16.05.2012
Tha Riaghaltas na h-Alba air cùl Bile a tha ag amas, cho fada ’s a ghabhas, air lughdachadh a thoirt air a’ bhuaidh fharsaing a dh’fhaodadh a bhith aig Achd Ath-Leasachadh Shochairean na RA air daoine ann an Alba a tha bochd agus so-leònte. Chaidh moladh an-diugh (Diciadain 16 Cèitean) gun tèid aontachadh ris ann am prionnsabal.
Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith Further information and related videos
Mhol Comataidh Ath-Leasachadh nan Sochairean ri Pàrlamaid na h-Alba gun tèid Bile Ath-Leasachadh nan Sochairean (Ullachadh a Bharrachd) (Alba) air adhart chun na h-ath ìre.
Anns an aithisg, chuir a’ Chomataidh an cèill “iomagainean nach beag” mun bhuaidh a bhios aig Achd na RA ann an comann-sòisealta na h-Alba. Tha seo na sgàthan air an fhaireachdainn anns an fhianais air fad a thugadh don Chomataidh.
Thuirt Mìcheal MacMhathain BPA, neach-gairm na Comataidh, agus an Aithisg Chomataidh Ìre 1 ga foillseachadh:
“Chuala sinn bho luchd-fianais cho lom ’s a bhios cùisean do dhaoine a tha air sochairean ’s an droch bhuaidh phearsanta a tha coltach ri thighinn an cois ath-leasachaidhean na RA. Tha iomagainean nach beag oirnn mu dheidhinn mar a thèid do na daoine as so-leònte ann an Alba san àm ri teachd. Tha seo a’ tighinn aig àm a tha £2.5 billean ga ghearradh bhàrr buidseat shochairean na h-Alba. Mar sin cha bheag an t-euchd e ma dh’fheuchas sinn ri lughdachadh a thoirt fiù’s air cuid de na droch bhuadhan a thig an cois ath-leasachaidhean.
“Chuir a’ Chomataidh againn fòram air dòigh gus a dhèanamh cinnteach gum bi cothrom aig daoine fa leth, aig luchd-solarachaidh sheirbheisean ’s aig buidhnean iomairt aig a bheil iomagainean an guth a thogail. Anns na mìosan ’s na bliadhnachan tha romhainn, tha e cudromach gur urrainn dhuinn an fhianais seo a chleachdadh gus aghaidh a chur air na h-iomagainean sin le bhith a’ toirt buaidh air
reachdas a tha ri teachd ’s air mar a thèid a chur an gnìomh an Alba.”
Seo cuid de na cuspairean a tha ag èirigh às an fhianais:
• bho àireamhan mòra de dhaoine so-leònte, bheir atharrachaidhean ris an t-siostam air falbh sochairean a nì an diofar eadar beatha ’s bàs;
• tha an dòigh air cur a-steach airson sochairean ùra ro amallach – tha tuilleadh ri dhèanamh air-loidhne ’s tha measaidhean-comais draghail a’ co-dhùnadh gu bheil daoine aig a bheil ciorram tèarm-fada comasach air obair;
• tha 330,000 duine glacte ann an siostam ath-thagraidhean a tha a’ breugnachadh dà thrian de na toraidhean measaidh sin, agus tha profeiseantaich mheadaigeach a’ caitheamh uiread ùine air pròiseas nan ath-thagraidhean ’s gu bheil buaidh ga toirt air prìomh sheirbheisean slàinte;
• bidh buaidh nach beag air neo-eisimeileachd nan ciorramach agus air na tha de chloinn ann am bochdainn ’s de dhaoine gun dachaigh;
• bidh e nas coltaiche gun tèid daoine fa leth agus teaghlaichean fodha ann an ainfhiachan màil agus eile air sgàth nan dòighean ùra bhios ann air taic agus sochair teachd-a-steach a riarachadh;
• cha do rinn Roinn na h-Obrach ’s nam Peinnsean, a mhol na h-ath-leasachaidhean seo, obair gu leòr air measadh a thoirt air a’ bhuaidh a bhios air diofar sheòrsachan daoine, ’s mar sin tha e do-dhèanta obrachadh a-mach cò an rathad as motha bu chòir taic a stiùireadh.
Anns an aithisg aige, thug a’ Chomataidh seachad a beachd air na tha anns a’ bhile, air na ceistean bu chòir do Riaghaltas na h-Alba gabhail sa chunntas nuair bhios iad a’ leasachadh riaghailtean an cois a’ bhile seo (Fo-reachdas), agus na ceistean a chaidh a thogail le fianaisean agus a tha a’ Chomataidh cuideachd a’ dol a thogail aon uair ’s gu bheil am Bile air aontachadh.
