Co-chruinneachadh an aghaidh dìth dachaigh aig Taigh an Ròid

20.04.2012

Bidh buidhnean taigheadais, comhairlean ionadaile agus buidhnean eile a bhios ag obair gus cur às do dhìth dachaigh ann an Alba a' tighinn an ceann a chèile aig Taigh an Ròid an ath-sheachdain (Diciadain 25 Giblean aig 12.30f) gus coinneachadh ri BPAan mus bi deasbad air chois san t-Seòmar aig 14.00 air an fheasgar sin.

Chaidh an tachartas a chur air dòigh le Comataidh Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa Riaghaltas na h-Alba. Bithear a' deasbad fianais a fhuair a' Chomataidh air an adhartas a thathar a' dèanamh ann a bhith a' coileanadh dleastanasan na h-Alba a thaobh dìth dachaigh - dleastanasan nach cuireadh an cèill a-riamh gu ruige seo - mus bi deasbad an fheasgair air chois san t-Seòmar.

 

Sa bhliadhna 2003, chaidh gabhail ri bile sa Phàrlamaid a bha an dèidh sin mar Achd Dìth Dachaigh 's m.s.a.a (Alba) 2003. Chuir an Achd seo an cèill dleastanas a bheir còraichean don a h-uile duine a tha gun dachaigh gun deòin àite-còmhnaidh stèidhichte a bhith aca ro dheireadh 2012. Ri linn rannsachadh ceithir mìosan, chuala a' Chomataidh gun robhar air ceuman mòra a ghabhail gus an targaid a ruigheachd mar bhuil air ùghdarrasan ionadaile a bhith a' measadh suidheachaidhean daoine fa leth air dòigh na b' èifeachdaiche, rud a chuir stad air dìth dachaigh.

 

Thuirt Neach-Gairm Comataidh Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa, Maureen Watt BPA:

 

"Bidh comataidhean a' sireadh fianaise o raon farsaing bhuidhnean is neachan air leth ri linn ar rannsachaidhean agus bidh sinn a' beachdachadh air na beachdan sin is sinn ag ullachadh ar n-aithisgean. Rud nach do thachair riamh roimhe sa Chomataidh seo, thug sinn cuireadh don fheadhainn sin on cuala sinn tighinn air ais don Phàrlamaid gus na co-dhùnaidhean a rinn sinn nar n-aithisg dheireannach a dheasbad. Bidh seo mar chuideachadh dhuinn nar buill Comataidh nuair a thèid sinn don t-Seòmar san fheasgar gus an gnothach a dheasbad cuide ris na BPAan uile."

 

A thaobh dleastanas cur às do dhìth dachaigh, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh seo:

 

"Cuiridh ar Comataidh fàilte ron adhartas nach beag a rinneadh a thaobh dèanamh cinnteach gum bi còir aig a h-uile duine a tha gun dachaigh gun deòin air àite-còmhnaidh stèidhichte, adhartas a tha ri fhaicinn sna staitistigean as ùire 's a sheallas lughdachadh 20% sa chùis thar na h-Alba. Tha e glè chudromach gun lean an deagh-obair seo air adhart 's gun dèan sinn na ghabhas dèanamh gus nach bi droch bhuaidh air aig bacaidhean a dh'fhaodadh a bhith ann, leithid atharrachaidhean a thathar an dùil a nochdas fo Achd Ath-leasachadh Shochairean Sòisealta na RA.

 

"Cumaidh sinn oirnn a' sgrùdadh an t-suidheachaidh an dèidh cur-an-gnìomh iomlan an reachdais ùir chudromaich seo ro dheireadh na bliadhna."

