Guth na h-Òigridh ri chluinntinn aig Pàrlamaid na h-Alba

26.04.2012

Bidh sgoilearan bho air feadh Alba a' deasbad rudan aig a bhios buaidh orra 's air na coimhearsnachdan aca mar phàirt de thachartas aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh.

Aig Fòram GuthEorpa, a th' air a chur air dòigh ann an co-bhonn ri Pàrlamaid Òigridh na Roinn Eòrpa agus Sgioba Ruigsinn aig a’ Phàrlamaid, bidh Neach-gairm Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh-a-Muigh, Cairistìona Nic Shealbhaich BPA, a' gabhail pàirt ann an seisean 'Àm nan Ceist', far am bi cothrom aig na sgoilearan ceist a chur mu iomadh rud, leithid cothroman dol-an-sàs na h-òigridh agus còraichean daonna.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona Nic Shealbhaich BPA:

"Tha mi glè thoilichte a bhith an-sàs ann an tachartas far am bi luchd-bhòtaidh nan latha ri teachd a' tighinn don Phàrlamaid aca gus rudan a dheasbad a bheir buaidh orra fhèin s air na coimhearsnachdan aca.

"Tha buaidh aig an Roinn Eòrpa agus aig co-dhùnaidhean a nithear ann air ar beatha uile agus tha e na cùis-bhrosnachaidh gu bheil Pàrlamaid Òigridh na Roinn Eòrpa a' cuideachadh daoine òga gus am misneachd is an eòlas a tha aca air na ceistean a bhios romhainn, an dà chuid gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta, a leasachadh."

Cùl-sgeul

'S e seo a' chiad tachartas ruigsinn-a-mach aig Pàrlamaid Òigridh na Roinn Eòrpa ann an Alba, agus thig e an dèidh thachartasan eile den t-seòrsa seo ann an Lunainn agus an Learpholl (Liverpool).

Bidh an tachartas air chois Diardaoin 26 Giblean agus gabhaidh na sgoilearan pàirt ann an sreath de bhuthan-obrach far an dèan iad deasbad air ceistean leithid còraichean co-ionannach ann am pòsadh, spùinneadh air an eadar-lìon agus dol-an-sàs na h-òigridh. Leanar seo le deasbad pannail, a bhios ga chumail ann an Seòmar Comataidh 2.

'S iad amasan an tachartais:

Cothrom in-ghabhail agus cur-an-cèill bheachdan a chruthachadh, a nì cuideachadh ann a bhith a' leasachadh saoranachd, spiorad coimhearsnachd agus rùn làidir air deagh atharrachadh am measg daoine òga aig nach robh uidhir a chothroman thuige seo.

Leasachadh misneachd agus na ghabhas dèanamh a thaobh labhairt am fianais dhaoine, co-obrachadh sgiobaidhean agus comas neachan air leth.

Foghlam mu cheistean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, agus cothrom a bhith an-sàs anns na cothroman nas fharsainge a thathar a' tairgsinn aig Pàrlamaid Òigridh Roinn Eòrpa na RA (PORERA).

Tha Pàrlamaid Òigridh Roinn Eòrpa na Rìoghachd Aonaichte na buidhinn-charthannais neo-phoilitigeach airson daoine òga eadar 11-24 bliadhna dh'aois. Tha mar amas aice na ghabhas dèanamh le daoine òga a thoirt an uachdar le bhith a' neartachadh sgilean, leithid conaltradh, togail-sgiobaidhean, earbsachd agus tuigse.

Related links

Contact Information

Media

Public Information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100.
  • We also welcome calls using the Text Relay service.
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can now also follow us on twitter @scotparl