13.04.2012
Tillidh an deas-ghnàth a bhuineas ri Bonn Carnegie airson Gràdh Daonna gu Pàrlamaid na h-Alba ann an Dàmhair 2013 mar chuimhneachan air Ceud Bliadhna de dh'Urras Carnegie na RA. Mar phàirt den tachartas bidh sreath de dheasbadan poblach air gràdh daonna eadar-nàiseanta. Thèid deas-ghnàth Bonn Carnegie a chumail Diardaoin 17 Dàmhair 2013.
Chaidh seo ainmeachadh an dèidh coinneamh eadar an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA agus Vartan Gregorian, Ceann-suidhe Corporaid Charnegie Nua-Eabhrac agus Cathraiche Comataidh Taghaidh Bonn Carnegie airson Gràdh Daonna.
Chum Pàrlamaid na h-Alba, ann an co-bhoinn ri Urrasan Carnegie, an deas-ghnàth mu dheireadh ann an Taigh an Ròid sa bhliadhna 2005, nuair a chaidh duaisean a bhuileachadh air Sir Tom Farmer agus an teaghlach Cadbury; Agnes Gund; an teaghlach Hewlett; A Mhòrachd an Aga Khan; agus an teaghlach Packard. 'S ann sna Stàitean Aonaichte a chumadh a h-uile gnothach eile dhen t-seòrsa-sa.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick BPA, a tha ann an Nua-Eabhrac mar phàirt de Sheachdain na h-Alba:
“Chan e gu bheil togalach Pàrlamaid na h-Alba aig Taigh an Ròid mar shuaicheantas a-mhàin ach cuideachd tha e stèidhichte gu daingeann a-nis mar ionad-deasbaid an dà chuid don tìr againn fhèin agus gu h-eadar-nàiseanta. 'S e seo, cho math ri cho mòr 's a shoirbhich deas-ghnàth 2005, a th' air adhbhrachadh gun till Comataidh Taghaidh Bonn Carnegie airson Gràdh Daonna gu Taigh an Ròid airson na cùise cliùiteil seo. 'S e Pàrlamaid na h-Alba an aon àite taobh a-muigh den SAA a chum an gnothach seo a-riamh, rud a dh'fhàgas an rud a dh'ainmeachadh an-diugh tòrr mòr nas brìghmhoire.
"Bhrosnaich obair Anndra Carnegie a thaobh gràdh daonna mòran ghinealachdan ri linn nam bliadhnaichean. Ann a bhith ag obair cuide ri Urras Carnegie na RA, 's e ar n-amas gun comharraich is gun cuimhnich sinn spiorad na h-obrach sin ri linn clàr poblach nan deasbadan a bhios mar cho-phàirt den deas-ghnàth."
Thug an Ceann-suidhe Vartan Gregorian an iomradh seo:
“B' ann le mòr-aoibhneas a thagh na 22 buidhnean a chumas dìleab Anndra Carnegie a' dol Taigh an Ròid mar ionad deas-ghnàth Bonn Carnegie airson Gràdh Daonna.
"Rinneadh an co-dhùnadh seo mar ùmhlachd air tìr-dhùchais agus obair dhaonna Anndra Carnegie, agus mar thaing do na buidhnean a chumas a chuid obrach a' dol san Rìoghachd Aonaichte - Urras Carnegie na RA, Urrasan Dhùn Phàrlain agus Ciste nan Gaisgeach, agus Urras Carnegie airson Oilthighean na h-Alba.
"Nì sinn fiughair ri tilleadh a dh'Alba gus an ath-dheas-ghnàth a bhuineas ri Bonn Carnegie airson Gràdh Daonna a fhrithealadh, agus tha sinn gu sònraichte toilichte gum bi gnothach 2013 air bhonn aig an aon àm 's a bhithear a' comharrachadh ceud bliadhna de dh'Urras Carnegie na RA, urras a chuir gu mòr mòr ri saoghal a' ghràidh dhaonna. Tha e daonnan mar onoir do Chomann Carnegie Nua-Eabhrac, a tha an ceartuair a' comharrachadh Ceud Bliadhna o chaidh a chur air chois le Mgr Carnegie, a bhith ag obair cuide ris na co-bhuidhnean, cho math ri Pàrlamaid na h-Alba, a chor is gun toirear aitheantas do ghràdh daonna annasach Anndra Carnegie, gràdh fialaidh a chuir gu mòr ri beatha uidhir a dhaoine sna Stàitean Aonaichte, ann an Alba agus air feadh na cruinne. Tha Comataidh an Taghaidh ag obair gu dìcheallach gus luchd-buinn ainmeachadh a tha a' leantainn gu dlùth ri fialaidheachd Anndra Carnegie na h-Alba. Tha sinn fìor thoilichte, a-rithist, a bhith a' faighinn fàilte 's furan tighinn gu Pàrlamaid àlainn na h-Alba ann an Taigh an Ròid."
Thuirt Uilleam Mac Thòmais, Cathraiche Onoireach Urras Carnegie na RA, Cathraiche Onoireach Comataidh Taghaidh Bonn Carnegie airson Gràdh Daonna agus iar-ogha Anndra Carnegie:
"Tha mise glè thoilichte gun till deas-ghnàth Buinn Carnegie airson Gràdh Daonna agus rudan eile ceangailte ri seo gu Pàrlamaid na h-Alba ann an Dàmhair 2013. Ri linn na bliadhna sin bidh Urras Carnegie na RA a' comharrachadh Ceud Bliadhna dhe bhith air chois agus mar sin tha e glè iomchaidh gum bi an "teaghlach" de bhuidhnean Carnegie a' cruinneachadh ann an Dùn Èideann. Tha mi cinnteach gum biodh mo shinn-seanair glè phròiseil às na chaidh a thoirt a-mach leis na buidhnean aige air feadh an t-saoghail."
Cùl-sgeul
Chuireadh Bonn Carnegie airson Gràdh Daonna air chois sa bhliadhna 2001 mar chomharrachadh air ceud bliadhna de ghnothach foirmeil Anndra Carnegie. Bithear ag ainmeachadh luchd-buinn leis a h-uile buidheann Carnegie air feadh nan Stàitean Aonaichte agus san Roinn Eòrpa, agus thèid an taghadh a dhèanamh le Comataidh anns a bheil riochdairean à sia de na buidhnean sin.
Bithear a' toirt seachad bonn gach dàrna bliadhna mar aitheantas air neachan air leth agus teaghlaichean a bha fìor fhialaidh thar tìde leantainneach. Cuiridh na rinn luchd-buinn an cèill feallsanachd Anndra Carnegie, 's e sin, gun tig dleastanas an cois saidhbhreis, agus gum bu chòir saidhbhreas prìobhaideach a bhith gu mathas a' mhòr-shluaigh.
Ann an Comataidh an Taghaidh a thaobh 7mh Bonn Carnegie airson Gràdh Daonna tha ceithir buidhnean maireannach - Comann Carnegie Nua-Eabhrac, Tochradh Carnegie a thaobh Sìth Eadar-nàiseanta, Ionad-saidheans Carnegie, agus Urras Carnegie airson Oilthighean na h-Alba - cho math ri dà bhuidhean neo-mhaireannach a bhios sa chomataidh aig gach cùis-dhuaise. Am measg na bhios ann an comataidh an taghaidh am bliadhna tha Urras Carnegie na Ra agus Coimisean Ciste nan Gaisgeach Carnegie.
www.carnegiemedals.org
Thèid tuilleadh fiosrachaidh mun deas-ghnàth 's mu chlàr nan tachartasan poblach ainmeachadh tro thìde.