Comharrachadh Iùbalaidh Daoimein aig a' Phàrlamaid

30.05.2012

Thèid craobh daraich a chur aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh mar chomharradh air ceangal maireannach A Mòrachd a' Bhànrigh ri Pàrlamaid is muinntir na h-Alba.

Cuiridh an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA a' chraobh ann an raon àilleachd togalach Taigh an Ròid agus Pàrlamaid na h-Alba a' comharrachadh Daoimean na Bànrighe.

 

Cuideachd, thèid gluasad gus 60 bliadhna na Bànrighe mar Mhonarc a chomharrachadh a dheasbad le BPAan. Thèid an gluasad seo, a fhuair taic o gach pàrtaidh, a dheasbad san t-Seòmar aig toiseach gnothaichean pàrlamaideach an latha.

 

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

 

"Tha e iomchaidh gun tèid a' chraobh-dharach seo a chur ann an raon àilleachd togalach Pàrlamaid na h-Alba, togalach a dh'fhosgail a' Bhànrigh, far am faic am poball a' fàs i fad iomadach bliadhna ri teachd.

 

"Tha spèis phearsanta na Bànrighe do dh'Alba air a deagh aithneachadh agus thadhail i air a' Phàrlamaid iomadh turas. Tha mi glè thoilichte gum bi Pàrlamaid na h-Alba a' comharrachadh na cùise cudromaich seo."

 

Thathar a' cur na craoibhe mar phàirt den phròiseact Coilltean Comharraidh a chaidh a chur air dòigh le Urras Coilltean na h-Alba, aig a bheil amas atharrachadh a thoirt air sgìrean thar na tìre.

 

Thuirt Anndra Fairburn, Stiùiriche Poileasaidh is Conaltraidh Urras Coilltean na h-Alba:

 

"Tha sinn toilichte gu bheil Pàrlamaid na h-Alba air cur roimhpe cuideachadh le Comharrachadh Daoimean na Bànrighe ann a bhith a' cur na craoibhe daraich seo. 'S i seo tè de 2 mhillean craobh dhùthchasach a tha rin cur le daoine thar na h-Alba tro Phròiseact Coilltean Comharrachaidh an Urrais.

 

"'S iad na craobhan-daraich an fheadhainn dhùthchasach as aithnichte againn. Tha iad a' riochdachadh an dà chuid neart agus maireannachd 's mar sin 's e seo dòigh iomchaidh air riaghladh 60 bliadhna A Mòrachd aithneachadh."

 

Cùl-sgeul

'S e teacsa gluasad Comharrachadh Daoimein na Bànrighe: 

 

Gu bheil a' Phàrlamaid a' cur meal-a-naidheachd air A Mòrachd a' Bhànrigh air sgàth Comharrachadh seo Daoimein na Bànrighe; a' cur an cèill a buidheachd air sgàth sàr-sheirbheis phoblach A Mòrachd agus a dìcheall dleastanach gun lasachadh thar trì fichead bliadhna ann an saoghal a bhios a' sìor-atharrachadh; a' dearbhadh a' mheas a chuirear an cèill dha A Mòrachd ann an Alba, agus a' coimhead air adhart gu h-èasgaidh ris an dlùth-dhàimh fhada sin a bhith a' leantail air adhart nuair a thig A Mòrachd air a Turas Comharrachaidh do dh'Alba ri linn na bliadhna àraid seo.

 

A bharrachd air cur na craoibhe 's an deasbad, builichidh a' Phàrlamaid clàr de dhealbhan-camara de thursan na Bànrighe gu Pàrlamaid na h-Alba air A Mòrachd ri linn Seachdain Taigh an Ròid san Iuchar.

 

Bidh Urras nan Coilltean a' moladh coilltean is craobhan na dùthcha. Tha trì prìomh amasan aig an Urras: a) cuideachadh le cruthachadh tuilleadh choilltean dùthchasach agus àiteachan a tha pailteas chraobhan annta; b) coilltean is craobhan dùthchasach is na bhios a' tighinn beò annta a dhìon fa chomhair nan làithean ri teachd; c) daoine a bhrosnachadh tlachd luachmhor a thoirt às coilltean is craobhan. Mar bhuidheann a chaidh a chur air bhonn ann an 1972, tha nis còrr is 1,000 làrach fo chùram an Urrais, a' sìneadh thar 20,000 heactair (50,000 acair) no mar sin. Fhuair an Urras a' chiad choille aige ann an Alba sa bhliadhna 1984. An-diugh 's ann leis an Urras a tha 80 làrach thar na h-Alba, a' sìneadh thar 8,750 heactair.

 

'S e amas Pròiseact nan Coilltean Comharrachaidh ach sia millean craobh a chur mar chomharrachadh air riaghladh na Bànrighe. Thathar an dòchas gun cruthaich seo dìleab mhaireannach den chomharrachadh seo, a' cruthachadh àiteachan far am bi daoine a' gabhail air an socair, a' dèanamh rannsachaidh agus a' toirt tlachd.

Fios conaltraidh

Meadhanan

Linda Smith: 0131 348 6269

Fiosrachadh a' Phobail

Lean sin air twitter @ParlAlba