Ceangail - pròiseact coimhearsnachd òigridh

Bithibh Leinn! Clàr-foghlaim Seisc-ri-Seisc

Thigibh Leinn!

Nuair a bhios sibh ag èisteachd ri òraid no taisbeanadh, am bi sibh a’ faireachdainn a-riamh gum bu mhath leibh an teachdaireachd a chur an cèill ann an an dòigh a tha nas inntinniche agus nas beothaile?

Mas e gum bi, tha feum aig Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid Òigridh na h-Alba air cuideachadh, beachdan is dealas bhuaibh gus ceangal a dhèanamh ri feadhainn eile eadar aig aois 16 gu 25.

Faodaidh ceangal atharrachadh a thoirt – mar a thug airson Gemma Mac an Tòisich (17), a rinn coiteachadh gus taic na b’ fheàrr fhaotainn airson na cloinne a tha mall san fhradharc, agus Amal Azzudin (21), a rinn coiteachadh an aghaidh cleachdadh nan ruaigean a’ chiad char sa mhadainn air tagraichean-tèarmainn leis nach do shoirbhich.

A thaobh Bithibh Leinn!

Is e a tha ann am Bithibh Leinn an clàr-foghlaim ùr seisc-ri-seisc againn.  Is e a tha ann an cothrom dhuibh fhèin cuideachadh gus tionnsgnadh ùr a chruthachadh is a lìbhrigeadh a bheir fiosrachadh mu Phàrlamaid na h-Alba do dhaoine.

Tha sinn a’ sireadh buidhnean dhaoine òga a tha ag iarraidh barrachd ionnsachadh mun Phàrlamaid is mu na cothroman na lùib - agus tha sinn ag iarraidh gun sgap iad an soisgeul. (Tha na buidhnean air an dèanamh suas le còignear eadar 16-25 bliadhna dh’aois agus aon obraiche-taice.)

Nì a’ chiad ìre den tionnsgnadh ceangal ri Taisbeanadh Sgeulachdan Siubhlach, leis an amas Bithibh Leinn! a sgaoileadh air feadh na h-Alba ceangailte ris an taisbeanadh seo.  

Ma tha sibh ag iarraidh barrachd fiosrachaidh air Bithibh Leinn, faodaidh sibh post-dealain a chur gu Frances Paulo san sgioba againn ri Foghlam is Com-pàirteachasan Choimhearsnachdan.