Dràma Àrd-Ìre ann am Pàrlamaid na h-Alba

17.05.2012

20 mionaid de dh'àrd-drama - ach chan e seo Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir!

Bidh Opara na h-Alba a' toirt A Little Bit of Tosca - a leagan beag fhèin de Tosca - gu Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin 17 Cèitean.  Tha opara ainmeil Puccini, anns a bheil gaol, feall is murt, gu bhith air a lìbhrigeadh ann an cuirm a mhaireas 20 mionaid, rud a tha a' dèanamh air 40 ionad thar an nàisein.

 

An-diugh, chì luchd-tadhail na Pàrlamaid an sgeul air a thoirt beò le sgeulaiche agus grunn dhealbhan dathte, le taic o sheinneadair sopràno, cluicheadair beus-fhidheall agus clàrsair 's iad ri taghadh ciùil on dràma.

 

Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Tricia Marwick BPA:

 

"Tha Pàrlamaid na h-Alba gu math cleachdte ri dràma, ach chan e dràma cho ceòlmhor 's a bhios aig Opara na h-Alba.

 

"Mar phàtran do na h-ealain, agus sinn an-sàs gu gnìomhach ann an cultar na h-Alba, tha a' Phàrlamaid glè thoilichte fàilte a chur air 'Tosca bìodach' sa Phrìomh Thrannsa. Bu chòir do dh'Alba a bhith pròiseil às a' bhuidheann-opara chliùiteil againn fhèin, agus cuiridh mi fhìn fàilte air an dòigh annasach seo a chuireas obair-opera fa chomhair dhaoine.

 

"Tha mi toilichte gum bi Pàrlamaid na h-Alba mar ionad don leithid seo, geàrr 's gum bi e, agus tha mi cinnteach gun cuir seo ri tlachd a h-uile neach a thadhaileas oirnn."

 

Bidh 'Pìos Beag dhe... Tosca' air chois ann am Prìomh Thrannsa na Pàrlamaid air Diardaoin 17 Cèitean aig 1.30f. Bidh an Trannsa fosgailte do luchd-tadhail mar is àbhaist 's bidh a' chùis saor 's an asgaidh.

 

Cùl-sgeul

 

Bidh na cuirmean Pìos Beag dhe... aig a' Bhuidhinn a' toirt opara a-mach às an taigh-chluiche 's a-steach gu àiteachan ris nach biodh dùil aig duine, agus tha seo gu h-àraid freagarrach do dhaoine nach fhaca a leithid roimhe. Thèid na cuirmean a chur an cruth dràma tron ealain aosta às an t-Seapan, sin ‘Kamishibai’ -  cuirear feum air bogsa-teatair dubh sa bheil meatair a leud agus anns a bheil deich neo dusan dealbh gus an sgeulachd innse. 

 

Anns a' cheòl-dràma iomlan aig Puccini dhe Tosca tha ban-dia iadach, ceannaird-poilis coirbte agus prìosanach poilitigeach fo choill. 'S e rud glè tharraingeach dràmatach a th' ann, le blasad de luchd-slaoightearachd leis an toil daoine a chur fo chràdh claon, agud rud beag de Casablanca, far a bheil triùir an-sàs ann an gaol imfhillte ri linn an Dàrna Cogaidh.

Fios conaltraidh

Meadhanan

• Ann Donald: 0131 348 5605
• Fàilte ro text relay
• ann.donald
@scottish.parliament.uk

 

Fiosrachadh Poblach

• Fòn: 0800 092 7500
• Fòn teacs: 0800 092 7100
• Fàite ro text relay
• Teacs: 07786 209888
• sp.info@scottish.parliament.uk

Lean sinn air twitter @parlalba, @scotparl

Lean ar blog Gàidhlig parlamaidalba.wordpress.com