01.11.2011
Tha comataidh Slàinte is Spòrs Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air gairm fianais fhoillseachadh, a’ sireadh bheachdan air prionnsabalan coitcheann Bile Deoch-làidir (Prìsean as lugha) (Alba), mar a chaidh a thoirt a-steach don Phàrlamaid le Riaghaltas na h-Alba 31 Dàmhair 2011.
Is e prìomh amas a’ Bhile prìs reachdail as ìsle a thoirt a-steach airson deoch-làidir. Chan fhaodadh deoch-làidir a bhith air a reic air prìsean nas ìsle na seo ann an àiteachan aig a bheil cead deoch-làidir a reic. Thèid a’ phrìs a stèidheachadh a rèir cho làidir sa tha an deoch, an uiread de dh’alcol anns gach deoch agus a rèir aonadan alcoil.
Gus an rannsachadh a chuideachadh, tha a’ chomataidh a’ sireadh fianais.