Rannsachadh air Lùths Ath-nuadhaichte a’ coimhead air Coimhearsnachdan is Turasachd

25.04.2012

Bidh a' bhuaidh a tha aig gintinn lùths ath-nuadhaichte air coimhearsnachdan is turasachd mar fhòcas aig seisean fianais an-diugh (Diciadain 25 Giblean). Bidh an seisean seo mar fhiosrachadh don Rannsachadh air Lùths Ath-Nuadhaichte, a chaidh a chur air bhog le Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd san Fhaoilleach.

Thuirt Neach-Gairm na Comataidh, Murchadh Frìseil BPA:

 

"Thog ar rannsachadh nàiseanta air targaidean Riaghaltas na h-Alba a thaobh lùths ath-nuadhaichte, agus an gabh an coileanadh gus nach gabh, fianais mu-thràth o 30 neach-fianaise, a' dèiligeadh ri cuspairean mar an t-siostam-dealbhaidh agus na tha a dhìth de dh'adhartas teicneolais gus na targaidean a choileanadh.

 

"San t-seisean an-diugh cluinnidh a' Chomataidh beachdan luchd-fianais mu bhuaidh lùths ath-nuadhaichte air turasachd is air coimhearsnachdan. Leanaidh sinn oirnn a' togail beachdan luchd-fianais eile sna mìosan ri thighinn agus sinn a' dol air adhart gu co-dhùnadh iomchaidh agus aithisg dheireannach na Comataidh."


Chuir a' Chomataidh a Rannsachadh air Lùths Ath-Nuadhaichte a thaobh an gabh targaidean ùr-leasaichte Riaghaltas na h-Alba taobh a-staigh a Mapa-Slighe 2020 chun Lùths Ath-Nuadhaichte a choileanadh gus nach gabh, agus gu sònraichte an targaid mhòr gum biodh Alba a' gintinn 100% de na tha a dhìth air muinntir na h-Alba de dhealain o stuthan ath-nuadhaichte mu 2020. Thathar an dùil gun nochd aithisg dheireannach na Comataidh san fhoghar aon uair 's gu bheil gach fios is fianais a-staigh.

 

Ri linn seisean fianaise air 25 Giblean, èistidh a' Chomataidh ri fianais o riochdairean Buidheann Trump agus Coimhearsnachdan An Aghaidh Muilnean-Gaoithe na h-Alba (CAAMGA) mu bhuaidh targaidean lùths ath-nuadhaichte air coimhearsnachdan is turasachd.

 

Chaidh còrr is 160 beachdan sgrìobhte a chur a-steach don Rannsachadh mu-thràth agus chualas fianais-bheòil o 30 duine. Agus a' Chomataidh ag ullachadh gus tuilleadh fianaise a thogail eadar an-dràsta 's an t-samhradh, dèiligidh luchd-fianaise ri teachd ris na leanas:

 

Ÿ  Cùisean cliath is bun-structair - nam measg, sàbhailteachd a' chliath san àm ri teachd, cosgaisean-ceanglaidh agus dòighean gus glacadh na ghabhas faotainn de lùths ath-nuadhaichte ann an eileanan na h-Alba a bhrosnachadh.

Ÿ  Airgead is cur-an-seilbh, nam measg ceistean a thaobh leasachadh ann an teicneolas cumhachd na mara, gu sònraichte aig an ìre chudromach a leanas a' chiad ìre de Rannsachadh is Leasachadh. 

Ÿ  Pròiseactan coimhearsnachd - a' sgrùdadh iomfhillteachd an t-siostaim agus na tha a dhìth de sgilean a thaobh a stiùireadh gu soirbheachail.

Cùl-sgeul

Am measg nam prìomh cheistean air am bithear a' beachdachadh ri linn an rannsachaidh, bidh:

Ÿ  A bheil an teicneolas a choileanas gach targaid ri fhaotainn agus so-ruigsinneach?

Ÿ  A bheil na h-oilthighean 's na h-ionadan-rannsachaidh againn làn deiseil dèiligeadh ris an leasachadh teicneolach a tha a dhìth?

Ÿ  Ciamar a ghabhas prìomh-amasan nàiseanta agus ceistean ionadaile a rèiteachadh?

Ÿ  A bheil dearbhadh againn gun gabh am bun-structair a tha a dhìth a leasachadh is a mhaoineachadh a chor is gun reic Alba lùths sam bith a bharrachd ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte?

Ÿ  Dè a' bhuaidh a bhios aig seo air na phàigheas luchd-caitheimh?

Ÿ  Am bi gu leòr de mhaoineachadh ann a leigeas le airgead a chur an seilbh san dà chuid cur-a-steach agus leasachadh gach teicneolas iomchaidh?

Ÿ  Am bi gu leòr de sgilean aig muinntir na h-Alba a tharraingeas cur-airgead-an-seilbh on taobh a-staigh?

Ÿ  Am foghain leasachaidhean ann am margaidhean an lùths agus a thaobh subsadaidhean fhaotainn aig ìre an dà chuid RA is AE gus na targaidean a choileanadh?