Latha a' Cho-fhlaitheis ann am Pàrlamaid na h-Alba

22.02.2012

Bruidhnidh Annie Lennox OBE ann am Pàrlamaid na h-Alba mar phàirt den phrògram thachartasan airson Latha a' Cho-fhlaitheis (Diciadain 14 Màrt).

Bidh Ms Lennox a' bruidhinn san dreuchd aice mar Tosgaire Sònraichte airson Mear Alba Comann Pàrlamaideach a' Cho-fhlaitheis.

Thèid Deasbad Bhall a chumail na bu thràithe air an aon latha, le umhlachd do dh'aonta bhon Phàrlamaid.

Is e cuspair Latha a' Cho-fhlaitheis 2012 ‘a' Ceangail Chultairean".

Bidh beagan thiocaidean poblach rim faighinn. Ma tha thu ag iarraidh cur a-steach airson tiocaidean, nach sgrìobh thu gu:

Latha a' Cho-fhlaitheis 2012
Seirbheisean Luchd-tadhail
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP

Neo faodar iarrtas a dhèanamh airson tiocaidean le bhith a' cur fios gu sgioba Seirbheisean Luchd-tadhail air 0131 348 5200; le post-d gu sp.bookings@scottish.parliament.uk; no le teacs gu 07786209888 le teachdaireachd a' tòiseachadh le CD 2012.

Faodar iarrtas a chur a-staigh airson suas ri dà thiocaid.  Feumaidh tu am fiosrachadh a leanas a thoirt dhuinn airson gach duine a tha ag iarraidh a dhol ann:

  • Tiotal (Mgr, a' Bh-uas, Dr, 7.)
  • Ainm
  • Sloinneadh
  • Seòladh
  • Post-d
  • Àireamh fòn

Feumaidh iarrtasan tiocaid a bhith againn Diciadain 29 Gearran aig a' char as fhaide.  Thèid tiocaidean a thoirt seachad a rèir crannchuir.

Thèid fios a chur do na daoine a fhuair tiocaidean air Dihaoine 2 Màrt aig a' char as fhaide agus thèid barrachd fiosrachaidh a sgaoileadh mun tachartas aig an aon àm.