Iris Ghnothaichean
Tha Iris Ghnothaichean Pàrlamaid na h-Alba ga fhoillseachadh a h-uile madainn nuair a bhios a’ Phàrlamaid na suidhe. Bidh e a' toirt seachad fiosrachaidh mu ghnothaichean na Pàrlamaid an-dràsta, san ùine ri teachd is san àm a dh'fhalbh.
Aithisg Oifigeil
Is e an Aithisg Oifigeil an aithisg sgrìobhte làn is choileanta de ghnothaichean Pàrlamaid na h-Alba agus nan comataidhean aice.
Comataidhean
Tha na comataidhean aig cridhe obair na Pàrlamaid – a’ cruinneachadh fianais bho luchd-fianais, a’ sgrùdadh reachdas agus a’ dèanamh rannsachadh.
Bilean
‘S e a th’ ann am bile ach dreagh lagha. Faodaidh Riaghaltas na h-Alba, comataidhean pàrlamaideach, no ball fa leth den Phàrlamaid bile a thoirt a-steach.
An Seòmar
Tha an seòmar air a chleachdadh airson coinneamhan nam BPA ann am Pàrlamaid na h-Alba
Gluasadan is Atharrachaidhean
Faodaidh BPA sam bith ceist phàrlamaideach a chur air Riaghaltas na h-Alba no air Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba. Bidh BPA a’ cleachdadh gluasadan gus deasbad a thòiseachadh no gus gnìomh a mholadh.
Biùro na Pàrlamaid
Is e obair Biùro na Pàrlamaid a bhith a’ moladh agus ag atharrachadh prògram gnothaichean na Pàrlamaid agus a bhith a’ stèidheachadh raon-ùghdarrais agus ballrachd nan comataidhean.
Cinn-latha fosaidh
Seo greis nuair nach eil a’ Phàrlamaid na suidhe – nuair nach eil i air a sgaoileadh. Faigh a-mach na cinn-latha fosaidh air an duilleig seo.