Chuir Seumas Hepburn BPA, an Leas-neach-gairm, ris: “Tha iadsan aig a bheil cuid sa ghnothach aonghuthach gum bu chòir am Bile seo aontachadh gu luath, gus gum faod am fo-reachdas a thig na chois a bhith na àite deagh ghreis mus tòisich an siostam ùr shochairean sa Ghiblean 2013. Tha seo gus dèanamh cinnteach gun cum daoine fa leth agus teaghlaichean orra a’ faighinn sochairean a nì an diofar uairean eadar beatha ’s bàs.
“Tha sinn uile mothachail do na duilgheadasan do-sheachanta thaobh ùine a th’ aig Riaghaltas na h-Alba. Ach tha e ri thuigsinn, am broinn nan crìochan sin, gu bheil iadsan aig a bheil cuid sa ghnothach ag iarraidh cothrom an guth a thogail ’s a bhith an sàs cho iomlan ’s a ghabhas ann an leasachadh nan riaghailtean.”
Ann an aithisg na Comataidh tha sreath de mholaidhean a th’ air an amas air taic a thoirt do Riaghaltas na h-Alba, do dh’ughdarrasan ionadail agus dhan treas earrainn ann a bhith cumail taic ris na feumaich. Tha pàirt dhiubh seo mun àireamh bhig de shochairean air a bheil smachd aig ìre Albannach, ’s mar a nithear cinnteach gun lean na feumaich gam faighinn. Mar sin tha an aithisg a’ còmhdachadh:
• Creideas Coitcheann, a’ gabhail a-steach sochairean taigheadais
• Pàighidhean Neo-Eisimeileachd Phearsanta
• Sochairean pasportaichte
Creideas Coitcheann, a’ gabhail a-steach sochairean taigheadais
Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic do na cumhachdan a thaobh Creideas Coitcheann a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh.
Tha a’ Chomataidh a’ creidsinn gu bheil e mar uallach air Roinn na h-Obrach ’s nam Peinnsean làn seirbheisean cearta comhairle a sholar a chuidicheas luchd tagraidh gu bhith ag atharrachadh chun nan siostaman ùra shochairean. Tha buidhnean ann ge-tà chun am bi luchd tagraidh a’ dol a rèir coltais son comhairle agus cobhair neo-eisimeileach, agus bhiodh e iomchaidh do Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh a dhèanamh co-dhiùbh bu chòir dha taic a thoirt dhaibh sin.
Am measg rudan eile tha uallach air a’ Chomataidh mun bhuaidh ann an Alba a bhios aig na h-atharrachaidhean a th’ air am moladh ri sochair taigheadais, a bhios na phàirt den Chreideas ùr Choitcheann ann an reachdas na RA. Tha e an dùil gum bi duilgheadasan susbainteach aig ughdarrasan ionadail ’s aig buidhnean taigheadais an dà chuid leis a’ mhùthadh fhèin, le teachd-a-steach lughdaichte ’s le àrdachadh ann an cosgais iasadan. Tha a’ Chomataidh dol a thoirt sùil eile air seo mar phàirt den sgrùdadh leanailteach aice.
Pàighidhean Neo-Eisimeileachd Phearsanta
Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic do na cumhachdan a thaobh Pàighidhean Neo-Eisimeileachd Phearsanta a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh.
Tha a’ Chomataidh a’ creidsinn gu bheil feum air modaileadh farsaing ach an tuigear na buadhan aig ath-leasachadh shochairean ann an Alba agus na poileasaidhean a tha dhìth gu freagairt ris, m.e. ann a bhith stèidheachadh slatan-tomhais do shochairean pasportaichte. Tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil e na h-uallach seach càch air Roinn na h-Obrach ’s nam Peinnsean an obair seo a ghabhail os làimh agus am fiosrachadh gu lèir a sholar do Riaghaltas na h-Alba. Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic don obair a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail os làimh agus a’ cur ìmpidh orra an toradh fhoillseachadh.
Riaghailtean
Tha iadsan aig a bheil cuid sa ghnothach mothachail do na duilgheadasan do-sheachanta a thaobh ùine a th’ aig Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ leasachadh riaghailtean an cois a’ Bhile. Tha iad airson dèanamh cinnteach gun tèid an reachdas uile, leis na riaghailtean, na lagh gun dàil sam bith. Tha e ri thuigsinn, am broinn crìochan na h-ùine, gu bheil iadsan aig a bheil cuid sa ghnothach ag iarraidh cothrom an guth a thogail ’s a bhith an sàs cho iomlan ’s a ghabhas ann an leasachadh nan riaghailtean.”
Sochairean pasportaichte
Tha sochairean pasportaichte nan sochairean a bharrachd a tha ri fhaotainn far a bheil duine a’ faighinn sochair ‘cridhe’ mar-thà. Tha an t-uabhas dhiubh ann. Nam measg tha biadh sgoile an-asgaidh, siubhal saor, ceadan bràiste-ghuirm, leigheas fiaclach an-asgaidh fo Sheirbheis na Slàinte, tiogardan leigheas shùilean, cuibhreannan cumail foghlaim, cobhair lagha agus cunntaisean pearsantaichte ionnsachaidh.
