Bu chòir com-pàirteachas a bhith aig cridhe ath-leasachadh slàinte is cùram sòisealta, tha Comataidh na Slàinte ag ràdh

04.05.2012

Bu chòir gum biodh pàirt nas motha aig an roinn saor-thoileach agus solaraichean cùraim neo-eisimeileach ann a bhith a’ lìbhrigeadh slàinte is cùram sòisealta aonaichte, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh na Slàinte agus Spòrs.

Nochd an aithisg mar cho-dhùnadh air sgrùdadh mu mholadh gun deidheadh com-pàirteachasan slàinte is cùram sòisealta a chruthachadh, ag amas air bearn eadar an NHS agus seirbheisean riaghaltais ionadail a dhùnadh.  

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Donnchadh MacNèill BPA:

 

“Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air mòran de na tha ann am planaichean Riaghaltas na h-Alba. Cho-dhùin sinn nach bu chòir aonachadh ri mholadh a bhith air a stiùireadh le atharrachadh structarail: an àite sin, feumaidh fòcas soilleir air co-dhùnaidhean do dh’euslaintich, luchd-cleachdaidh na seirbheis agus luchd-cùraim a bhith aig a chridhe.

 

“Tha sinn gu aona-ghuthach, ma tha iad gu bhith èifeachdadh, gum feum na com-pàirteachasan slàinte is cùram sòisealta ùra dotairean teaghlaich agus proifeasantaich cùram-slàinte eile a thoirt air bòrd gus a bhith a’ dealbhadh seirbheisean do na sgìrean ionadail aca.”

 

Mar phàirt de lèirmheas air Com-pàirteachasan Slàinte Coimhearsnachd, tha an aithisg cuideachd a’ moladh gum bu chòir:

 

·         fòcas ath-leasachaidh a bhith air co-dhùnaidhean agus gum bu chòir a bhith sùbailte aig ìre ionadail gus cùram èifeachdach a lìbhrigeadh;

·         buidseadan Bòrd Slàinte is riaghaltas ionadail a bhith dha-rìribh air an aonachadh. Mar thoradh air eu-comas riaghaltasan ionadail is bùird slàinte seo a thoirt gu buil tha sin air a bhith na chnap-stara do dh’aonadh slàinte is cùram sòisealta;

·         lèirmheas a dhèanamh air mar a tha com-pàirticheachasan treas roinn is roinn neo-eisimeileach an sàs ann an dealbhadh Ionmhas Atharrachaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil iad an làn-sàs ann a bhith a’ coimiseanadh sheirbheisean ùra. Chaidh an Ionmhas Atharrachaidh a stèidheachadh gus spionnadh agus taic a thoirt do dh’ atharrachadh ann an cothromachadh cùram do dh’euslaintich aig ìre ionadail.

 

Thuirt Leas-neach Gairm Bob Doris BPA:

 

“Fhuair sinn fianais bho ioma àite gun robh an structar gnàthaichte de Chom-pàirteachasan Slàinte Coimhearsnachd, a bha ag amas air adhartas fhaighinn ann an co-obrachadh eadar bùird slàinte is riaghaltasan ionadail, feumach air crathadh. “Nuair a thig an treas roinn agus an roinn neo-eisimeileach an sàs bidh sin na chomharra cudromach eile de na com-pàirteachasan ùra. Tha iad feumach air cothrom dìreach a bhith aca gus beachd a thoirt air dealbhadh agus coimiseanadh seirbheisean ùra agus rèiteachadh com-pàirteachasan nas fharsainge ma tha na h-adhartasan a tha sinn uile airson fhaicinn gu bhith air an lìbhrigeadh aig ìre bunaiteach.”

 

Cùl-fhiosrachadh

Anns an Dùbhlachd 2011, dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba planaichean gus a bhith ag aonachadh slàinte is cùram sòisealta do dh’inbhich. Dh’aontaich Comataidh na Slàinte is Spòrs air 24 Faoilleach 2012 sgrùdadh goirid a dhèanamh air planaichean an Riaghaltais. Cha do chur Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh fhathast air chois mun reachdas a tha san amharc agus bu chòir an aithisg seo bhon Chomataidh fhaicinn mar phàirt den phròiseas sin.

Fios conaltraidh

Meadhanan

Comataidhean

Fiosrachadh a' Phobaill

Lean air twitter sinn @scotparl

Faic air blog http://parlamaidalba.wordpress.com/

Faic air blog Gàidhlig