30.05.2012
Chaidh lochdan a thaobh seanailean agus nàdar chòmhraidhean eadar Riaghaltas na RA agus Riaghaltas na h-Alba mu ghnothaichean san Aonadh Eòrpach a thoirt gu aire an-diugh ann an aithisg a dh'fhoillsich Comataidh na Eòrpach is Dàimhean Taobh-a-Muigh.
Thàinig an co-dhùnadh seo an uachdar an dèidh rannsachadh a rinn a' Chomataidh air còmhradh eadar an dà Riaghaltas, an dà chuid roimh agus an dèidh coinneamh na Comhairle ann an Dùbhlachd 2011, nuair a dhiùlt Riaghaltas na RA taic a chur ri Cunnradh air feadh an AE gus aghaidh a chur air èiginn Ceàrn an Euro.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona Nic Shealbhaich BPA:
"Ghabh ar Comataidh suim da-rìribh anns na chaidh a chumail a-mach a thaobh nach robh Riaghaltas na h-Alba an-sàs gu h-iomlan nuair a rinn Riaghaltas na RA co-dhùnadh mun Chunnradh. Leig ar rannsachadh am follais gun robh lochdan ri fhaotainn ann an seanailean is ann an nàdar a' chonaltraidh eadar Riaghaltas na RA agus Riaghaltas na h-Alba.
"Ghabh sinn misneachd a chluinntinn gun robh na draghan seo aig Riaghaltas na RA cuideachd, agus gu bheilear mu-thràth a' dèanamh oidhearp air cleachdaidhean is seanailean ùra conaltraidh a chur air bhonn eadar Dùn Èideann is Lunnainn. Bidh sinn a' cumail sùil gheur air na cleachdaidhean ùra seo gus dèanamh cinnteach gum bi iad gu leas na h-Alba. Mar a chaidh fhaicinn ri linn leasachaidhean a thachair o chionn ghoirid ann an Ceàrn an Euro, 's e seo àm cho cudromach is nach bu chòir dhuinn ach a bhith an teis-meadhain an deasbaid."
Nì a' Chomataidh:
· Ath-sgrùdadh air cleachdaidhean sheanailean ùra taobh a-staigh 12 mhìos.
· Còmhradh a chur air chois ri Riaghaltas na h-Alba roimh na coinneamhean suidhichte aca ri Riaghaltas na RA far a bheilear a' deasbad gnothaichean an AE.
· Cuireadh bliadhnail a thoirt do Mhinistear na RA airson na Roinn Eòrpa nochdadh ron Chomataidh.
· Iarrtas gun tèid na coinneamhan eadar oifigearan Riaghaltas na h-Alba agus an coimpirean ann an Whitehall a chur air bhonn gu h-às ùr gus gnothaichean Eòrpach a dheasbad roimh choinneamhan na Comhairle Eòrpaich.
· Iarrtas gum bi Ministearan air thoiseach air na h-oifigearan aig a h-uile coinneamh den Chomhairle Eòrpach, neo-air-thaing dè an Riaghaltas sa bheil iad.
Cùl-sgeul
Aig Coinneamh Comhairle na h-Eòrpa ann an Dùbhlachd 2011, dhiùlt Riaghaltas na RA taic a chur ri Cunnradh air feadh an AE gus aghaidh a chur air èiginn Ceàrn an Euro. Mar thoradh air seo, dh'aontaich buill Ceàrn an Euro, cuide ris a h-uile stàt eile aig a bheil ballrachd san AE seach dà dhiubh, ainm a chur ri còrdadh fiosgail gus fuasgladh coitcheann don èiginn a bhrosnachadh.
Mus do ghabh coinneamh chudromach na Comhairle Eòrpach àite, chumadh grunn choinneamhan le ministearan eadar riaghaltas na RA agus an fheadhainn fhèin-riaghlaichte. Bha e soilleir o cho-litir gu Prìomh Mhinistear na RA o Chiad Mhinistearan na h-Alba agus na Cuimrigh, litir a chaidh a chur a-mach an dèidh Comhairle an Dùbhlachd, nach robh na coinneamhan seo a' coileanadh feum mar fhòram a thugadh rabhadh ro-làimh mun t-seasamh a bha e coltach a ghabhadh Riaghaltas na RA sa Chomhairle.
Chuir Comataidh Caidreamh Eòrpach is Gnothaichean Taobh-a-Muigh romhpa rannsachadh a dhèanamh air na còmhraidhean eadar Riaghaltas na RA agus na h-Alba, an dà chuid roimh agus an dèidh Comhairle Dùbhlachd 2011.
Tha an Còrdadh Fiosgail (ron a' seo, An Cunnradh air Seasmhachd, Co-òrdanachadh is Riaghladh ann an Aonadh Eaconamaidh is Airgid; air ainmeachadh cuideachd mar Chunnradh an Aontais Fhiosgail neo Cunnradh an Seasmhachd Fhiosgail) na chunnradh eadar-riaghaltasach ris an deachaidh ainm a chur leis a h-uile stàt a tha mar bhall den Aonadh Eòrpach ach Poblachd na Seice agus an Rìoghachd Aonaichte air 2 Màrt 2012. Thèid an Cunnradh a chur fo làn siùil air 1 Faoilleach 2013, ma bhios 12 bhall de Cheàrn an Euro air a dhaingneachadh mun àm sin.
Tha e riatanach fon Chòrdadh Fhiosgail gun toir na tha an-sàs leis buidseatan nàiseanta a-steach, buidseatan a tha air an cothromachadh air neo aig a bheil còrr air na tha a dhìth. Leigeadh Cùirt Ceartais na h-Eòrpa càin suas ri 0.1% den Làn-Thoradh Dùthchail (LTD) air dùthaich mura robh seo air a dhèanamh bliadhna an dèidh an daingneachaidh.
Fios conaltraidh
Fios conaltraidh
Fiosrachadh conaltraidh
Fiosrachadh Poblach
- Fòn: 0800 092 7500
- Fòn teacsa 0800 092 7100
- Fàilte ro Text Relay
- teacsa: 07786 209888
- [email protected]
Lean air twitter sin @ParlAlba