Gearran

 

Comataidh 'draghail' mu chomas coileanaidh thargaidean airson fàs turasachd

28.02.2012

Tha Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd agus Turasachd Pàrlamaid na h-Alba air dragh a nochdadh a thaobh comas coileanaidh nan targaidean turasachd a stèidhich Riaghaltas na h-Alba.

Obair dheatamach a dhìth air laghan tuathanachais, a rèir comataidh

24.02.2012

Feumar coimhead air na dùbhlain a tha ro choimhearsnachd tuathachanais na h-Alba, a rèir aithisg a dh'fhoillsich Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Sìde agus na h-Àrainneachd an-diugh.

Latha a' Cho-fhlaitheis ann am Pàrlamaid na h-Alba

22.02.2012

Bruidhnidh Annie Lennox OBE ann am Pàrlamaid na h-Alba mar phàirt den phrògram thachartasan airson Latha a' Cho-fhlaitheis.

An t- seachdain mu dheireadh gus beachdan a chur don rannsachadh air Cumhachd ath-nuadhachail

22.02.2012

Is e seo an t-seachdain mu dheireadh gus beachdan a chur a-steach don rannsachadh aig Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd is Turasachd Pàrlamaid na h-Alba air cho ruigsinneach sa tha na targaidean aig Riaghaltas na h-Alba airson cumhachd ath-nuadhachail.

Sealladh ‘Bùth Aon-stad’ ga mholadh gus dèiligeadh ri bochdain connaidh

22.02.2012

Sealladh ‘Bùth Aon-stad’ ga mholadh gus dèiligeadh ri bochdain connaidh

Taisbeanadh ceud bliadhna a' comharrachadh gnìomhachas Uisge-beatha na h-Alba

20.02.2012

Fosglaidh taisbeanadh a tha a' rannsachadh eachdraidh gnìomhachas Uisge-beatha na h-Alba ann am Pàrlamaid na h-Alba san t-Samhain, chaidh ainmeachadh an-diugh.

Riaghailtean mu Bhuidhnean Tar-phàrtaidh gu bhith air an sgrùdadh

10.02.2012

Tha na riaghailtean mu na Buidhnean Tar-phàrtaidh (Cross Party Groups) aig Taigh an Ròid gu bhith air an sgrùdadh le comataidh aig a’ Phàrlamaid, chaidh a chur an cèill an-diugh.

Comataidh Sgrùdaidh Phoblaich air aithisg le sealladh farsaing air siostam a’ cheartais eucoraich fhoillseachadh

08.02.2012

Cha ghabh soirbheachadh no luach nan seirbheisean gus eucoir uair-is-uair a lùghdachadh ann an Alba socrachadh a rèir an fhiosrachaidh a chruinnich an Riaghaltas, tha aithisg bhon Phàrlamaid ag ràdh.

Comataidh Riaghaltais air taic a chur anns an fharsaingeachd ri tuarastal-mairsinn

03.02.2012

Tha Comataidh Riaghaltais Ionadail is Ùrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba air aithisg fhoillseachadh an-diugh a tha air taic a chur anns an fharsaingeachd ris an iomairt airson tuarastal-mairsinn.