Bu chòir daoine on mhòr-shluagh a tha ag iarraidh a' choinneamh a fhrithealadh dol an conaltradh ri Seirbheisean Luchd-Tadhail bho Dhiciadain 18 Giblean tro na dòighean abhaisteach, le post-d aig [email protected] neo air 0131 348 5200 neo fòn saor 's an asgaidh air 0800 092 7600 (fònaichean-teacsa: 0800 092 7100). Gabhaidh cùisean a chur air dòigh cuideachd aig an Ionad-Fàilte 's Fiosrachaidh don Luchd-Tadhail ann am Prìomh Thrannsa na Pàrlamaid.
Cuideachd, thèid a' choinneamh a chraobh-sgaoileadh gu beò air làrach-lìn na Pàrlamaid aig: www.pàrlamaidnahalba.ra
O chuireadh an rannsachadh air chois san Fhaoilleach, tha a' Chomataidh air a bhith ag obair gu dian dìcheallach, a' cruinneachadh fianaise o luchd-eòlais air gintinn lùths, am pròiseas-dealbhaidh, luchd-solarachadh sgilean is ionnsachaidh agus, a dh'aithghearr, on fheadhainn sin a tha an-sàs ann an obair teas a thig às lùths ath-nuadhaichte, cho math ri stiùireadh a thaobh a' chliath nàiseanta dealain.
Agus a' Chomataidh leth-shligheach tron rannsachadh seo cha mhòr, 's i a' meòrachadh air na chruinneachadh de dh'fhianais sna trì mìosan a chaidh seachad, thuirt Neach-Gairm na Comataidh, Murchadh Frìseil BPA:
"'S e cumhachd-gaoithe air tìr an rud a bu mhotha a bha ri fhaotainn sna 157 pìosan de dh'fhianais sgrìobhte a fhuair sinn don rannsachadh. 'S e cuideachd a tharraingeas aire nam meadhanan chun na h-ìre is motha. Ach ma bheirear sùil nas mionaidiche air a' chùis, thig e an uachdar gu bheil ceistean nas fharsainge a bhuineas ri gintinn lùths ath-nuadhaichte, ceistean air am feumar aghaidh a chur.
"Fhuair sinn fianais mu dheidhinn draghan a thaobh an t-siostam dealbhaidh agus an cunnart a thig an cois seo a thaobh na targaidean a ghabhas coileanadh. Mar eisimpleir, thug e còrr is deich bliadhna aonta a ruigheachd mu rud a dh'fhaodadh a ràdh a bha fìor chonnspaideach, pìos cudromach de bhun-structair a' chliath; 's e sin, an loidhne-sgaoilidh dealain eadar A' Mhanachainn agus Deanaidh."
Agus a' Chomataidh ag ullachadh gus tuilleadh fianaise a chruinneachadh eadar seo agus an samhradh, bithear a' dèiligeadh ris na leanas:
· Cùisean cliath is bun-structair - nam measg, sàbhailteachd a' chliath san àm ri teachd, cosgaisean-ceanglaidh agus dòighean gus glacadh na ghabhas faotainn de lùths ath-nuadhaichte ann an eileanan na h-Alba a bhrosnachadh.
· Airgead is cur-an-seilbh, nam measg ceistean a thaobh leasachadh ann an teicneolas cumhachd na mara, gu sònraichte aig an ìre chudromach a leanas a' chiad ìre de Rannsachadh is Leasachadh.
· Pròiseactan coimhearsnachd – a' sgrùdadh iomfhillteachd an t-siostaim agus na tha a dhìth de sgilean a thaobh a stiùireadh go soirbheachail.
· Ceistean sgilean agus a bhith a' sgrùdadh carson a tha cho beag de luchd-obrach o na raointean ola is gas a' dol an-sàs ann an obair lùths ath-nuadhaichte agus dè ghabhas dèanamh gus seo a chur ceart.
· Ceistean a thaobh targaid lùths ath-nuadhaichte a choileanas 11% de na tha a dhìth air Alba de theas mun bhliadhna 2020.
Thathar an dùil gum bi a' Chomataidh deiseil 's gach fianaise a-staigh mun Ògmhios agus gun dèan iad aithris san Fhoghar eadar 's gun gabh na targaidean a choileanadh gus nach gabh, agus chun uair sin cumaidh iad sùil mhionaideach air a' chuspair.
Cùl-fhiosrachadh
Am measg nam prìomh cheistean air am bithear a' beachdachadh ri linn an rannsachaidh, bidh:
· A bheil an teicneolas a choileanas gach targaid ri fhaotainn agus so-ruigsinneach?
· A bheil ar n-oilthighean 's ar n-ionadan-rannsachaidh làn deiseil dèiligeadh ris an leasachadh teicneolach a tha a dhìth?
· Ciamar a ghabhas prìomh-amasan nàiseanta agus ceistean ionadaile a rèiteachadh?
· A bheil dearbhadh againn gun gabh am bun-structair a tha a dhìth a leasachadh is a mhaoineachadh a chor is gun reic Alba lùths sam bith a bharrachd ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte?
· Dè a' bhuaidh a bhios aig seo air na phàigheas luchd-caitheimh?
· Am bi gu leòr a mhaoineachadh ann a leigeas le airgead a chur an seilbh san dà chuid cur-a-steach agus leasachadh gach teicneolas iomchaidh?
· Am bi gu leòr de sgilean aig muinntir na h-Alba a tharraingeas cur-airgead-an-seilbh on taobh a-staigh?
· Am foghain leasachaidhean ann am margaidhean an lùths agus a thaobh subsadaidhean fhaotainn aig ìre an dà chuid RA is AE gus na targaidean a choileanadh?