Sa Chathair air Biùro na Pàrlamaid

Aonan de na dleastanasan air an Oifigear Riaghlaidh is e dol sa chathair air Biùro na Pàrlamaid.

Tha a’ phrìomh obair aig Biùro na Pàrlamaid air a cur an cèill ann an Gnàth-riaghailtean na Pàrlamaid (Riaghailt 5.1) mar:

(a) clàr-gnothaich na Pàrlamaid a mholadh;

(b) atharrachaidhean air liosta a’ ghnothaich làitheil a mholadh;

(c) stèidheachadh, raon-ùghdarrais, ballrachd is beatha comataidh no fo-chomataidh sam bith a mholadh; agus

(d) ceist sam bith a thaobh comas comataidh gus gnothach a ghabhail ri cùis a shocrachadh agus, a' phrìomh chomataidh ainmeachadh mu cheist sam bith a bhios an urra ri barrachd air aon chomataidh.