Teachdaireachd an Oifigeir Riaghlaidh

Chaidh Tricia Marwick BPA a thaghadh mar Oifigear-riaghlaidh air a’ Cheathramh Seisean de Phàrlamaid na h-Alba Diciadain 11 Cèitean 2011. Air an aon latha, chaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA agus Iain Scott BPA a thaghadh nan Leas-oifigearan Riaghlaidh.

Tha an earrann seo den làrach-lìn ag innse dhuibh beagan mu àite an Oifigeir-riaghlaidh, nan Leas-oifigearan riaghlaidh agus mu na prìomh dhleastanasan a tha aca.

Bidh an t-Oifigear-riaghlaidh a' cumail gun chlaonadh ann an seagh poilitigeach anns a h-uile nì a nì i, agus feumaidh na Leas-oifigearan cur an gnìomh gun chlaonadh cuideachd nuair a bhios na dleastanasan oifigeil a tha orra gan gabhail os làimh aca.

Is e an t-ullach as fhollaisiche a tha air na h-oifigearan-riaghlaidh dol sa chathair air seiseanan iomlan den Phàrlamaid anns an t-Seòmar-dheasbaid. Cuideachd, tha obair an Oifigeir-riaghlaidh a’ gabhail a-steach taghadh nan ceist a chuirear aig Àm-ceasnachaidh a’ Phrìomh Mhinisteir a h-uile seachdain, cho math ri taghadh nan ceistean is nan atharrachaidhean leasachail.

Tha trì uallachaidhean eile air an Oifigear-riaghlaidh, is e sin dol sa chathair air Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba is air Bureau na Pàrlamaid, agus a’ Phàrlamaid a riochdachadh aig an taigh is thall thairis.

Tha taic aig an Oifigear-riaghlaidh san obair aice bhon dithis Leas-oifigearan agus gheibh sibh a-mach barrachd mu na h-obraichean air fad aca le bhith a' briogadh air na ceanglaichean air an taobh chlì.