22.02.2012
Ghabh Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd is Turasachd fianais an-diugh bho cheannard Comhairle nan Comhairlichean Eaconamach, Crawford Beveridge (san deilbh), agus am Proif Anndra Hughes Hallett, a thug seachad fiosrachadh air obair na comhairle bho chionn goirid agus air a beachd air eaconamaidh na h-Alba.
Ghabh a' chomataidh fianais air Bile Clàradh Fearainn 7c (Alba) bho na daoine a leanas cuideachd:
- Lesley Thomson QC, Àrd neach-lagha na h-Alba
- Ernie Shippin, Leas Cheannard Roinn Droch Eucoir is Eucoir Co-ordanaichte agus Danny O Ceallaigh (Kelly), Leas-neach-tagraidh aig Oifis a' Chrùin.
Chithear tar-sgrìobhadh agus bhideo na coinneimh a dh'aithghearr.
- Aithisg Oifigeil (Beurla)
- Tasglann na Comataidh air TBh na Pàrlamaid (Beurla)