Tha a’ Chomataidh a’ creidsinn gur e am prìomh amas a bu chòir a bhith aig Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ cur an t-siostaim ùir shochairean an gnìomh, sochairean pasportaichte a bhith ri fhaotainn cho fada ’s a ghabhas mar a tha iad an-dràsta.
Tha Riaghaltas na h-Alba comasach air dèanamh cinnteach gum bi sochairean pasportaichte ri fhaotainn san ìre shealadaich mar bha iad roimhe. Gabhaidh seo dèanamh le bhith toirt còir do na daoine a bha gam faighinn fon t-seann siostam a bhith gam faighinn a-rithist fon rian ùr shealadach.
Cùl-cinn
Ri notachadh – chan eil Alastair MacIain BPA ag aontachadh ris na chaidh a ràdh mu uallach nach beag.
Thugadh am Bile a-steach air 22 Màrt 2012. Thug Biùro na Pàrlamaid am Bile do Chomataidh ùr-stèidhte Ath-Leasachadh nan Sochairean son sgrùdadh Ìre 1. Mar as trice ’s e th’ ann an Ìre 1 ach mion-sgrùdadh air prionnsabalan coitcheann a’ Bhile agus sùil a thoirt air dòighean eile air na poileasaidhean a tha gam moladh ann am bile a thoirt gu buil. Tha a’ mhòrchuid de bhileachan stèidhte air poileasaidh Riaghaltas na h-Alba ’s air an toirt a-steach leotha.
Bidh molaidhean Ìre 1 air an amas air mar dh’fhaodadh an Riaghaltas neartachadh a thoirt air na tha iad a’ cur air adhart ann am bile, no bidh comataidh a’ moladh nach bu chòir bile a thoirt air adhart idir a chionn’s nach eil e ag aontachadh ris a’ phoileasaidh air a bheil e stèidhte.
Tha a’ Phàrlamaid an uair sin a’ beachdachadh air aithisg na comataidh. Tha buaidh aig an aithisg air co-dhùnadh na Pàrlamaid co-dhiùbh bu chòir bhòtadh airson prionnsabalan coitcheann a’ bhile. Tha clàr làithreach na Pàrlamaid ag ràdh gum bi aithisg Ìre 1 son a’ bhile seo na h-àite ro 25 Cèitean 2012.
Ma dh’aontaicheas a’ Phàrlamaid ri prionnsabalan coitcheann a’ bhile, tha e a’ gluasad gu ìrean nan atharrachaidhean. Bidh Ìre 2 a’ gabhail àite anns a’ chomataidh, ’s ann an Ìre 3 bidh a’ Phàrlamaid gu lèir a’ beachdachadh air atharrachaidhean a chaidh a mholadh.
Tha an sgrùdadh a rinn Comataidh Ath-Leasachadh nan Sochairean air a’ Bhile seo, agus mar sin na tha anns an aithisg seo, às an àbhaist air diofar dhòighean:
• Rinn Pàrlamaid na h-Alba glè shoilleir don Chomataidh seo cheana gu bheil am Bile seo a’ còrdadh rithe, oir dh’aontaich i mar-thà ri meòrachan cead reachdail a dh’fheumas e.
• Chan eil am Bile seo stèidhte air poileasaidh Riaghaltas na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba ga thoirt a-steach gus Achd Ath-Leasachadh Shochairean 2012 aig Riaghaltas na RA a dhèanamh na lagh agus gu feuchainn ri a buadhan a lughdachadh cho fada ’s a ghabhas.
• Chan eil mòran mion-eòlais anns a’ Bhile idir. Chan eil ann ach Bile goirid comasachaidh, ’s mar sin chan eil a bheag de mhiannan poileasaidh air aghaidh a’ Bhile ri bhith air an sgrùdadh.
• Tha iadsan aig a bheil cuid sa ghnothach aonghuthach gum bu chòir am Bile seo aontachadh gu luath, gus gum faod am fo-reachdas a thig na chois a bhith na àite deagh ghreis mus tòisich an siostam ùr shochairean sa Ghiblean 2013. Nì seo cinnteach gun cum daoine fa leth agus teaghlaichean orra a’ faotainn sochairean a nì an diofar uairean eadar beatha ’s bàs.
• Bhuin tòrr den fhianais a fhuair a’ Chomataidh ris na rinn Riaghaltas na RA de dh’ath-leasachadh shochairean gu ruige seo, ’s chan ann ris na th’ anns a’ bhile seo aig Riaghaltas na h-Alba.
• Is gann gu bheil fiosrachadh ann idir air buaidh a’ Bhile air ionmhas, seach na tha sochairean pasportaichte a’ cosg an-dràsta agus am fios gu bheil Riaghaltas na RA a’ toirt £2.5 billean far riarachadh buidseatach na h-Alba mar gheall air an ath-leasachadh shochairean aige.