14.05.2012
Chaidh an treas tuathanas gaoithe is motha ann an Alba, cho math ri stèisean cumhachd-uisge ann an gleann an Siorrachd Pheairt, a shealltainn do bhuill den Chomataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd an-diugh (14 Cèitean). B' e seo a' chiad turas de na trì a nì na buill thar na h-Alba, agus bidh e mar fhiosrachadh don Rannsachadh aca a thaobh Lùths Ath-Nuadhaichte, a chaidh a chur air bhog aig a' Chomataidh san Fhaoilleach.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Murchadh Frìseil BPA:
"'S e adhbhar an rannsachaidh seo fhaighinn a-mach an gabh targaid Riaghaltas na h-Alba a thaobh iarrtas de 100% air dealain o stuthan ath-nuadhaichte mu 2020 a choileanadh. Le bhith a' toirt sùil air tuathanas mòr gaoithe agus sreath de leasachaidhean cumhachd uisge 's iad ag obrachadh, tha seo air a bhith feumail don Chomataidh, a bha thall 's a chunnaic mar a bhios a leithid air chois.
"Ma tha Riaghaltas na h-Alba gus dùbhlan a targaid a choileanadh, tha sinn a' dol a dh'fhaicinn tuilleadh leasachaidhean dhen t-seòrsa seo thar na h-Alba. Mar sin, tha e cudromach gum bi BPAan an da-rìribh a' dol an-sàs gu dlùth ri seo."
Thug a' Chomataidh cuairt air Tuathanas Gaoithe Griobhain faisg air Obar Pheallaidh, tuathanas a th' air obrachadh leis a' bhuidhinn LAD (SSE). Bha cothrom aig na BPAan cuideachd coimhead air raon leasachaidhean ùra a thaobh cumhachd-uisge ann an Gleann Lìomhainn, air obrachadh le Stuthan Ath-Nuadhaichte Uaine na Gàidhealtachd (SAG).
Thuirt Iain Cartwright, Ard-Stiùiriche SAG:
"Tha sinn toilichte gun do thadhail a' Chomataidh air Gleann Lìomhainn an-diugh gus an stèisean ùr Roroyere 807 kW fhaicinn 's e ag obair.
"Ann an ìochdar Ghlinn Lìomhainn bidh, sa cheann thall, seachd sgeamaichean air chois, le ceithir a chaidh a thogail 's a chur an gnìomh mu-thràth, agus bidh dùil aig SAG a bhith an-sàs ann a bhith a' togail nan trì a tha ri dhèanamh fhathast.
"O thadhail a' Chomataidh ann, tuigidh iad cho freagarrach 's a tha cumhachd-uisge sa leithid seo a dh'àrainneachd 's cho beag buaidh 's a bhios aig an sgeama cho math ri cho mòr is a dh'fhaodadh leasachaidhean dhen t-seòrsa seo cur ri amasan na h-Alba a thaobh dùbhlan targaid lùths ath-nuadhaichte."
Cùl-sgeul
Chuir a' Chomataidh air bhog an rannsachadh aca a thaobh an gabh na targaidean ath-leasaichte a tha ri fhaotainn ann an Mapa-slighe Riaghaltas na h-Alba 2020 chun Lùths Ath-Nuadhaichte a choileanadh: agus gu sònraichte dùbhlan targaid na h-Alba gun gintear uiread 's 100% de dhealain o stuthan ath-nuadhaichte mu 2020. Thathar an dùil gum foillsich a' Chomataidh a h-aithisg mu dheireadh as t-fhoghar an dèidh do dh'obair togail fianaise a bhith crìochnaichte.
Turasan eile a bhios mar phàirt den rannsachadh seo, 's e gun tadhail BPAan air Arcaibh gus coimhead air leasachaidhean a thaobh lùths na mara, agus air Fìobha, far an tèid beachdachadh air gnìomhachas lùths na mara agus gus tadhail air colaiste ionadail a tha an-sàs gu gnìomhach ann a bhith a' trèanadh luchd-obrach ùra san raon seo.
Related information
Picture gallery for visit to Perthshire as part of the Committee's Renewables Inquiry
Contact information
Media
• Kirsty Rimmer: 0131 348 6085
• Text Relay calls welcome
• kirsty.rimmer@
scottish.parliament.uk
Committees
• Stephen Imrie: 0131 348 5207
• Text Relay calls welcome
• stephen.imrie@
scottish.parliament.uk
Public information
• Telephone: 0800 092 7500
• Textphone users can contact us on 0800 092 7100
• We also welcome calls using the Text Relay service
• Text message: 07786 209888
• [email protected]
You can follow us on twitter @scotparl