-nuadhaichte mu 2020.

Thathar an dùil gum foillsich a' Chomataidh a h-aithisg mu dheireadh as t-fhoghar an dèidh do dh'obair togail fianaise a bhith crìochnaichte.

Turasan eile a bhios mar phàirt den rannsachadh seo, 's e gun tadhail BPAan air obair-leasachaidh Cumhachd Gaoithe agus Uisge ann an Grìobhan an Gleann Lìomhainn, agus air Fìobha, far an tèid beachdachadh air gnìomhachas lùths na mara agus gus tadhail air colaiste ionadail a tha an-sàs gu gnìomhach ann a bhith a' trèanadh luchd-obrach ùra san raon seo.