 

Am measg na bhios an làthair aig an tachartas ron deasbad, bidh:

  • Angela, a chuir feum air seirbheisean Buidheann-charthannais Dìon na h-Alba; dh'aontaich i bruidhinn ri buill na Comataidh mu mar a bha 's i gun dachaigh, mu na roghainnean a bha ann dhi aig an àm agus mu bhith ag àrach teaghlaich ann an ionad-còmhnaidh sealadach. 
  • CÙINA (Co-chruinneachadh Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba), cho math ri riochdairean  ùghdarrasan ionadaile às Siorrachd Àir a Tuath, Cathair Dhùn Èideann, Inbhir Chluaidh agus Lodainn an Ear. 
  • Buidhnean taigheadais, nam measg Caidreachas Buidhnean Taigheadais na h-Alba agus Buidheann Taigheadais Ghlaschu. 
  • Buidhnean a nì obair ri daoine gun dachaigh, nam measg Turning Point Scotland (cathrannas taic daoine), Buidheann-charthannais Dìon na h-Alba agus Comhairle na h-Alba airson Daoine Singilte gun Dachaigh. 

 

Bha Aithisg na Comataidh:

  • a' cur cuideam air cudromachd gach roghainn a thaobh taigheadais thar na h-Alba ann a bhith a' coileanadh dleastanasan 2012.   
  • a' moladh gum bi taic leantainneach o Riaghaltas na h-Alba ann a chor is gun tèid tuilleadh leasachaidh sa chùis seo a bhrosnachadh.  
  • a' moladh gun tèid innleachd-tomhais dìth dachaigh a leasachadh.  
  • a' moladh com-pàirteachais thar dhiofar sheirbheisean 's a' dèanamh cinnteach gum bithear a' gabhail a-steach buidhnean taigheadais agus saor-thoileach gu Teis-meadhan (hub) nan Roghainnean Taigheadais.    
  • a' moladh gun tèid comhairle a thaobh fiachaibh a thairgsinn mar phàirt dhen taic a gheibh daoine gun dachaigh. 

 

Ged a dh'aithnicheadh an obair a rinneadh thuige seo, chuir an aithisg an cèill cuideachd gum faodadh bacaidhean a bhith ann a thaobh dleastanasan 2012 a choileanadh. Nam measg seo bha atharrachaidhean a thathar an dùil a nochdas fo Achd Leasachadh Shochairean Sòisealta na RA, rud is dòcha a chuireas tuilleadh cudtroim air ùghdarrasan ionadaile.

 

Thug a' Chomataidh, a bhios ag sgrùdadh cur-an-gnìomh dleastanasan 2012 fad a' chòrr den t-seisean, sùil air cho cudromach 's a tha obair-chasgaidh agus dh'iarr iad air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air seirbheis comhairle a thaobh airgid is fiachaibh a thoirt a-steach mar phàirt mòr dhen taic taigheadais a thèid a chur air dòigh airson daoine a tha gun dachaigh.

 

Cùl-sgeul

 

Chaidh dleastanas 2012 na h-Alba a chruthachadh fo Achd Dìth Dachaigh 's m.s.a.a (Alba) 2003. Bheir e còraichean don a h-uile duine a tha gun dachaigh gun deòin àite-còmhnaidh stèidhichte a bhith aca ro dheireadh 2012.

 

Sheall àireamhan a thugadh a-mach le Riaghaltas na h-Alba gun robh lùghdachadh 20% san àireamh de dh'iarrtasan dachaigh eadar Giblean is Sultainn 2011 (11,980 iarrtasan), an taca ris an aon àm ann an 2010 (15,033 iarrtasan).

 

Sheall àireamhan a fhuair a' chomataidh gun robh diofar ann eadar gach ùghdarras ionadail thar na h-Alba a thaobh adhartas a dhèanamh gus dleastanasan 2012 a choileanadh.

 

An ceart-uair, feumaidh ùghdarrasan ionadaile àite-còmhnaidh stèidhichte a chur air dòigh do dhaoine gun dachaigh a chaidh a mheasadh a tha gun dachaigh gun deòin agus air a bheil cruaidh-fheum.